Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1032
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1032.
Roddy Maclean reads this week's letter for GÃ idhlig learners.
Last on
Wed 1 May 2019
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 728
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1032
Duration: 05:00
Litir 1032: BÃ s Chaluim Chille (2)
Faisg air à m a bhà is, air Latha an Tighearna, thà inig aingeal Dhè a thadhal air Calum Cille. Chaochail an naomh, mar a chì sinn, seachdain an dèidh sin, aig deireadh na Sà baid agus toiseach Latha an Tighearna. Anns an linn sin, b’ e Latha na Sà baid an latha ro Dhidòmhnaich anns an Eaglais Cheiltich.
Chaidh Calum Cille agus fear-frithealaidh aige, fear Diarmad, a bheannachadh sabhal anns an robh arbhar fasgainte. ‘Tha mi a’ guidhe,’ thuirt an naomh, ‘ma dh’fheumas mi falbh am-bliadhna, gum bi arbhar gu leòr agaibh airson na bliadhna gu lèir.’Â
Thà inig bròn air Diarmad. ‘Athair,’ thuirt e, ‘ʼs ann tric aig an à m seo dhen bhliadhna [sa Chèitean], gum bi sibh a’ cur dragh oirnn le bhith a’ bruidhinn mu ar fà gail.’Â
‘Tha mi airson rùn-dìomhair innse dhut,’ thuirt an naomh, ‘ma gheallas tu dhomh nach can thu cà il mu dheidhinn ri duine eile fhad ʼs as beò mi.’ Chaidh Diarmad air a ghlùinean, agus gheall e an rùn-dìomhair a chumail dha fhèin.
Ann am meadhan na h-oidhche seo,’ thuirt Calum Cille, ‘falbhaidh mi, air cuireadh an Tighearna, Ìosa Crìosd.’ Thòisich am fear-frithealaidh air gul, agus chofhurtaich Calum Cille e cho math ʼs a b’ urrainn dha.
Thill an naomh don mhanachainn. Bha e lùbte le aois. Letheach-slighe air an rathad, stad e airson fois a ghabhail. Fhad ʼs a bha e na shuidhe an sin, thà inig each bà n thuige. B’ e sin an t-each a bhiodh a’ giùlan bainne don mhanachainn. Chuir an t-each a cheann air uchd Chaluim Chille. Sgrìobh Adomnan anns a’ chunntas aige Vita Sancti Columbae, gun do dh’inns Dia don each gun robh bà s a’ tighinn air an naomh. Agus, cleas duine, thòisich an t-each air caoineadh gu goirt.Ìý
Dh’fheuch Diarmad ri iomain air falbh, ach chuir Calum Cille stad air. Bheannaich e an t-each, a thionndaidh air falbh an uair sin, agus e muladach.
Chaidh an naomh gu mullach a’ chnuic os cionn na manachainn. Chuir e a là mhan an-à irde agus bheannaich e a’ mhanachainn. ‘Ged as beag is suarach an t-à ite seo,’ thuirt e, ‘gidheadh, bidh rìghrean is sluagh na h-Alba a’ toirt mòr-urram dha. Bithidh, agus slòigh dhùthchannan cèin is borbarra ...’
Theà rnaich Calum Cille an cnoc agus chaidh e don bhothan aige. Bha e a’ dèanamh tà r-sgrìobhadh air na sailm. Bha e ag obair air an deicheamh rann dhen cheathramh Salm air fhichead: Bidh easbhaidh air na leòmhanaibh òga, agus bidh acras orra; ach orrasan a dh’iarras an Tighearna, cha bhi maith air bith a dhìth.
‘An seo,’ thuirt e, ‘feumaidh mi sguir. Sgrìobhadh Baithéne na leanas air.’ Bha e mar sin ag ainmeachadh an duine a leanadh air mar Aba ÃŒ.Ìý
Mar leabaidh air an oidhche sin, bha leac cloiche aig Calum Cille. Bha clach aige mar chluasag. Fhad ʼs a bha e na shìneadh an sin, bhruidhinn e ri tòrr de na manaich a thà inig a dh’èisteachd ris.
Aig meadhan-oidhche, thill Calum Cille ann an cabhaig don eaglais. Lean am fear-frithealaidh aige, Diarmad, air. Aig astar, chunnaic Diarmad gun robh an eaglais là n solais. Ach nuair a thà inig e faisg air an doras, dh’fhalbh an solas. Bha Calum Cille na laighe air beulaibh na h-altair, agus coltas aoibhneach air. Thà inig na manaich, agus bheannaich an naomh iad le a là imh. Goirid an dèidh sin, dh’fhà g anam a chorp.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Latha an Tighearna: The Lord’s Day [Sunday]; chaochail: died; fear-frithealaidh: servant; chofhurtaich: comforted; uchd: lap, bosom; bheannaich: blessed; muladach: very sad; theà rnaich: descended; .
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: thà inig aingeal Dhè a thadhal air: an angel of God came to visit; a bheannachadh sabhal anns an robh arbhar fasgainte: to bless a barn in which there was winnowed corn; gheall e an rùn-dìomhair a chumail dha fhèin: he promised to keep the secret to himself; air cuireadh an Tighearna, Ìosa Crìosd: on the invitation of the Lord Jesus Christ; thòisich am fear-frithealaidh air gul: the servant started to sob; lùbte le aois: bent over with age; letheach-slighe air an rathad, stad e airson fois a ghabhail: halfway there, he stopped for a rest; thà inig each bà n thuige: a white horse came to him; a bhiodh a’ giùlan bainne don mhanachainn: that would carry milk to the monastery; cleas duine: like a person; dh’fheuch Diarmad ri iomain air falbh: Diarmad tried to drive it away; mullach a’ chnuic os cionn na manachainn: the top of the hill above the monastery; ged as beag is suarach an t-à ite seo: small and mean though this place is; gidheadh, bidh rìghrean is sluagh na h-Alba a’ toirt mòr-urram dha: yet it shall be held in high esteem by Scottish kings and people; slòigh dhùthchannan cèin is borbarra: peoples of foreign and barbarous nations; a’ dèanamh tà r-sgrìobhadh air na sailm: transcribing the psalms; an deicheamh rann dhen cheathramh Salm air fhichead: the tenth verse of the 34th psalm; bidh easbhaidh air na leòmhanaibh òga, agus bidh acras orra: the young lions lack and suffer hunger; orrasan a dh’iarras an Tighearna, cha bhi maith air bith a dhìth: those that seek the Lord, they shall want for no good thing; sgrìobhadh X na leanas air: let X write what follows; air beulaibh na h-altair: in front of the altar; dh’fhà g anam a chorp: his soul left his body.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: b’ e Latha na Sà baid an latha ro Dhidòmhnaich anns an Eaglais Cheiltich: the Sabbath day was the day before Sunday in the Celtic Church [whereas today it is Sunday]. This is shown by Adomnan’s account of Columba’s words: ‘This day in the Holy Scriptures is called the Sabbath, which means rest. And this day is indeed a Sabbath to me, for it is the last day of my present laborious life ... and this night at midnight, which commenceth the solemn Lord’s Day, I shall ... go the way of our fathers.’
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: thòisich an t-each air caoineadh gu goirt: the horse began to wail terribly.
Broadcasts
- Sun 28 Apr 2019 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 1 May 2019 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.