Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1061
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1061. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 20 Nov 2019
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 757
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1061
Duration: 04:59
Litir 1061: An Gà idheal - Lèirmheas
An t-seachdain sa chaidh, thug mi dhuibh tòimhseachain a nochd ann an clò anns a’ Ghà idheal anns na seachdadan dhen naoidheamh linn deug. Bha mo shròn anns an dearbh phà ipear-naidheachd an t-seachdain seo, agus mhothaich mi lèirmheas de leabhar a bha inntinneach. Bha an leabhar air a sgrìobhadh le James Erasmus Phillips, agus air eadar-theangachadh gu Gà idhlig le Eobhan MacColla.
Sgrìobh Seumas Erasmus Phillips dà leabhar le tiotal inntinneach agus tha iad car a’ dol còmhla. A’ chiad fhear – Seven Common Faults: Grumbling, Temper, Thoughtlessness, Selfishness, Over-Anxiety, Indolence and Self-will. Agus an dà rna fear – Things Rarely Met With: Patience, Unworldliness, Resignation, Meekness, Humility, the Love of Enemies. Agus saoil cò am fear dhiubh a chaidh eadar-theangachadh gu Gà idhlig? Seadh – na Seven Common Faults! Faodaidh sibh ur beachd fhèin a thoirt air sin!
Agus an tiotal air an leabhar ann an Gà idhlig? Seven Common Faults – Seachd Coireachan a Ta Cumanta. Grumbling – Gearan. Temper – Droch Nà dar. Thoughtlessness – Neo-shuimealachd. Selfishness – Fèin-chùiseachd. Over-Anxiety – Anbharr Iomagain. Indolence – Leisg. Agus Self-will – Fèin-thoil. B’ e an tiotal gu lèir – Seachd Coireachan a Ta Cumanta – Gearan, Droch Nà dar, Neo-shuimealachd, Fèin-chùiseachd, Anbharr Iomagain, Leisg agus Fèin-thoil. Cha chreid mi gum biodh e a’ leum far nan sgeilpichean an-diugh!
Tuigidh sibh gun robh an t-ùghdar a’ cur air adhart modhan Crìosdachd mar dhòigh gus na seachd coireachan a sheachnadh. Mu ‘Gearan’, tha an t-ùghdar a’ sgrìobhadh nach ‘bu chòir gun cluinnte fuaim gearain ann an teaghlach Crìosdail air bith.’Â
‘Cronaichibh ur clann air a shon,’ tha an t-ùghdar ag rà dh, ‘ ... agus nuair a tha cothrom freagarrach [ann], cronaichibh ur cà irdean [airson a bhith a’ gearain]; oir, mar a tha Gnà th-fhacal Sholaimh ag rà dh – an tì a chronaicheas duine, na dhèidh sin, gheibh e nas motha de dheagh-ghean na esan a nì miodal le a theangaidh.’
Tha Seumas Erasmus Phillips a’ leantainn le tuilleadh air ‘Gearan’. ‘Tha nà dar gearanach,’ tha e ag rà dh, ‘fìor chronail don chaitheamh-beatha dhiadhaidh. Tha e a’ cur mòr-bhacadh air meudachadh grà is. Tha e a’ toirt oirnn dìochuimhneachadh gu bheil sinn daonnan fo chùram Freastal Dhè. Tha gearan gar dèanamh mì-iomchaidh airson ùrnaigh.’
Tha e a’ moladh gun lean sinn eisimpleir Ìosa Chrìosda. ‘Tha fios agaibh gur e ar Slà naighear Beannaichte ar n-eisimpleir anns an nì seo, cho math ri gach nì eile. Dh’fhuiling Esan ann an iomadh dòigh, agus ann an caochladh inbhe – seadh, ged bu tà ireil, sgainnealach an gnà thachadh a fhuair E bitheanta, gidheadh aon uair cha tà inig gearan o bhilean Ìosa Chrìosda.’
Agus tha an t-ùghdar a’ toirt dhuinn rabhadh mu Leisg. ‘Bha na naoimh bho shean,’ tha e a’ sgrìobhadh, ‘ag èirigh gu moch ... B’ ann moch sa mhadainn a chunnaic Abram ... an smùid a bha ag èirigh suas gu nèamh à luaithre bailtean a’ chòmhnaird ... B’ ann moch sa mhadainn a chuir Iacob suas an carragh cloiche air an do leig e a cheann rè na h-oidhche, chum gum biodh i na cuimhneachan taingealais air a’ bheannachadh ʼs air na sochairean a gheall Dia dha.’
Uill, sin agaibh Gearan agus Leisg. Tha fhios gum bi sibh gan seachnadh, cho math ri Droch Nà dar, Neo-shuimealachd, Fèin-chùiseachd, Anbharr Iomagain agus Fèin-thoil!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: tòimhseachain: riddles; Gnà th-fhacal Sholaimh: Solomon’s Proverb; ar Slà naighear Beannaichte: our Blessed Saviour.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a nochd ann an clò: that appeared in print; bha mo shròn anns an dearbh phà ipear-naidheachd: my nose was in the same newspaper; mhothaich mi lèirmheas de leabhar: I noticed a review of a book; cha chreid mi gum biodh e a’ leum far nan sgeilpichean: I don’t think it would be leaping off the shelves; a’ cur air adhart modhan Crìosdachd mar dhòigh gus na seachd coireachan a sheachnadh: proposing Christian ways in order to avoid the seven faults; cronaichibh ur clann air a shon: censure your children for it; an tì a chronaicheas duine: whosoever censures a man; gheibh e nas motha de dheagh-ghean na esan a nì miodal le a theangaidh: he will receive more goodwill than the man who flatters with his tongue; fìor chronail don chaitheamh-beatha dhiadhaidh: very damaging to a pious life; a’ cur mòr-bhacadh air meudachadh grà is: putting a big barrier in the way of the expansion of grace; gu bheil sinn daonnan fo chùram Freastal Dhè: that we are always in the care of God’s Providence; ged bu tà ireil, sgainnealach an gnà thachadh a fhuair E bitheanta; although He was often dealt with in a contemptuous and scandalous manner; cha tà inig gearan o bhilean Ìosa Chrìosda: no complaint came from the lips of Jesus Christ; b’ ann moch sa mhadainn a chunnaic Abram: it was early in the morning that Abraham saw; an smùid a bha ag èirigh suas gu nèamh à luaithre bailtean a’ chòmhnaird: the smoke that was rising to heaven from the ashes of the villages of the plains; air a’ bheannachadh ʼs air na sochairean a gheall Dia dha: of [on] the blessing and benefits that God promised to him.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Seachd Coireachan a Ta Cumanta: seven faults that are common. Did you wonder why the verb is ‘T²¹â€™ and not ‘Tha’? It’s basically old-fashioned (the verb became lenited in Scotland but has retained its unlenited form in Irish Gaelic). The older form of Ùrnaigh an Tighearna ‘The Lord’s Prayer’ in Scottish Gaelic starts Ar n-athair a Ta air nèamh but today it is usually Ar n-athair a Tha air nèamh to reflect modern usage.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: nach ‘bu chòir gun cluinnte fuaim gearain ann an teaghlach Crìosdail air bith: it can be read on the internet: the noise of grumbling should not be heard in any Christian family.
Broadcasts
- Sun 17 Nov 2019 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 20 Nov 2019 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.