A bheil an Nollaig air tòiseachadh thall thairis?
A bheil an Nollaig air tòiseachadh thall thairis? Has Christmas begun abroad? bbc.co.uk/coinneach
Tha na solais Nollaig air an tionndadh air ann an iomadach baile mu thrà th agus 's fhada bhon a nochd nithean Nollaig anns na bùithtean 's an Rìoghachd seo ach de mu dheidhinn thall thairis? An-diugh, tha sinn a' cluinntinn bho dhaoine anns An Fhraing, A Gearmailt agus fiùs Meagsago mu na tha tachairt 's na dùthchannan sin le nas lugha na mìos air fhà gail gu Latha na Nollaig fhèin.
Bha uair nach robh cranberries rim faighinn as na bùithtean an seo ach aig à m na Nollaig fhèin, agus mar as trice ann an cruth silidh a bha thu gan ithe an cois a' chearc-Fhrangach. Ach se dearcan a ghabhas an cleachdadh ann an dòighean eile cuideachd agus a th' air an comharrachadh mar mheas a tha fior mhath dha do shlà inte. Innsidh Calina Nic Dhòmhnaill an tuilleadh mun deidhinn agus dè ghabhas dèanamh leotha ann an fuine agus còcaireachd.
Tha Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air ais còmhla rinn airson iomradh a thoirt seachad air Gà idheal eile a tha gu math cliùiteach ann an eachdraidh semaphores, an dòigh teachdaireachd innse tro bhrataich.
Agus tha Maureen NicLeòid a' cuir crìoch air a’ cuairt sìos an Nile airson cuid de na cà nain a th’ air am bruidhinn air brà ighdean na h-aibhne a chluinntinn. An-diugh tha i ag innse mu thrì cà nain na Èipheit, Arabais na h-Èipheit, Coptach agus Domari. coinneach@bbc.co.uk
Last on
More episodes
Next
Broadcasts
- Thu 28 Nov 2019 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 28 Nov 2019 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal