Ceud bliadhna bho rugadh Dòmhnall Iain Dhonnchaidh - 1/2
A’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh.
Marking a hundred years since the birth of Peninerine poet Donald John MacDonald.
Rugadh Dòmhnall Iain Dòmhnallach ann am Peighinn nan Aoireann an Uibhist a Deas air an 7mh den Ghearran ann an 1919. Bhuineadh e do theaghlaichean air taobh athar agus a mhàthar a bha sònraichte a thaobh an eòlais agus an ùidh a bha aca ann an eachdraidh, òrain agus dualchas. Air taobh a mhàthar b’ e an “colaiste” a bh’ aca air Taigh Aonghais Ruaidh, taigh a sheanar ann an Snaoiseabhal, far am biodh daoine a’ cruinneachadh ag ionnsachadh òrain, eachdraidh is pìobaireachd. Air taobh athar b' e an seanchaidh ainmeil Donnchadh MacDhòmhnaill 'ic Dhonnchaidh, Donnchadh Clachair, a b' athair dha, agus bha Niall, bràthair athar, cuideachd aithnichte mar sgeulaiche ged a bha e caran diùid.
Dh’fhàg Dòmhnall Iain an sgoil aig ceithir bliadhna deug agus bha e gu math toilichte a chùl a chur rithe. Chaidh e a dh’obair air cruit athar agus b’ ann mun àm sin a thòisich e air dàin a’ dhèanamh. A rèir Bill Innes ,“ bha Dòmhnall Iain mar Burns nuair a thòisich e air ùidh a ghabhail anns na caileagan. B’ann an uairsin a thoisich e air dain a sgrìobhadh.”
Bha ùidh mhòr aige anns a' bhàrdachd aig Iain MaCodrom agus dh’ionnsaich e tòrr bho bhith a rannsachadh an dòigh sgrìobhaidh aige. Bha buaidh mhòr aig bàrdachd bràthair a mhàthar, Dòmhnall Ruadh Phàislig, air cuideachd,.
Bha an creideamh Caitligeach a-riamh cudromach do Dhòmhnall Iain agus, ged a thàinig e tro iomadh dùbhlan agus dòrainn nuair a bha e na phrìosanach sa Ghearmailt fad còig bliadhna aig àm an Dàrna Cogadh, b' ann às dèidh dha aois dà fhichead bliadhna a ruighinn a dh'fhàs e dha-rìribh dlùth do chreideamh.
B' ann nuair a bha e na phrìosanach sa champa a thòisich e air a' bhàrdachd 'Moladh Uibhist', leis na choisinn e Crùn a' Bhàird aig Mòd Ghlaschu ann an 1948, ged nach do chrìochnaich e a' bhàrdachd gus an do thill e dhachaigh às a' chogadh.
Ged a nochd a bhàrdachd ann an deifir irisean thar nam bliadhnaichean, b’ ann ann an 1998 a nochd cruinneachadh slàn den bhàrdachd aige anns an leabhar “Chì Mi” a chaidh a dheasachadh le Bill Innes.
Tha Catrìona Mhoireach cuide ri càirdean is luchd-eòlais Dhòmhnaill Iain a’ toirt sùil air a bheatha agus a bhàrdachd anns an t-sreath seo. Tha Dòmhnall Iain Dhonnchaidh e fhèin ri chluinntinn ag innse mun a' bhuaidh a bh’aig bàird eile air an obair aige agus a' bhuaidh a bh’ aig an Dàrna Cogadh air agus e na phrìosanach.
Last on
Clip
-
Na Bàird Baile - Dòmhnall Iain Dhonnchaidh
Duration: 03:22
Broadcasts
- Tue 5 Feb 2019 12:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Tue 5 Feb 2019 22:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Feb 2019 10:03鶹Լ Radio nan Gàidheal