Main content

Episode 7

Lannsaireachd ortopàideach air coin, cat-fiadhaich Albannach agus trioblaidean le uain. Orthopedic surgery on dogs, a potential Scottish wildcat and trouble at lambing time.

Anns an t-sreath seo coinnichidh sinn ri lighichean-sprèidh bho air feadh Alba is iad ri frithealadh iomadach seòrsa beathach beag is mòr, peatail agus fiadhaich. Bidh sgeulachdan toileachais agus bròin pailt agus sinn a’ coinneachadh ris gach creutair beò.

An t-seachdain-sa, 's e lannsair ortopàideach a th' ann an Scott Rigg agus tha e a' dèiligeadh ri Labradaor cuagach. Ach tha cùis èiginn a’ nochdadh, tarbh-chù Frangach a tha a' fulang droch thrioblaid le a cnàimh-droma agus feumar lannsaireachd a dhèanamh sa bhad.

Aig Pàirce Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd tha Jane Harley a’ sgrùdadh cat a chaidh a thoirt a-steach, is dh'fhaodadh gur e cat-fiadhaich Albannach a th' ann. 'S e glè bheag dhiubh a th' air fhàgail mu sgaoil.

Agus, ann am Beinn na Faoghla, tha Ealasaid Dick air a gairm gu croit air taobh siar an eilein oir tha trioblaid air a bhith aig a' chroitear le cuid dhen treud aige.

This series takes viewers on a journey across Scotland following vets as they tend to animals from small to large to very wild. Stories of joy and stories of sadness as we meet all creatures great and small.

Vet Scott Rigg is an orthopedic surgeon and is treating a lame labrador when an emergency case comes in - a French bulldog with a serious spinal problem. A CT scan shows that she needs immediate surgery, which means the team working into the evening.

At Highland Wildlife Park, Jane Harley is examining a cat that has been brought to the Park that could be a Scottish wildcat. They are an endangered species and it would be a valuable find if this turns out to be a candidate for the Park’s conservation breeding programme.

And in Benbecula, Ealasaid Dick has been called out as a crofter on the west of the island is having some problems with his flock at lambing time.

In Gaelic with English subtitles

5 weeks left to watch

29 minutes

Clip

Credits

Role Contributor
Executive Producer Ishbel Maclennan
Series Producer Patricia Macleod
Director Scott Brown
Editor Jonny Craigmile

Broadcasts