Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1069
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1069. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 15 Jan 2020
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 765
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1069
Duration: 05:00
Litir 1069: Briathrachas Seòlaidh
ʼS fhìor thoigh leam seòladh, gu h-à raidh eadar na lochan-mara agus na h-eileanan air taobh an iar na Gà idhealtachd. Airson sgilean seòlaidh ionnsachadh, rinn mi grunn chùrsaichean fo sgèith Comann Rìoghail na Luingearachd – ‘neach-sgioba comasach’ agus ‘sgiobair-latha’ is mar sin air adhart. Agus, mar a thuigeas sibh, ʼs ann ann am Beurla a bha an t-oideachadh air fad. Mar sin, chan eil mi cho fileanta ann an cà nan is briathrachas seòlaidh ann an Gà idhlig ʼs a bu mhath leam a bhith.
An latha eile, ge-tà , thà inig mi tarsainn air abairtean feumail ann an leabhran a thug m’ athair dhomh – The Tourists Hand-book of Gaelic and English Phrases – a nochd ann an clò o chionn còrr math is ceud bliadhna. Bha e air a chur ri chèile le Mà iri NicEalair à Loch Abar, bana-Ghà idheal chliùiteach a bha na bà rd do Chomunn Gà idhlig Inbhir Nis. Sgrìobh mi mu Mhà iri ann an Litir 76.Ìý
Bha an leabhran – a tha ri fhaighinn cuideachd air an eadar-lìon – airson luchd-turais a bha a’ tighinn don Ghà idhealtachd airson spòrs air a’ bhlà r a-muigh. Aig an à m sin, bha tòrr dhen luchd-obrach air na h-oighreachdan Gà idhealach gun Bheurla, agus bhiodh an luchd-turais – no feadhainn aca – ag ionnsachadh abairtean Gà idhlig airson bruidhinn riutha.
Agus seo cuid de na h-abairtean a thagh Mà iri airson an leabhrain. Mach am bà ta. Out with the boat. Mach am bà ta. Suas an seòl. Up with the sail. Suas an seòl. Gabh an stiùir. Take the helm. Gabh an stiùir.Ìý
ʼS e ²õ²µÃ²»å a chanas sinn ri ròp a tharraingeas air seòl airson a theannachadh no a lasachadh. Thà inig am facal on t-Seann Lochlannais. Ann am Beurla, ʼs e sheet a chanas sinn. Airson ‘haul the sheet’, canaidh sinn ‘tarraing an ²õ²µÃ²»å’ ann an Gà idhlig. Tarraing an ²õ²µÃ²»å. Tarraing teann e ‘haul it taught’. Tarraing teann e. Lasaich e ‘slacken it’. Lasaich e. Bi ealamh ‘be quick’. Bi ealamh.
Tha briathrachas a bharrachd mu a leithid ann am Faclair Dwelly. Mar eisimpleir – ²õ²µÃ²»å an t-siùil thoisich ‘foresail sheet’, ²õ²µÃ²»å an t-siùil-spreòid ‘jibsheet’ agus ²õ²µÃ²»å an t-siùil mheadhain ‘mainsheet’.
Airson ‘down with the sail’, tha Mà iri ag innse dhuinn gu sìmplidh ‘Nuas an seòl’. Chan eil i ag innse dhuinn dè a’ Ghà idhlig a th’ air halyard, ròp leis am bithear a’ togail no a’ leagail seòl. Tha Dwelly ag innse dhuinn gur e tarraing a th’ ann; tarraing an t-siùil thoisich ‘foresail halyard’. An à ite a bhith ag rà dh ‘Tarraing an tarraing’ airson ‘haul on the halyard’, ge-tà , bhiodh e na bu choltaiche gun canamaid ‘suas an seòl’ no ‘tog an seòl’ airson ‘raise the sail’, agus ‘nuas an seòl’ no ‘leag an seòl’ airson ‘drop the sail’.
Ma dh’fhalbhas a’ ghaoth, ma dh’fhà sas i ro chiùin airson seòladh, seo sreath abairtean bhon leabhran a dh’fhaodadh a bhith feumail: Nuas an seòl. Dh’fhalbh a’ ghaoth. Mach na rà imh. Iomraibh, ʼillean gasta. Sin sibh fhèin, ʼillean. Is math a rinn sibh. Fhuair sinn latha math. Cadal math dhuibh!
Chan eil guth air ‘outboard motor’ anns na h-abairtean, ach tuigidh sibh carson. Cha robh a leithid ann aig an à m sin. Nam falbhadh a’ ghaoth, cha bhiodh cothrom air. Dh’fheumadh sibh – no na gillean air an oighreachd – na rà imh a thoirt a-mach agus am bà ta iomradh gu tìr.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: oideachadh: instruction; briathrachas: vocabulary; Seann Lochlannais: Old Norse.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ʼS fhìor thoigh leam seòladh: I love sailing; airson sgilean seòlaidh ionnsachadh: to learn sailing skills; fo sgèith Comann Rìoghail na Luingearachd: under the auspices of the Royal Yachting Association; ‘neach-sgioba comasach’ agus ‘sgiobair-latha’ is mar sin air adhart: ‘competent crew’ and ‘day-skipper’ and the like; a nochd ann an clò o chionn còrr math is ceud bliadhna: which appeared in print well over a hundred years ago; air a chur ri chèile le Mà iri NicEalair à Loch Abar: put together by Mary MacKellar from Lochaber; spòrs air a’ bhlà r a-muigh: outdoor pursuits; bha tòrr dhen luchd-obrach air na h-oighreachdan Gà idhealach gun Bheurla: many of the workers on Highland estates had no English; ʼs e ²õ²µÃ²»å a chanas sinn airson ròp a tharraingeas air seòl airson a theannachadh no a lasachadh: we call a rope that pulls on a sail to tighten or slacken it a ‘sheet’; ròp leis am bithear a’ togail no a’ leagail seòl: a rope with which a sail is raised or lowered; bhiodh e na bu choltaiche gun canamaid: it would be more likely that we would say; ma dh’fhalbhas a’ ghaoth: if the wind drops; ma dh’fhà sas i ro chiùin airson seòladh: if it gets too calm to sail; mach na rà imh: out with the oars; iomraibh, ʼillean gasta: row, [my] good lads; sin sibh fhèin, ʼillean: that’s you, my lads (you’re doing well); is math a rinn sibh: you did well; fhuair sinn latha math: we had a fine day; cadal math dhuibh: may you sleep soundly; chan eil guth air: there is no mention of.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ²õ²µÃ²»å an t-siùil-spreòid: jibsheet. This might seem an inappropriate name for a jibsheet in modern yachts but it is based on the old style of sailing boat which carried a ²õ±è°ù±ðò»å, ‘bowsprit’ projecting from the bow in order to maximise sail area. A jib is a ²õ±ðò±ô-²õ±è°ù±ðò¾±»å. Even without a ²õ±è°ù±ðò»å, the nomenclature is retained. An alternative is seòl-toisich ‘foresail’ which includes genoas and other foresails. Dwelly doesn’t give us the Gaelic for ‘spinnaker’ – do any of our readers know it? Note also that many Gaels today would use the loanword hailleard for a halyard.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Nam falbhadh a’ ghaoth, cha bhiodh cothrom air: if the wind dropped, there was no alternative.
Broadcasts
- Sun 12 Jan 2020 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 15 Jan 2020 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.