Luaidh air a’ Chanan Aonghas MacCuithein
An-diugh tha Prògram Choinnich a’ dèanamh luaidh air a’ Chanan Aonghas MacCuithein nach maireann. Coinneach MacIver discusses the life of the late Canon Angus MacQueen.
Anns a’ phrògram an-diugh tha sinn a’ cluinntinn mu bheatha a’ Chanan Aonghas MhicCuithein nach maireann. A thuilleadh air a bheatha agus a chuid obrach mar shagart, bha an Canan MacCuithein cuideachd na eòlaiche air iomadach cuspair eadar còcaireachd agus dualchas nan Gàidheal. Bheir Angela NicFhionghain dhuinn geàrr-iomradh air a bheatha agus air na prògraman a thèid a chraoladh mu dheidhinn anns na seachdainean ri thighinn.
A’ leantainn bho mar a bha am prògram a’ comharrachadh 40 bliadhna bho thuit riaghaltas a’ Shah ann an Iran, tha Ailean Turner a’ bruidhinn air mar a bha esan ag obair ann an ospadal air an tuath fad bhliadhnaichean anns an dùthaich.
Tha Murray MacLeòid a’ mìneachadh dha Coinneach cò è “El Chapo” – neo Joaquín Guzmán, Ceannard bhuidheann dhrugaichean cho cumhachdach is a bha san t-saoghal a tha a-nise an grèim ann an Ameireaga, ciontach de dh’iomadach eucoir eadar marbhadh agus cùiltearachd dhrugaichean.
Agus beagan de chlàr Hoddan ann an cruinneachadh chlàir Mhal MhicLeòid bho thasglann a’ phrògram. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
-
An Canan Aonghas MacCuithein
Duration: 29:56
Broadcasts
- Thu 14 Feb 2019 09:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Thu 14 Feb 2019 21:00鶹Լ Radio nan Gàidheal