Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1021
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 1021.
Last on
Wed 13 Feb 2019
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 717
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1021
Duration: 05:00
Litir 1021: Carbadan Argyll (1)
Tha ceud is fichead bliadhna air a dhol seachad on a chaidh a’ chompanaidh Hozier Engineering a chur air dòigh. Agus cò bh’ ann an Hozier Engineering? Uill, ʼs e companaidh a bh’ ann, stèidhichte ann an Glaschu, a bha a’ togail chà raichean gu coimeirsealta. Seadh, bha gnìomhachas togail chà raichean againn ann an Alba, fada mus robh guth air a’ Hillman Imp!
Cha bhi cuimhne agaibh air carbadan-ola a bha ainmichte mar Hoziers, oir cha robh a leithid ann. Ach ʼs dòcha – ma tha ùidh agaibh ann an eachdraidh thionnsgalach na h-Alba – gu bheil sibh air cluinntinn mun Argyll. Bha na h-Argylls air an dèanamh aig factaraidh Hoziers ann an Glaschu. Tha mi airson innse dhuibh mun deidhinn agus mu dheidhinn Alexander Govan a bh’ air cùl an Argyll.
Thogadh e ann am bochdainn ann am Baile an t-Saoir ann an Siorrachd Lannraig. Ghluais a theaghlach gu ruige Baile na Drochaid ann an Glaschu ach bha iad air an cuairteachadh le bochdainn an sin cuideachd.
Bha Ailig airson piseach a thoirt air a shuidheachadh fhèin. Chaidh e gu colaiste theicnigeach, far an do rinn e gu math. An uair sin, chaidh e fhèin ʼs a bhrà thair-chèile còmhla airson rothairean a dhèanamh. Ge-tà , bha cùisean doirbh aig an à m sin airson luchd-dèanaimh rothairean. Cha robh a’ mhargaidh a’ dol am meud luath gu leòr airson na bh’ ann de chompanaidhean a bha gan dèanamh.
Ghluais Ailig a Shasainn – gu Redditch ann am Worcestershire, far an d’ fhuair e obair ann am factaraidh einnseanairidh. Thòisich a’ chompanaidh air cà raichean a thogail, le bhith a’ cleachdadh phà irtean a bhuineadh do chà raichean a bh’ air an togail ann an dùthchannan eile.Â
Dh’ionnsaich Ailig gu leòr an sin airson obair a ghabhail ann an Glaschu mar mhanaidsear air companaidh a bh’ air a bhith a’ dèanamh rothairean – The Scottish Manufacturing Company. ʼS e an entrepreneur, Uilleam A Mac a’ Ghobhainn, a bh’ air cùl na companaidh. Bha e na shà r-eòlaiche air lagh nam peutantan. Bha Mac a’ Ghobhainn airson a dhol an sàs ann an togail charbadan-ola, agus dh’fhastaich e Ailig Govan airson cruth-atharrachadh a thoirt air a’ chompanaidh. Dh’atharraich iad a h-ainm gu The Hozier Engineering Company.
Bha cà r aca taobh a-staigh beagan mhìosan. ʼS e Argyll Voiturette a chanadh iad ris agus bhathar ga reic aig prìs reusanta – ceud, caogad ʼs a còig gini. ʼS e voiturette a chanadh daoine ri mòran chà raichean beaga aig an à m sin, agus bha an Argyll stèidhichte air voiturette a chaidh a thogail le Renault san Fhraing.
Ach carson nach tug Renault gu cùirt iad? Uill, mar a bha mi ag rà dh, bha ceannard Hozier, Uilleam Mac a’ Ghobhainn, na eòlaiche air lagh nam peutantan! Ge-tà , bha aca ri bogsa-ghèaraichean ùr a dhealbhachadh, agus thug Hozier a-mach peutant airson sin.
Bha dà is trì-chairteal horsepower ann an einnsean a’ voiturette agus bha an t-einnsean ann an toiseach a’ chà ir. Bha e air fhionnarachadh le rèididheatar là n uisge. Bha aingleachadh dealain ann, agus cà rbradair math Frangach.
Bha an t-einnsean air a cheangal ris na cuibhlichean deiridh le fearsaid-drà ibhidh, cluidse agus bogsa-ghèaraichean a bha ag obair aig trì astaran. B’ e an t-astar a bu luaithe aig a’ Voiturette ochd mìle deug san uair. Bidh tuilleadh agam air an Argyll an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Baile an t-Saoir: Blantyre; Baile na Drochaid: Bridgeton; Siorrachd Lannraig: Lanarkshire; colaiste theicnigeach: technical college; luchd-dèanaimh: manufacturers; factaraidh einnseanairidh: engineering factory.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Tha ceud is fichead bliadhna air a dhol seachad on a chaidh a’ chompanaidh a chur air dòigh: 120 years have gone past since the company was established; a bha a’ togail chà raichean gu coimeirsealta: who were building cars commercially; bha gnìomhachas togail chà raichean againn: we had a car-building industry; cha robh a leithid ann: there was no such thing; chaidh e fhèin ʼs a bhrà thair-chèile còmhla airson rothairean a dhèanamh: he and his brother-in-law combined to make bicycles; ghluais Ailig a Shasainn: Alex moved to England; le bhith a’ cleachdadh phà irtean a bhuineadh do chà raichean a bh’ air an togail ann an dùthchannan eile: by using parts that belonged to cars that were built in other countries; ʼs e Uilleam A Mac a’ Ghobhainn a bh’ air cùl na companaidh: it’s William A Smith that was behind the company; bha e na shà r-eòlaiche air lagh nam peutantan: he was an expert on patent law; dh’fhastaich e X airson cruth-atharrachadh a thoirt air a’ chompanaidh: he hired X to restructure the company; carson nach tug Renault gu cùirt iad?: why didn’t Renault take them to law?; bha an t-einnsean ann an toiseach a’ chà ir: the engine was in the front of the car; bha e air fhionnarachadh le rèididheatar: it was cooled by a radiator; bha aingleachadh dealain ann, agus cà rbradair math Frangach: there was electric ignition, and a good French carburettor [aingleachadh is a bit of a ‘posh’ word for ‘ignition’ – in common parlance â€Èٳٲ¹°ù³Ù²¹»å³ó’ would generally be used]; air a cheangal ris na cuibhlichean deiridh le fearsaid-drà ibhidh, cluidse agus bogsa-ghèaraichean a bha ag obair aig trì astaran: linked to the rear wheels by a drive-shaft, clutch and a gearbox that worked at three speeds; b’ e an t-astar a bu luaithe aig a’ Voiturette ochd mìle deug san uair: the Voiturette had a maximum speed of eighteen miles per hour.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Cha bhi cuimhne agaibh air carbadan-ola a bha ainmichte mar X: you won’t remember petrol cars that were called X. As the Litir concerns early motor cars, it’s appropriate to use the term the Gaels used in the early days – carbad-ola ‘a petrol vehicle’ (and carbad-iarainn ‘a train). You will still occasionally hear an older person speaking about ‘c²¹°ù²ú²¹»å²¹²Ô-´Ç±ô²¹â€™.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Thogadh e ann am bochdainn: he was raised in poverty.
Broadcasts
- Sun 10 Feb 2019 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 13 Feb 2019 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.