Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1047
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1047. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 14 Aug 2019
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 743
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1047
Duration: 05:00
Litir 1047: Iain Ruadh Stiùbhart (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Ruadh Stiùbhart. Sgrìobh e dà n ainmeil Latha Chùil Lodair anns an do mhìnich e mar a chaidh cùisean an aghaidh nan Seumasach:
Mo chreach armailt nam breacan,
Bhith air sgaoileadh ʼs air sgapadh ʼs gach à it’,
Aig fìor bhalgairean Shasainn
Nach do ghnà thaich bonn ceartas na ʼn dà il
Ged a bhuannaich iad batail,
Cha b’ ann da ʼn cruadal no ʼn tapadh a bha,
Ach gaoth an iar agus frasan,
Thigh’n a-nìos oirnn bhà rr machair nan Gall.
Chan e dìreach an droch aimsir a bu choireach ris a’ chall, ge-tà , ann am beachd Iain Ruaidh. Bha e cuideachd a’ coireachadh a’ Mhorair Seòras Moireach, an commandair Seumasach. Bha Iain air dà il latha iarraidh mus biodh Blà r Chùil Lodair ann, oir bha na saighdearan aige sgìth, ach dhiùlt am Moireach gabhail ri sin.
An dèidh Chùil Lodair, choinnich Iain ris a’ chòrr de dh’arm nan Seumasach aig Ruadhainn faisg air Ceann a’ Ghiùthsaich. Chaidh an co-dhùnadh a dhèanamh gun a bhith a’ leantainn leis a’ chogadh. Bhiodh arm an riaghaltais saor gus sgrios a dhèanamh air bailtean na Gà idhealtachd.
Theich gu leòr de na ceannardan Seumasach don Fhraing no dùthchannan eile, ach dh’fhuirich Iain Ruadh na dhùthaich fhèin. Bha e na ruagalaiche, ge-tà . Bhiodh e a’ fuireach ann an diofar uamhan, agus muinntir na sgìre a’ toirt taic dha.
Aon latha, bha e air fhalach anns a’ Ghleann Mhòr ann an Srath Spè. Bha fear òg, Peadar Bell, a’ dol a dh’ionnsaigh Iain le bainne nuair a thachair e ri feachd de shaighdearan dearga a bha a’ coimhead air a shon. Bha druma aig fear dhiubh.
‘Cà ’l thu a’ dol?’ dh’fhaighnich na saighdearan.
‘Gu m’ athair, a tha ag obair sa choille,’ fhreagair Peadar. Chunnaic an gille an druma agus rinn e còmhradh mar gun robh e ag iarraidh a cheannach. Ghabh e grèim air an druma agus sheinn e òran – ‘Buaidh thap’, Iain Ruaidh, ʼs tric a bhuail thu campaid.’ An uair sin ghabh e òran eile:
Bi falbh ʼs na fuirich, bi falbh, bi falbh!
Na tig a-nochd tuillidh, tha ʼn tòir a’ tighinn thugad
Na tig a-nochd tuillidh, bi falbh, bi falbh!’
Chuala Iain Ruadh e agus theich e gu taobh Neithich. Nuair a bha e na ruagalaiche, rinn e sgochadh air adhbrann. Tha e a’ dèanamh iomradh air sin anns an òran aige, Ùrnaigh Iain Ruaidh:
Aig taobh sruthain na shuidhe, ʼs e sgìth
Tha an Crìosdaidh bochd, Iain Ruadh,
Na cheatharnach, fhathast gun sìth
ʼS a chas air tuisleadh san tìm gu truagh.
Ged as ann an Gà idhlig a bu mhotha a sgrìobh Iain Ruadh a bhà rdachd, sgrìobh e co-dhiù aon dà n ann am Beurla – John Roy Stuart’s Psalm. Anns an òran sin, thuirt e nach fhaigheadh feachdan a’ Chrùin grèim air:
Though they mow down both corn and grass
And seek me underground,
Though hundreds guard each road and pass,
John Roy will not be found.
Agus bha e ceart – cha d’ fhuair na saighdearan dearga lorg air. Ach mus fhaigheadh e cothrom teicheadh gu sà bhailteachd anns an Fhraing, chaidh e a chèilidh air a’ Phrionnsa, Teà rlach Òg, a bha e fhèin na ruagalaiche. Choinnich iad ann an à ite ris an cainte Cèidse Chluainidh taobh Beinn Eallair – mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Iain Ruadh Stiùbhart: John Roy Stuart; Ruadhainn: Ruthven; ruagalaiche: fugitive; uamhan: caves; air fhalach: hiding, hidden; Neithich: Nethy.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Mo chreach armailt nam breacan, bhith air sgaoileadh ʼs air sgapadh ʼs gach à it’: it’s my ruin that the tartan army has been scattered all over; aig fìor bhalgairean Shasainnn nach do ghnà thaich bonn ceartas na ʼn dà il: by the terrible English rogues who did not leave justice in their wake; cha b’ ann da ʼn cruadal no ʼn tapadh a bha: it wasn’t because of their toughness or smartness; ach gaoth an iar agus frasan, thighinn a-nìos oirnn bhà rr machair nan Gall: but the west wind and showers, coming up on us out of the Lowlands; bha e cuideachd a’ coireachadh a’ Mhorair Seòras Moireach, an commandair Seumasach: he also blamed Lord George Murray, the Jacobite commander; bha Iain air dà il latha iarraidh: John had requested a day’s delay; saor gus sgrios a dhèanamh air bailtean na Gà idhealtachd: free to destroy the villages of the Highlands; dh’fhuirich Iain Ruadh na dhùthaich fhèin: John Roy stayed in his own country; rinn e còmhradh mar gun robh e ag iarraidh a cheannach: he made conversation as if he wished to buy it; buaidh thap[aidh], ʼs tric a bhuail thu campaid: clever victory, it’s often you struck camp; bi falbh ʼs na fuirich: be gone and don’t stay; na cheatharnach, fhathast gun sìth: a fighting man, still without peace; ʼs a chas air tuisleadh san tìm gu truagh: his foot having just stumbled badly [he sprained his ankle]; cha d’ fhuair na saighdearan dearga lorg air: the redcoats didn’t find him; à ite ris an cainte Cèidse Chluainidh taobh Beinn Eallair: a place called Cluny’s Cage over by Ben Alder.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Na tig a-nochd tuillidh: don’t come tonight any more. Tuillidh is just a dialectal form of tuilleadh, which is used in the same way.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: rinn e sgochadh air adhbrann: he sprained his ankle.
Broadcasts
- Sun 11 Aug 2019 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 14 Aug 2019 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.