Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1089
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1089. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 3 Jun 2020
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 785
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1089
Duration: 05:00
Litir 1089: Iain mac 'an Mhòir, murtair (1)
Ge b’ e a dhòirteas fuil duine, le duine »åò¾±°ù³Ùear fhuil-san. A bheil sibh eòlach air an abairt sin? Tha i à s a’ Bhìoball. ʼS e an earrann gu lèir: Ge b’ e a dhòirteas fuil duine, le duine »åò¾±°ù³Ùear fhuil-san, oir ʼs ann an dealbh Dhè a rinn e an duine. Tha e a’ nochdadh gu math trà th anns an t-Seann Tiomnadh, ann an Genesis Caibideil IX, Rann 6.Â
Carson a tha mi a’ tòiseachadh le sin? Uill, bha mi a’ leughadh seann chunntas de mhurt air a’ Ghà idhealtachd, agus chrìochnaich an cunntas leis an earrainn sin à Leabhar Genesis. Chì sinn carson, nuair a thig an cunntas agam fhìn gu crìch.
Thachair e ann an sia ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1643) ann am paraiste Chnoc Mhoire faisg air a’ Mhanachainn. Bha uachdaran ann am Fionn Ghasg, no mar a chanadh na Gà idheil anns an sgìre sin, ‘Fionn-uisg’. ʼS e Sìm Friseal an t-ainm a bh’ air.
Bha fear ann ris an canadh iad Iain mac ʼan Mhòir a bha ag obair dha. Chan e duine onarach a bh’ ann.
Latha a bha seo, bha Iain mac ʼan Mhòir a’ bualadh arbhar. Aig deireadh latha-obrach mar sin, bhiodh cead aige connlach a thoirt dhachaigh leis. Ach, gu tric, am broinn na connlaich, chuireadh e sìl eòrna am falach. Bha e a’ goid an eòrna a bhuineadh do a mhaighstir. An latha seo, gu mì-fhortanach dha, thuit am poca de dh’eòrna às a’ bhad chonnlaich aige.
Bha gille, a bha ag obair don aon uachdaran, faisg air là imh, agus chunnaic e na thachair. B’ esan Dòmhnall mac Uilleim. Rinn Dòmhnall trod ri Iain airson a bhith eas-onarach. ‘Chuir ar maighstir earbsa annad, Iain,’ thuirt an gille, ‘agus tha thu a’ briseadh sin.’
Bha an t-eagal air Iain gum faigheadh e a leabhraichean nan cluinneadh an t-uachdaran mun ghnothach. Chuir e plana ri chèile airson Dòmhnall a mhurt. Chaidh e thuige. ‘Lorg mi ròn mòr marbh air a’ chladach,’ thuirt e. ‘Chan eil fios aig duine eile mu dheidhinn, ach mo bhrà thair-chèile, Iain MacCoinnich. Carson nach tig thu còmhla rinn, agus gheibh sinn uile an treas cuid dhen chlosach.’Â
Cha do thuig Dòmhnall an cunnart san robh e. Thachair an dithis ri Iain MacCoinnich aig a’ chars – ʼs e sin am fearann còmhnard bog ri taobh Linne Fharair. Gun rabhadh, thug Iain mac ʼan Mhòir biodag a-mach, agus shà th e an gille tro a chridhe. A rèir choltais, cha do thuig Iain MacCoinnich gur e murt a bha fa-near dhaibh. Bha an t-eagal air gun canadh a bhrà thair-chèile gun robh esan cuideachd an sàs anns an droch ghnothach.
Thuirt Iain mac ʼan Mhòir ris, ‘Sà th thusa e, Iain. Bidh thu fhèin a cheart cho ciontach ʼs a tha mise.’ Feumaidh gun robh Iain MacCoinnich dhen bheachd nach robh roghainn aige. No ʼs dòcha dìreach gur e droch isean a bh’ ann fhèin. Shà th esan an gille cuideachd, gus an robh e gu cinnteach marbh.
Ghiùlain an dithis corp a’ ghille sìos gu cladach a’ chars. Cha robh duine a’ fuireach an sin, agus chan fhaca duine iad. Bha an là n a-mach. Dh’fhà g iad corp Dhòmhnaill air a’ chladach, an dùil gum biodh e air a sguabadh air falbh leis an tìde-mhara. Ach dè thachair? Innsidh mu dhuibh anns an ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Fionn Ghasg: Fingask; Sìm Friseal: Simon Fraser; Iain mac ʼan Mhòir: John, the son of big John; Dòmhnall mac Uilleim: Donald, son of William; ròn: seal.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Tha e às a’ Bhìoball: it’s out of the Bible; oir ʼs ann an dealbh Dhè a rinn e an duine: for in the image of God has God made mankind; trà th anns an t-Seann Tiomnadh, ann an Genesis Caibideil IX, Rann 6: early in the Old Testament, in Genesis Chapter IX, Verse 6; chrìochnaich an cunntas leis an earrainn sin: the account finished with that passage; nuair a thig an cunntas agam fhìn gu crìch: when my own account finishes; paraiste Chnoc Mhoire faisg air a’ Mhanachainn: the parish of Kirkhill (Wardlaw) near Beauly; bhiodh cead aige connlach a thoirt dhachaigh leis: he would have permission to take straw home with him; thuit am poca de dh’eòrna às a’ bhad chonnlaich aige: his bag of barley fell out of his pile of straw; rinn Dòmhnall trod ri Iain airson a bhith eas-onarach: Donald scolded John for being dishonest; chuir ar maighstir earbsa annad: our master put his trust in you; gum faigheadh e a leabhraichean nan cluinneadh an t-uachdaran mun ghnothach: that he would get his books (the sack) if the landlord heard about the matter; gheibh sinn uile an treas cuid dhen chlosach: we’ll all get a third part of the carcase; aig a’ chars – ʼs e sin am fearann còmhnard bog ri taobh Linne Fharair: at the carse – that’s the flat, soft ground beside the Beauly Firth; thug X biodag a-mach, agus shà th e an gille tro a chridhe: he produced a dirk, and he stabbed the lad through the heart; gur e murt a bha fa-near dhaibh: that their intention was murder; bha an là n a-mach: the tide was out; an dùil gum biodh e air a sguabadh air falbh leis an tìde-mhara: expecting it to be swept away by the tide.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Ge b’ e a dhòirteas fuil duine, le duine »åò¾±°ù³Ùear fhuil-san: Whoever sheds human blood, by humans shall their blood be shed. Duine here is a generic term so fuil duine means ‘blood of a human’. ¶Ùò¾±°ù³Ù±ð²¹°ù is the future passive form of »åò¾±°ù³Ù ‘pour, spill’, translated as ‘shed’ in many English versions of the Bible. ¶Ùò¾±°ù³Ù±ð²¹°ù means ‘will be poured, spilled, shed’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: chuireadh e sìl eòrna am falach: he would hide barley seed.
Broadcasts
- Sun 31 May 2020 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 3 Jun 2020 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.