Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1084

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1084. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 29 Apr 2020 23:00

Clip

Litir 1084: An Gobha Ruadh agus Dòmhnall an Òir (1)

A bheil sibh eòlach air an t-seann làmh-sgrìobhainn ris an canar Làmh-sgrìobhainn Chnoc Mhoire no The Wardlaw Manuscript? Bha i air a sgrìobhadh ann am meadhan an t-seachdamh linn deug. Tha i ag innse tòrr mu eachdraidh Chlann ’ic Shimidh – no mar a chanas iad ann am Beurla, the Frasers of Lovat. Tha mi airson stòiridh innse dhuibh a nochdas anns an làmh-sgrìobhainn – naidheachd mu rudeigin annasach a thachair anns an sgìre sin o chionn fhada.

Bha fear ann uaireigin air an robh an Gobha Ruadh. B’ e sin am far-ainm a bh’ air, co-dhiù. ’S e fear buadhach a bh’ ann. Anns an t-Sultain, sia ceud deug is ceathrad (1640), dh’iarr e air fear de na sgalagan aige, Dòmhnall MacAlasdair, gadan droighinn fhaighinn dha. Chaidh Dòmhnall gu preas droighinn siar air ubhal-ghort Lobhat. Shreap e suas anns a’ chraoibh ach thuit an sgian às an làimh aige.

Nuair a bhuail an sgian anns an talamh, rinn i gliongadaich mar gun robh i air bualadh ann am meatailt. Nuair a thog Dòmhnall an sgian aige, mhothaich e gun robh i air bualadh ann am poit-chrèadha a bha còmhdaichte le còinneach. Chladhaich e a’ phoit a-mach. Bha a’ phoit làn òir.

Cha tug Dòmhnall leis ach fàinne. Dhùin e a’ phoit agus chuir e air ais i. Lean e air le bhith a’ gearradh ghadan airson a’ ghobha, agus chaidh e air ais don cheàrdaich. Nise, cha b’ e Dòmhnall an cuilean a bu ghlice san àl. Nuair a ràinig e a’ cheàrdach, bha nighean aig a’ ghobha a’ fuine aran aig an teine.

‘Trobhad seo, a Sheònaid,’ arsa Dòmhnall, ‘thoir dhomh bonnach no dhà agus bheir mise fàinne bhrèagha dhut.’

Thug Seònaid bonnaich gu leòr dha, agus thug Dòmhnall an fhàinne dhi. Tha fhios gun robh an nighean toilichte.

Uill, thill an Gobha Ruadh dhachaigh. Chunnaic e an fhàinne òir air corrag – mac an aba – a nighinn.

‘Càite an d’ fhuair thu an fhàinne bhrèagha sin?’ dh’fhaighnich e.

‘O Dhòmhnall MacAlasdair,’ fhreagair i.

Chaidh an gobha a bhruidhinn ri Dòmhnall an uair sin. Fhuair e a-mach clubhair mun òr a lorg an sgalag nuair a leig e an sgian.

‘Cùm sàmhach mu dheidhinn seo,’ thuirt an gobha. ‘Dèan d’ obair agus na can guth ri duine. Aig deireadh an latha, thèid sinn ann còmhla.’

Dh’fhalbh Dòmhnall a dh’obair. Cha do thuig e nach robh an Gobha Ruadh onarach. Dh’fhalbh an gobha don phreas droighinn. Fodha, chunnaic e a’ phoit. Thog e i, agus gu dearbh fhèin, bha i làn òir.

Dh’fhalbh an gobha dhachaigh leis a’ phoit. Chuir e am falach i ann an ciste ghlaiste. Aig deireadh an latha-obrach, chaidh e far an robh Dòmhnall. ‘Sin thu, a Dhòmhnaill,’ thuirt e, ‘rachamaid sìos don phreas, agus lorgaidh sinn a’ phoit a tha làn ulaidh.’

‘Ceart gu leòr,’ dh’aontaich Dòmhnall, agus e gun amharas. Nuair a ràinig an dithis am preas, cha robh sgeul air a’ phoit. Cha robh ann ach sloc beag far an robh a’ phoit air a bhith. ‘Ach bha i an seo,’ thuirt Dòmhnall le cinnt.

‘Ist,’ thuirt am fear eile, ‘cha robh ann ach aisling. Chan fhaca tu poit an seo. Cha robh òr an seo ann! Na can ri duine gun robh.’ Agus dè thachair an uair sin? Gheibh sibh a-mach anns an ath Litir.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Làmh-sgrìobhainn Chnoc Mhoire: The Wardlaw Manuscript; Clann ’ic Shimidh: The Frasers of Lovat; far-ainm: nickname; shreap: climbed; fàinne òir: gold ring; mac an aba: ring finger; fodha: under it.Ìý

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: naidheachd mu rudeigin annasach a thachair anns an sgìre sin o chionn fhada: an anecdote about a strange thing that happened in that area a long time ago; bha fear ann uaireigin air an robh an Gobha Ruadh: there was once a man called the red-haired blacksmith; ’s e fear buadhach a bh’ ann: he was an influential man; dh’iarr e air fear de na sgalagan aige gadan droighinn fhaighinn dha: he asked one of his servants/lackeys to get him withes of blackthorn; preas droighinn siar air ubhal-ghort Lobhat: a blackthorn bush west of the Lovat orchard; thuit an sgian às an làimh aige: the knife fell from his hand; rinn i gliongadaich mar gun robh i air bualadh ann am meatailt: it made a clinking sound as if it had hit metal; poit-chrèadha a bha còmhdaichte le còinneach: a clay pot that was covered in moss; chaidh e air ais don cheàrdaich: he went back to the smiddy; cha b’ e Dòmhnall an cuilean a bu ghlice san àl: Donald wasn’t the wisest puppy in the litter; a’ fuine aran: baking bread; cùm sàmhach mu dheidhinn seo: keep quiet about this; dèan d’ obair agus na can guth ri duine: do your work and don’t say anything to anybody; aig deireadh an latha, thèid sinn ann còmhla: at the end of the day, we’ll go there together; chuir e am falach i ann an ciste ghlaiste: he hid it in a locked chest; chaidh e far an robh Dòmhnall: he went to where Donald was; rachamaid sìos don phreas: let’s go down to the bush; lorgaidh sinn a’ phoit a tha làn ulaidh: we’ll find the pot that is full of treasure; cha robh ann ach aisling: it was just a dream; cha robh òr an seo ann: there was no gold here.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Trobhad seo. This phrase literally means ‘come here’ and this is how it is often used ie when you want somebody to come towards you physically. But it can also be used as a phrase to gain somebody’s attention so that you can tell them something – perhaps even confidential. We might translate it as ‘listen in’. You’ll also hear trobhad ort used in the same way.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Fhuair e a-mach clubhair mun òr: he found out quickly about the gold. This idiom is not present in every dialect.

Broadcasts

  • Sun 26 Apr 2020 22:30
  • Wed 29 Apr 2020 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast