Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1129
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1129. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 10 Mar 2021
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 825
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1129
Duration: 04:59
Litir 1129: Taigh Bhoth Fhleisginn (1)
An cuala sibh riamh mu Thaigh Bhoth Fhleisginn? Boleskine House. Tha e faisg air Foidhir, taobh Loch Nis. Ma chuala, tha mi a’ dèanamh dheth gun robh e ann an co-cheangal ri Aleister Crowley. ʼS e fear annasach a bh’ ann an Crowley. Bha e an sàs ann am ‘buidseachd’. Thig sinn thuige fhathast.
Ach tha mi airson innse dhuibh mu Bhoth Fhleisginn fhèin oir tha eachdraidh mhòr fhada aig an à ite. Feumaidh gun robh both no bothan ann uaireigin. Bha e co-cheangailte ri fleasgan – gadan no slatan – ʼs dòcha de sheileach no craobh dhen t-seòrsa sin. An robh am bothan air a thogail de fhleasgan? No an robh daoine a’ cruinneachadh fhleasgan anns a’ choille an sin?
Tha mi airson tuilleadh a rà dh mun fhacal fleasg. A bharrachd air ‘rod’ no ‘wand’, tha e a’ ciallachadh ‘garland’ no ‘sheaf’ no ‘wreath’ no eadhon crùn. Tha Dwelly a’ toirt seo dhuinn: fleasg òir ‘a crown of gold’.Ìý
Anns an t-seann aimsir, dh’fheumadh fear a neart a dhearbhadh, mar eisimpleir le bhith a’ togail chlachan troma ris an canadh daoine ‘clachan togail’. Bhiodh ‘fleasg’ air an duine an uair sin, agus ʼs e ‘fleasgach’ a bhiodh ann. Tha sinn a’ cleachdadh an fhacail fleasgach an-diugh airson duine òg eireachdail no fleasgach bainnse ‘the groom’s best man at a wedding’.Ìý
Tha Alasdair MacBheathain ag innse dhuinn, anns an fhaclair aige, gun deach an seann fhacal Ceilteach a bha coltach ri fleasg a-steach gu Fraingis. Tha ´Ú±ô賦³ó±ð ann am Fraingis a’ ciallachadh ‘saighead’. À ´Ú±ô賦³ó±ð, thà inig na faclan Beurla fletch agus fletcher – neach a nì saighdean. Agus on Bheurla, dh’èirich am facal Gà idhlig fleisdear – a’ ciallachadh neach a nì saighdean.
Co-dhiù, air ais gu Both Fhleisginn. Chaidh paraiste Bhoth Fhleisginn a chur air chois anns an treas linn deug. Thathar a’ smaoineachadh gun deach eaglais a thogail ann mun à m sin. Is cinnteach gum biodh cladh co-cheangailte rithe. Thathar ag innse stòiridh mu mhinistear anns an t-seachdamh linn deug a b’ fheudar na cuirp a chur air ais do na h-uaighean aca. Bha sin às dèidh do bhuidseach anns an sgìre na mairbh a dhèanamh beò a-rithist.
A rèir beul-aithris, chaidh an eaglais na smà l nuair a bha coitheanal na broinn, agus chaidh mòran daoine a mharbhadh. Cha deach an eaglais a thogail a-rithist. Chaidh Taigh Bhoth Fhleisginn a thogail na h-à ite.
B’ e an cinneadh a bu chumhachdaiche ann am Both Fhleisginn na Frisealaich. Bha iad co-cheangailte ri Clann ʼic Shimidh a bha stèidhichte faisg air a’ Mhanachainn. Leis gun robh cuid de na Frisealaich nan Seumasaich là idir, a dh’èirich ann an adhbhar a’ Phrionnsa, chaidh an taigh mòr aca ann an Eircheid, taobh Loch Nis, a sgrios an dèidh Blà r Chùil Lodair.Ìý
Chaidh an ceann-cinnidh, am Morair Mac Shimidh (‘An Seann Mhadadh’), a chur gu bàs ann an Lunnainn. Mean air mhean, fhuair Clann ʼic Shimidh an à ite air ais am measg uaislean Bhreatainn. B’ e Gilleasbaig Caimbeul Friseal fear de na gillean aig an t-Seann Mhadadh, agus ʼs e a thog Taigh Bhoth Fhleisginn, mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Taigh Bhoth Fhleisginn: Boleskine House; fleasg: withe, rod, wreath, sheaf, crown; fleasgach: young man (usually good-looking), best man (at a wedding); Alasdair MacBheathain: Alexander Macbain; fleisdear: fletcher, arrow-maker.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: faisg air Foidhir, taobh Loch Nis: near Foyers on Loch Ness-side; bha e an sàs ann am ‘buidseachd’: he was involved in ‘witchcraft’; thig sinn thuige fhathast: we’ll come to him yet; dh’fheumadh fear a neart a dhearbhadh: a man would have to prove his strength; chaidh paraiste Bhoth Fhleisginn a chur air chois: the parish of Boleskine was established; a b’ fheudar na cuirp a chur air ais do na h-uaighean aca: who had to return the bodies to their graves; às dèidh do bhuidseach anns an sgìre na mairbh a dhèanamh beò a-rithist: after a local wizard had brought the dead to life again; chaidh an eaglais na smà l nuair a bha coitheanal na broinn: the church burned down when a congregation was inside; b’ e an cinneadh a bu chumhachdaiche na Frisealaich: the most powerful clan was the Frasers; bha iad co-cheangailte ri Clann ʼic Shimidh a bha stèidhichte faisg air a’ Mhanachainn: they were linked to the Frasers of Lovat who were based near Beauly; leis gun robh cuid de na Frisealaich nan Seumasaich: since some of the Frasers were Jacobites; a dh’èirich ann an adhbhar a’ Phrionnsa: who rose in the Prince’s cause; chaidh an taigh mòr aca ann an Eircheid a sgrios an dèidh Blà r Chùil Lodair: their estate house in Erchite was destroyed after the Battle of Culloden; an ceann-cinnidh, am Morair Mac Shimidh (‘An Seann Mhadadh’): their clan chief, Fraser of Lovat (‘The Old Fox’); am measg uaislean Bhreatainn: among the British gentry; b’ e Gilleasbaig Caimbeul Friseal fear de na gillean aig X: Archibald Campbell Fraser was one of X’s sons.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Is cinnteach gum biodh cladh co-cheangailte rithe: It’s certain that a cemetery would be connected to it [eaglais is fem]. Is cinnteach (often shortened to ʼS cinnteach) is a good way to express certainty in a passive manner i.e. without saying who is certain [i.e. without saying eg ‘tha mi cinnteach’]. Another way of doing this would be to use the expression le cinnt ‘with certainty’. Bhiodh cladh co-cheangailte rithe, le cinnt.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: tha mi a’ dèanamh dheth: I reckon.
Broadcasts
- Sun 7 Mar 2021 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 10 Mar 2021 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.