Main content
Sorry, this episode is not currently available

Bàrdachd spioradail Catrìona Chaimbeul (Catrìona an Tucsan)

Nan Nic a' Ghobhainn le laoidhean agus bàrdachd spioradail a mathar, Catrìona Chaimbeul.
Nan Smith speaks to her mother Catriona Campbell regarding her spiritual poetry writing.

Sgriobh Catrìona Chaimbeul, Catrìona an Tucsan à Taobh Siar Leòdhais iomadach pìos bàrdachd is dàn spioradail às dèidh atharrachadh a thighinn na beatha ri linn nan dùsgaidhean spioradail ann an Leòdhas anns na 50an, nuair a bha an t-Urr Donnchadh Caimbeul air an eilean. Bha cuimhne mhath aig Catrìona a bhith ag èisteachd ri laoidhean air an seinn anns na dachaighean agus a' bhuaidh a bh’ aige sin oirre fhèin.

Ann an 1988 mar phàirt den t-sreath phrògraman 'A Spiris' air Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gaidheal, rinn an nighean aig Catrìona, Nan Nic a' Ghobhainn prògram còmhla ri mathar agus iad a' bruidhinn mun bhàrdachd aice. Bha taghadh de na laoidhean aig Catrìona ri chluinntinn anns a' phrògram agus na guthan aice fhèin agus Nan ri chluinntinn a’ seinn.

30 minutes

Last on

Sun 24 Mar 2019 09:30

Clip

Broadcasts

  • Thu 21 Mar 2019 12:00
  • Thu 21 Mar 2019 22:00
  • Sun 24 Mar 2019 09:30