Main content

An Litir Bheag 788

Litir Bheag na seachdain sa le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 788. Roddy Maclean is back with this week's short letter for Gàidhlig learners.

Available now

4 minutes

Last on

Sun 21 Jun 2020 16:00

Clip

An Litir Bheag 788

Bha mi ag innse dhuibh mu Uilleam Uallas. Tha na cunntasan agam mu dheidhinn às an leabhar ‘Eachdraidh na h-Alba’. 

Latha a bha seo, agus e a’ fuireach ann an Inbhir Àir, chaidh Uilleam a dh’iasgach anns an abhainn. Bha e fhèin is balach a’ tilleadh dhachaigh le basgaid làn bhreac. Thàinig dithis no triùir shaighdearan Sasannach nan rathad. 

Dh’iarr na saighdearan air na h-Albannaich a’ bhasgaid agus na h-èisg a thoirt dhaibh. Bha Uallas deònach roinn de na bric a thoirt dhaibh. Ach cha robh na saighdearan riaraichte le sin. Chaidh an dol a-mach eatarra gu buillean. 

Le ceann reamhar na slait-iasgaich aige, thug Uilleam buille air fear de na saighdearan na cheann. Thuit e marbh. Thog Uilleam claidheamh an duine agus rinn e air na saighdearan eile. Theich iad. Ach b’ fheudar do dh’Uilleam falbh gu sgìre eile.

Bliadhna an dèidh sin, bha Uilleam pòsta. Bha e a’ fuireach ann am baile Lannraig. Latha a bha seo, bha e a’ coiseachd anns a’ bhaile còmhla ri caraidean. Bha deise uaine air.

Thàinig saighdear Sasannach. Thòisich e air magadh air deise Uilleim. Cha robh Uallas ag iarraidh a bhith an sàs ann an sabaid. Ach thàinig tuilleadh shaighdearan, agus bha iad uile a’ magadh air. Mu dheireadh, bhuail fear dhiubh ceann na truaill anns an robh an claidheamh aig Uallas. Tharraing an t-Albannach a chlaidheamh. Chuir e an saighdear gu talamh le aon bhuille.

Bha sabaid ann. Ràinig Uallas a dhachaigh, le taic a charaidean. An uair sin, a-mach leis air an doras chùil. Chaidh e am falach ann an coille. 

Rinn an riaghladair Sasannach, Heselrig, dìoghaltas air. Loisg e taigh Uallais agus chuir e a bhean gu bàs. Theich ban-òglach aice don choille. Dh’inns i a h-uile nì do Uallas agus do a luchd-leanmhainn.

‘Cha bhi fois agam gus an dèan mi dìoghaltas,’ thuirt Uallas. Air an oidhche sin, thionail e trithead fear. Chaidh iad gu sàmhach don bhaile. Ràinig iad taigh an riaghladair. Bha staidhre eadar an t-sràid agus seòmar-cadail an riaghladair. Dhìrich Uallas an staidhre. Agus innsidh mi dhuibh na thachair anns an ath Litir.

The Little Letter 788

I was telling you about William Wallace. My accounts of him are from the book ‘The History of Scotland’.

One day, when he was living in Ayr, William went fishing in the river. He and a lad were returning home with a basket full of trout. Two or three English soldiers came over.

The soldiers asked the Scots to give them the basket and the fish. Wallace was willing to give them a share of the trout. But the soldiers weren’t satisfied with that. Their exchange came to blows.

With the thick end of his fishing rod, William struck one of the soldiers on his head. He fell dead. William took the man’s sword and made for the other soldiers. They fled. But William had to leave for another area.

A year later, William was married. He was living in Lanark. One day, he was walking in the town along with friends. He had a green suit on.

An English soldier came. He started to mock William’s suit. Wallace did not want to be involved in a fight. But more soldiers came, and they were all mocking him. Finally, one of them struck the head of the scabbard in which sat Wallace’s sword. The Scot drew his sword. He put the soldier down with one blow.

There was a fight. Wallace reached his house, with the help of his friends. Then, out he went through the back door. He hid in a wood.

The English governor, Heselrig, got revenge on him. He burned Wallace’s house and killed his wife. A maidservant of hers went to the wood. She told Wallace and his followers everything. 

‘I shall not rest until I have revenge,’ said Wallace. That night, he gathered thirty men. They went quietly to the town. They reached the house of the governor. There was a stair between the street and the governor’s bedroom. Wallace ascended the stair. And I’ll tell you what happened in the next Litir.

Broadcast

  • Sun 21 Jun 2020 16:00

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast