Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1045

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1045. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 31 Jul 2019 23:00

Clip

Litir 1045: Loch a' Ghartain (3)

Bha mi ag innse dhuibh mun chroitear a chuir roimhe a’ bhiast-uisge ann an Loch a’ Ghartain a ghlacadh. Lorg e clach mhòr air cladach an locha. Bha grunn tunnaichean de chuideam innte. Chuir e ròp timcheall na cloiche. Aig ceann eile an ròpa bha iarann-crom a bha coltach ri dubhan mòr. Air an iarann, chuir e uan marbh. Dh’iomraich e coit a-mach gu meadhan an locha. Thilg e ceann an ròpa a-mach agus chaidh e dhachaigh.

Thill am bodach gu Loch a’ Ghartain anns a’ mhadainn agus cha robh sgeul air a’ chloich. Cha robh ann ach clais air a’ chladach far an robh a’ chlach air a tarraing a-steach don loch. Bhon uair sin, chan fhacas a’ chlach no a’ bhiast-uisge tuilleadh.

Tha naidheachd eile agam mu Loch a’ Ghartain. Bha duine ann uaireigin a ghabh geàrr-rathad ann am meadhan a’ gheamhraidh, tarsainn Loch a’ Ghartain a bha reòite. 

Chaidh comhairle a thoirt dha gun a bhith a’ tilleadh air an dearbh rathad, agus chaidh seanfhacal Gàidhlig innse dha mar chomhairle: Nuair a leumas e an Fhèill Brìde, chan earb an sionnach earball ris an deigh. Tha sin a’ ciallachadh – an dèidh Fèill Brìde aig toiseach a’ Ghearrain, nach bi sionnach deònach a dhol tarsainn loch reòite oir tha teans ann gum bi an deigh a’ leaghadh. Agus tha sionnaich gu math glic, seòlta, mar a tha fios agaibh. Nuair a leumas e an Fhèill Brìde, chan earb an sionnach earball ris an dèigh.

Uill, cha do ghabh an duine seo a’ chomhairle. Thill e dhachaigh air an dearbh rathad a chaidh e a-null – tarsainn Loch a’ Ghartain – agus cha do ràinig e a cheann-uidhe. Cha deach càil a lorg dheth ach a bhonaid agus gad de shlatan beithe air bhog ann an uisgeachan an locha.

Faisg air Loch a’ Ghartain, tha loch brèagha eile ann. Gabhaidh e a ruigsinn air ceum tron choille, agus bidh mòran luchd-turais a’ coiseachd ann à Loch a’ Ghartain. Tha ainm car annasach air an loch seo – Loch Mallachaidh ‘loch of cursing’. Ach carson? Dè am mallachadh a bh’ ann? 

Uill, tha e a’ tighinn bho mhallachadh – no mallachd – a tha co-cheangailte ris an allt a tha a’ sruthadh eadar an loch agus Uisge Spè. Ged as e Loch Mallachie Burn a th’ air an-diugh, ʼs e an t-Allt Garbhach a bh’ air uaireigin. Bha muileann air. Agus tha baile-fearainn ann fhathast air a bheil Mullingarroch Farm. Tha mi an dùil gur e sin Muileann Garbhach.

Co-dhiù, thàinig bàs obann air fear-bainnse a bha a’ dèanamh a shlighe thar an uillt faisg air a’ mhuileann. Bha bristeadh-cridhe air a bhean. Rinn ise mallachd, ag ràdh gun tigeadh droch fhortan air duine sam bith a bha a’ dol a dh’ionnsaigh banais, agus e no i a’ dol tarsainn an uillt an sin. Agus, airson ùine mhòr mhòr, cha bhiodh càraid nua-phòsta, no a bha fo ghealladh pòsaidh, a’ dol tarsainn an uillt faisg air a’ mhuileann. Thàinig an t-ainm Loch Mallachaidh air an loch air sàillibh sin.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: dealanaich: lightning; uaireigin: at one time; reòite: frozen; glic, seòlta: wise and cunning; tarsainn: across; Loch Mallachaidh: Loch Mallachie; muileann: mill; baile-fearainn: farm; bristeadh-cridhe: a broken heart.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: mun chroitear a chuir roimhe a’ bhiast-uisge ann an Loch a’ Ghartain a ghlacadh: about the crofter who decided to capture the water beast in Loch Garten; clach mhòr air cladach an locha: a large stone on the shore of the loch; chuir e ròp timcheall na cloiche: he put a rope around the stone; iarann-crom a bha coltach ri dubhan mòr: a fishing gaff that was like a large hook; dh’iomraich e coit a-mach gu meadhan an locha: he rowed a small boat out to the middle of the loch; thilg e ceann an ròpa a-mach: he threw out the end of the rope; cha robh sgeul air a’ chloich: there was no sign of the stone; clais air a’ chladach far an robh a’ chlach air a tarraing a-steach don loch: a furrow on the shore where the stone was pulled into the loch; tha naidheachd eile agam mu Loch a’ Ghartain: I have another anecdote about Loch Garten; a ghabh geàrr-rathad ann am meadhan a’ gheamhraidh: who took a shortcut in the middle of winter; chaidh comhairle a thoirt dha gun a bhith a’ tilleadh air an dearbh rathad: he was advised not to return on the same road; tha teans ann gum bi an deigh a’ leaghadh: there is a chance that the ice will melt; cha do ràinig e a cheann-uidhe: he didn’t reach his destination; cha deach càil a lorg dheth: nothing was found of him; a bhonaid agus gad de shlatan beithe air bhog: his bonnet and a bunch of birch rods floating; thàinig bàs obann air fear-bainnse: a bridegroom died suddenly; a dh’ionnsaigh banais: to a wedding; air sàillibh sin: because of that.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: grunn tunnaichean de chuideam innte: it weighed several tons. Why have I used ‘i²Ô²Ô³Ù±ð’ here rather than ‘a²Ô²Ô’? Because clach is a feminine noun, so we use the feminine (3rd person singular) prepositional pronoun innte ‘in her’. ʼS e clach mhòr mhòr a bh’ innte ‘it [she] was an incredibly large stone’.

Seanfhacal na Litreach

Seanfhacal na Litreach: Nuair a leumas e an Fhèill Brìde, chan earb an sionnach earball ris an deigh: when Bride’s Feast Day (Candlemas) is past, the fox will not trust his tail to the ice.

Broadcasts

  • Sun 28 Jul 2019 22:30
  • Wed 31 Jul 2019 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast