Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1049

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1049. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 28 Aug 2019 23:00

Clip

Litir 1049: Ulysses S. Grant ann an Alba

Bidh fios agaibh gu bheil fear anns an Taigh Gheal ann am Washington DC an-dràsta aig a bheil sinnsireachd Albannach. Ach seo ceist dhuibh. Cò a’ chiad cheann-suidhe Ameireaganach a thàinig a dh’Alba? Uill, cha robh e na cheann-suidhe aig an àm. Bha e dìreach air a dhreuchd a leigeil seachad an dèidh ochd bliadhna anns an Taigh Gheal.

A bheil am fuasgladh agaibh? Ulysses S Grant. Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte eadar ochd ceud deug, seasgad ʼs a naoi (1869) agus seachdad ʼs a seachd (1877). Bha e air a bhith ainmeil mar shaighdear. Bha e os cionn Arm an Aonaidh anns a’ Chogadh Chatharra nuair a bha Abraham Lincoln na cheann-suidhe. Bha Lincoln air cuireadh a thoirt don Ghranndach agus a bhean Julia a dhol don taigh-chluiche còmhla riutha an oidhche a chaidh an ceann-suidhe a mhurt. Bha an Granndach fortanach gun do leig e an cothrom seachad oir bha e a’ dol a Philadelphia.

Goirid an dèidh don dàrna teirm aige mar cheann-suidhe thighinn gu ceann, dh’fhalbh Grannd, a bhean agus am mac, a bha naoi bliadhn’ deug a dh’aois, air turas air feadh an t-saoghail. Bha iad air falbh airson dà bhliadhna gu leth agus choinnich iad ri daoine cliùiteach, leithid na Banrigh Bhictoria, a’ Phàp agus Tsar na Ruis.

Ràinig iad Alba air an latha mu dheireadh dhen Lùnastal agus fhuair iad fàilte mhòr oir bha sinnsireachd Albannach aig a’ Ghranndach air gach taobh de a theaghlach. Chaidh iad a Chaisteal Dhùn Èideann agus cuideachd a dh’Abbotsford anns na Crìochan – an t-seann dachaigh aig an sgrìobhadair ainmeil, Sir Bhaltair Scott. Bha Grannd uabhasach dèidheil air na leabhraichean aig Scott. Chaidh e cuideachd a dh’Inbhir Àir oir bha e measail mar an ceudna air sgrìobhadh Raibeirt Bhurns.

Ràinig iad Inbhir Nis air an ochdamh latha dhen t-Sultain, agus bha coinneamh phoblach ann an Talla a’ Chiùil air Sràid an Aonaidh far an do bhuilich a’ Chomhairle Saorsa a’ Bhaile air. B’ esan a’ chiad Ameireaganach riamh air an deach an t-urram sin a bhuileachadh. Ach an robh an Granndach fhèin toilichte mu dheidhinn? Tha e doirbh a ràdh. A rèir choltais, bha e a’ fàs sgìth de bhith a’ coinneachadh ri srainnsearan agus a’ breith air an làmhan, agus thuirt e sin turas no dhà.

Chaidh e a thadhal air a’ Mhorair Chat ann an Dùn Robain ach dhiùlt e cothrom a dhol a shealg an sin. Eucoltach ri gu leòr de chinn-suidhe Ameireaganach, cha robh e na shealgair. 

Bha ùidh aig a’ Ghranndach ann an teicneòlas. Mar sin, bha e inntinneach dha a bhith a’ faicinn nan crann-smùide aig a’ Mhorair Chat a bha an t-uachdaran an dòchas a leigeadh leis mòintich Chataibh a leasachadh airson àiteachas. Aig a’ cheann thall cha robh iad soirbheachail.

Agus chaidh e a Dhùn Dè airson an drochaid as fhaide anns an t-saoghal fhaicinn – an tè thar Linne Thatha nach robh buileach deiseil aig an àm. Dà bhliadhna an dèidh sin, bhiodh an drochaid a’ tuiteam ann an stoirm, ag adhbharachadh bàs seachdad ʼs a còig duine.

Agus ciamar a chòrd Alba ris? Chan eil mi cinnteach. Gu mì-fhortanach, cha d’ fhuair e cothrom a dhol a Bhaile nan Granndach. Agus co-dhiù, a rèir choltais, ʼs e Iapan a b’ fheàrr a chòrd ris am measg dhùthchannan an t-saoghail. 

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: gu bheil fear anns an Taigh Gheal aig a bheil sinnsireachd Albannach: that there is a man in the White House who has Scottish ancestry; bha e dìreach air a dhreuchd a leigeil seachad: he had just left his job; os cionn Arm an Aonaidh anns a’ Chogadh Chatharra: in charge of the Union Army during the Civil War; bha Lincoln air cuireadh a thoirt don Ghranndach agus a bhean: Lincoln had invited Grant and his wife; an latha mu dheireadh dhen Lùnastal: the last day of August; a dh’Inbhir Àir oir bha e measail mar an ceudna air sgrìobhadh Raibeirt Bhurns: to Ayr because he was likewise keen on the writing of Robert Burns; far an do bhuilich a’ Chomhairle Saorsa a’ Bhaile air: where the Council bestowed the Freedom of the Town on him; a rèir choltais: apparently; bha e a’ fàs sgìth de bhith a’ coinneachadh ri srainnsearan agus a’ breith air an làmhan: he was getting fed up meeting with strangers and shaking their hands; a thadhal air a’ Mhorair Chat: to visit the Duke of Sutherland; dhiùlt e cothrom a dhol a shealg: he refused an opportunity to go hunting; eucoltach ri gu leòr de chinn-suidhe Ameireaganach, cha robh e na shealgair: unlike plenty of American presidents, he was not a hunter; a bha an t-uachdaran an dòchas a leigeadh leis mòintich Chataibh a leasachadh airson àiteachas: that the laird hoped would allow him to develop the Sutherland peatlands for agriculture; an tè thar Linne Thatha nach robh buileach deiseil aig an àm: the one over the Tay that wasn’t quite ready at the time; a’ tuiteam ann an stoirm, ag adhbharachadh bàs seachdad ʼs a còig duine: falling in a storm, causing the death of 75 people; ʼs e Iapan a b’ fheàrr a chòrd ris am measg dhùthchannan an t-saoghail: it’s Japan that he most enjoyed among the countries of the world.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: an t-seann dachaigh: the old home. Why is the t- in front of seann? Because dachaigh is feminine so the adjective preceding the noun takes on a feminine structure, and feminine nouns starting with ‘s’ carry an intrusive t- after the article in the nominative singular case eg an t-seirbheis.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: air feadh an t-saoghail: throughout the world.

Broadcasts

  • Sun 25 Aug 2019 22:30
  • Wed 28 Aug 2019 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast