Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1059
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1059. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Sun 3 Nov 2019
22:30
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 755
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1059
Duration: 05:00
Litir 1059: Dòmhnall Bà n MacCruimein
Dh’ainmich mi Dòmhnall Bà n MacCruimein an t-seachdain sa chaidh nuair a bha mi a’ bruidhinn mu Ruaig na Mòighe. B’ esan an aon duine, a rèir aithris, a chaidh a mharbhadh anns an Ruaig.
Bhuineadh Dòmhnall do chinneadh a tha ainmeil ann an eachdraidh na pìobaireachd. Bha Clann ’ic Cruimein nam pìobairean do chinn-chinnidh Clann ʼic Leòid Dhùn Bheagain. Ann am Bliadhna a’ Phrionnsa, bha Dòmhnall Bà n na phìobaire do cheann-cinnidh nan Leòdach. Bha a cheannard air taobh an riaghaltais. Mar sin, bha Dòmhnall Bà n gu tric air blà r catha an aghaidh nan Seumasach.
Dà latha ron Nollaig ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1745), chaill na Hanoibhèirianaich an aghaidh nan Seumasach ann am Blà r Inbhir Uaraidh ann an Siorrachd Obar Dheathain. Chaidh Dòmhnall Bà n a chur an grèim. Chaidh a leigeil mu sgaoil, ge-tà . Ged a bha e na nà mhaid, bha spèis mhòr aig na Gà idheil air pìobaireachd agus pìobairean. Thathar ag rà dh gun robh pìobairean nan Seumasach a’ diùltadh a bhith a’ seinn na pìoba, fhad ’s a bha Dòmhnall Bà n ann an grèim aca.
Ge-tà , cha robh Dòmhnall beò fada à s dèidh sin. Ann am meadhan a’ Ghearrain, nas lugha na dà mhìos an dèidh Blà r Inbhir Uaraidh, bha e anns a’ Mhòigh, ri taobh ceann-cinnidh nan Leòdach. Chaidh peilear a losgadh anns an dorchadas le fear dhen chòignear a bha a’ dìon na Mòighe. Bhuail e ann an Dòmhnall, agus thuit am pìobaire marbh. An uair sin, theich am mìle gu leth saighdear aig a’ Mhorair Loudon air ais a »å³ó’Inbhir Nis. Shà bhail sin beatha Theà rlaich Ã’ig Stiùbhairt.
A rèir beul-aithris, ’s e Dòmhnall Bà n a chruthaich a’ phìobaireachd – agus an t-òran – ainmeil Cumha MhicCruimein no Cha Till MacCruimein. Thathar ag rà dh gun robh an t-òran a’ dèanamh ro-aithris air a bhàs fhèin. Tha an t-sèist – co-dhiù mar a thathar a’ seinn an òrain an-diugh – a’ dol mar seo:
Cha till, cha till, cha till MacCruimein; An cogadh no sìth, cha till e tuilleadh; Le airgead no nì cha till MacCruimein; Cha till e gu brà th gu Latha na Cruinne.
Seo aon dreach anns an latha an-diugh air a’ chòrr dhen òran. Seo a’ chiad rann:
Tha ceò nan stùc mu aodann a’ Chuilthinn; Is sheinn a’ bhean-shìth a torman mulaid; Gorm-shùilean ciùin san Dùn a’ sileadh; On thriall thu bhuainn ’s nach till thu tuilleadh.Â
Le ‘an Dùn’, thathar a’ ciallachadh ‘Caisteal Dhùn Bheagain’. Seo agaibh an dà rna rann: Tha ’n fhairge fa dheòigh là n bròin is mulaid; Tha ’m bà ta fo sheòl ach dhiùlt i siubhal; Tha gà irich nan tonn le fuaim neo-shubhach; Ag rà dh gun do »å³ó’fhalbh ’s nach till thu tuilleadh.
Agus seo an treas rann: Cha chluinnear do cheòl san Dùn mu fheasgar; ’S mac-talla nam mùr le mùirn ga fhreagairt; Gach fleasgach is òigh, gun cheòl, gun bheadradh; On thriall thu bhuainn, ’s nach till thu tuilleadh.
Agus an t-sèist aon turas eile: Cha till, cha till, cha till MacCruimein; An cogadh no sìth, cha till e tuilleadh; Le airgead no nì cha till MacCruimein; Cha till e gu brà th gu Latha na Cruinne.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Dòmhnall Bà n MacCruimein: Donald Ban MacCrimmon; Ruaig na Mòighe: The Rout of Moy; Clann ʼic Leòid Dhùn Bheagain: the MacLeods of Dunvegan; Blà r Inbhir Uaraidh: The Battle of Inverurie.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bhuineadh X do chinneadh a tha ainmeil ann an eachdraidh na pìobaireachd: X belonged to a family line that was famous in the history of piping; gu tric air blà r catha an aghaidh nan Seumasach: often on a battlefield in opposition to the Jacobites; dà latha ron Nollaig: two days before Christmas; chaidh a leigeil mu sgaoil, ge-tà : he was released, however; a’ diùltadh a bhith a’ seinn na pìoba, fhad ’s a bha Dòmhnall Bà n ann an grèim aca: refusing to play the bagpipes, while Donald Ban was in their custody; chaidh peilear a losgadh anns an dorchadas le fear dhen chòignear a bha a’ dìon na Mòighe: a bullet was fired in the darkness by one of the five men who were protecting Moy; ro-aithris air a bhàs fhèin: a prediction of his own death; le airgead no nì cha till MacCruimein: with money nor possessions, MacCrimmon will not return; cha till e gu brà th gu Latha na Cruinne: he’ll never return until Judgement Day; tha ceò nan stùc mu aodann a’ Chuilthinn: the mist of the peaks is on the face of the Cuillin; sheinn a’ bhean-shìth a torman mulaid; the fairy woman sang her song of sadness; gorm-shùilean ciùin san Dùn a’ sileadh: mild blue eyes in Dunvegan Castle letting down tears; on thriall thu bhuainn: since you departed from us; gà irich nan tonn le fuaim neo-shubhach: the roaring of the waves with its joyless sound; cha chluinnear do cheòl: your music is not heard; mac-talla nam mùr le mùirn ga fhreagairt: the echo [from] the ramparts replied to with joy; gach fleasgach is òigh, gun cheòl, gun bheadradh: every young man and woman, without music, without playfulness.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Ag rà dh gun do »å³ó’fhalbh ’s nach till thu tuilleadh: saying that you [have] left and will never return. Did you pick up the different tenses in these two verbal forms? Gun do »å³ó’fhalbh is past tense – shown by the particle do and the »å³ó’ in front of the lenited root of the verb (falbh). Nach till, on the other hand, is clearly a future tense form – the equivalent past tense form of the same verb would be nach do thill.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Tha ’n fhairge fa dheòigh là n bròin is mulaid: the sea is at last full of great sadness.Â
Broadcast
- Sun 3 Nov 2019 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.