LÃ rach Cogaidh - dithis a bha san arm aig El-Alamein
Dithis, fear dhiubh na phìobaire, a bha san dà rna 51st Highland Division aig El Alamein. Ewan MacDonald and John Maclean, who both fought at El Alamein, tell their story.
Air Seachdain Cuimhneachaidh tha sinn a' comharrachadh gu bheil 75 bliadhna bho sguir an DÃ rna Cogaidh 's a seo 's e sgeulachd muinntir an airm a tha sinn a' faighinn.
Air feasgar geamhraidh ann an 1983 chuir Eòghainn Dòmhnallach, Eòghainn Ghilleasbuig Ruairidh, à Hòstadh ann an Uibhist a Tuath, fà ilte air seann charaid gu a dhachaigh air taobh an iar Ghlaschu. B’ esan Seonaidh MacIllEathain, neo Seonaidh Sìneag mar a b’ fheà rr a b’ aithne e, à Gobhlair faisg air Hoghaigearraidh. Seann eòlaich a dh’ fhàs suas faisg air a chèile is a chaidh dhan sgoil còmhla nan òige, ach ’s beag an dùil an uair sin ris na bha an dà n dhaibh.
Mar bhall de na Territorials chaidh Seonaidh a thogail dhan arm nuair a chaidh an Dà rna Cogadh a ghairm san t-Sultain 1939 agus aig fichead bliadhna a dh’aois 'liostaig' Eòghainn toiseach 1942 an dèidh a' chiad bhliadhna an Oilthigh Ghlaschu a chrìochnachadh. Choinnich iad às ùr ann an campa nan Camshronach ann an Obair Dheathain, nam pà irt den dà rna Feachd Rèisimeid Gà idhealach, a 51st Highland Division. Bha iad uile mothachail air mar a chaidh a' chiad 51st a chur an grèim san Ògmhios 1940 aig St Valery, a’ fà gail cheudan bhalaich Ghà idhealach is eile nam prìosanaich cogaidh eadar a’ Ghearmailt agus a’ Phòlainn.
Bha iad air toiseach slighe a dh’fhà gadh là rach cogaidh air an còrr dem beatha, a' sabaid aig El Alamein am measg blà ir eile. Dh' innis iad mar a thachair do dh' Ailean Caimbeul ann an 1983.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 3 Nov 2020 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Tue 3 Nov 2020 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Nov 2020 10:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal