Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1125
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1125. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 10 Feb 2021
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 821
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1125
Duration: 05:00
Litir 1125: Iseabail Gowdie (3)
Bha mi ag innse dhuibh mun ‘bhana-bhuidsich’ Iseabail Gowdie. Dh’aidich i gun robh i an sàs ann am buidseachd. Nuair a bha i ann an cruth maighich, nam biodh cù ga bìdeadh, bhiodh na lotan rim faicinn air a’ bhoireannach fhèin nuair a bha i air ais ann an cruth daonna. Co-dhiù, sin a thuirt i fhèin ris na fir a bha ga ceasnachadh mu bhuidseachd anns a’ bhliadhna sia ceud deug, seasgad ʼs a dhà (1662). ʼS dòcha gur e an rud a bu chronaile a thuirt i, gun robh cà irdeas feiseil eadar na bana-bhuidsichean agus an Donas.
Chuir an luchd-ceasnachaidh tagradh don Chomhairle Dhìomhair ann an Dùn Èideann – buidheann chumhachdach. Bha iad dhen bheachd gun robh fianais gu leòr aca airson Gowdie agus boireannach eile – Seònaid Breadhead – a dhìteadh air casaidean de bhuidseachd.
Bha a’ Chomhairle Dhìomhair air fios a chur a-mach, ge-tà , nach fhaodadh ciùrradh a bhith mar phà irt de phròiseas a chuireadh neach air beulaibh cùirte airson buidseachd. Ann an cùis Gowdie is Breadhead, thuirt a’ Chomhairle nach bu chòir dhaibh a bhith air am faighinn ciontach nam biodh iad à s an rian. Thathar a’ smaoineachadh gun deach Gowdie a chur gu bà s, ged nach eil sin ³Ü¾±±ô±ð-²µ³Ü-±ôè¾±°ù soilleir. Mar a bha mi ag innse dhuibh o chionn ceala-deug, bidh muinntir an à ite a’ comharrachadh cnoc far an robh i, a rèir beul-aithris, air a losgadh gu bà s.
Tha cuid amharasach mu na cunntasan aig Gowdie de chruth-atharrachadh, Banrigh nan Sìthichean agus an Donas fhèin. Tha iad ag rà dh gu bheil iad uabhasach coltach ris na chanadh na seanchaidhean. An robh Iseabail dìreach ag aithris stuth à sgeulachdan a bhuineadh don dualchas? ʼS dòcha gun robh i a’ sireadh lasachadh anns a’ pheanas a gheibheadh i le bhith ag ‘aideachadh’ gun robh i ri buidseachd.
Tha cuid eile an amharas gun robh Gowdie a’ fulang le tinneas inntinn. Gu h-ionadail, timcheall Allt Èireann, tha beachd ann gun robh i a’ fulang le tinneas air a bheil ergotism. Gheibh daoine e le bhith ag ithe fungas a tha a’ fà s air lusan arbhair. Agus tha feadhainn eadhon ag rà dh gur dòcha gun deach a h-èigneachadh le saighdearan a bha anns an sgìre ri linn Bhlà r Allt Èireann – agus gun do dh’adhbharaich sin tinneas na h-inntinn.Ìý
Cò aige tha fios dè an fhìrinn a th’ ann. Tha e soilleir, ge-tà , gu bheil an cunntas aig Iseabail Gowdie mu a beatha mar ‘bhana-bhuidseach’ am measg nan cunntasan as iongantaiche de a leithid a th’ againn.Ìý
Anns an latha an-diugh, tha i ainmeil gu leòr. Chaidh ceithir nobhailean a sgrìobhadh mu a deidhinn. Chruthaich an sgrìobhaiche-ciùil Seumas Mac a’ Mhaoilein pìos-ciùil airson orcastra air a bheil ‘The Confession of Isobel Gowdie’.
Ach, airson dà cheud bliadhna an dèidh a bà is, cha robh i ainmeil idir. Ann an ochd ceud deug, trithead ʼs a trì (1833), ge-tà , chaidh na h-aideachaidhean aice fhoillseachadh anns an leabhar ‘Ancient Criminal Trials in Scotland’ le Raibeart Pitcairn.Ìý
Tha sin gam thoirt air ais gu Downie Hill, a chaidh a shealltainn dhomh le caraid, mar a mhìnich mi o chionn ceala-deug. ’S e sin cnoc far an do choinnich Iseabail ris na sìthichean, a rèir beul-aithris. Tha cuid a’ cumail a-mach gum bithear ga faicinn fhathast agus gur e an taibhse aice ‘Am Boireannach Uaine’ a chì daoine timcheall Allt Èireann bho à m gu à m.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: luchd-ceasnachaidh: interrogators; o chionn ceala-deug: a fortnight ago; amharasach: suspicious; cruth-atharrachadh: shapeshifting; Banrigh nan Sìthichean: The Queen of the Fairies; seanchaidhean: shennachies, keepers of tradition; tinneas inntinn: mental illness; Blà r Allt Èireann: The Battle of Auldearn; sgrìobhaiche-ciùil: [musical] composer; na h-aideachaidhean aice: her confessions; Am Boireannach Uaine: The Green Woman.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ann an cruth maighich: in the form of a hare; nam biodh cù ga bìdeadh, bhiodh na lotan rim faicinn: if a dog was biting her, the wounds would be seen; ann an cruth daonna: in human form; na fir a bha ga ceasnachadh mu bhuidseachd: the men who were questioning her about witchcraft; an rud a bu chronaile: the most damaging thing; cà irdeas feiseil eadar na bana-bhuidsichean agus an Donas: sexual relations between the witches and the Devil; gun robh fianais gu leòr aca airson X a dhìteadh air casaidean de bhuidseachd: that they had enough evidence to convict X on charges of witchcraft; nach fhaodadh ciùrradh a bhith mar phà irt de phròiseas a chuireadh neach air beulaibh cùirte airson buidseachd: that torture could not be part of a process that would put a person in front of a court for witchcraft; nach bu chòir dhaibh a bhith air am faighinn ciontach: that they should not have been found guilty; nam biodh iad às an rian: if they were insane; bidh muinntir an à ite a’ comharrachadh cnoc far an robh i air a losgadh gu bà s: local people will point out a hill where she was burned to death; sgeulachdan a bhuineadh don dualchas: stories that belonged to the heritage; lasachadh anns a’ pheanas a gheibheadh i: a lessening of the punishment she would receive; fungas a tha a’ fàs air lusan arbhair: a fungus that grows on cereal plants; gur dòcha gun deach a h-èigneachadh: that perhaps she was raped; am measg nan cunntasan as iongantaiche de a leithid a th’ againn: among the most amazing accounts of the like that we have; gum bithear ga faicinn fhathast: that she is still seen.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha a’ Chomhairle Dhìomhair air fios a chur a-mach: the Privy Council had sent out information [instructions]. This is the type of construction which we use to make the pluperfect or past perfect tense (corresponding to ‘had done’ in English). The preposition air here does not mean ‘on’ but instead means ‘after, behind’. It was originally iar. Bha mi air a dhèanamh = ‘I was after doing it’ ie I had done it.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ged nach eil sin ³Ü¾±±ô±ð-²µ³Ü-±ôè¾±°ù soilleir: although that is not entirely clear.
Broadcasts
- Sun 7 Feb 2021 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 10 Feb 2021 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.