Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Scones

Prògram 9 de 12

Tha Linda NicLeòid agus a caraidean a’ deanamh sgonaichean le càise agus coirce. Linda Macleod and friends make tasty cheese and oat scones.

Anns a’ phrògram seo tha Alexia agus Scarlett còmhla rithe ‘s iad ag ullachadh sgonaichean le càise agus coirce. Ach mus tòisich iad, feumaidh iad a bhith cinnteach gu bheil an stuth a tha a dhìth orra a-staigh. Mur a bheil, bidh iad a’ dèanamh liosta agus a’ dol dhan bhùth airson a h-uile càil fhaighinn.

Bidh Linda agus a caraidean cuideachd a’ faighinn a-mach cò às a tha coirce a’ tighinn. Tha iad an uairsin a’ tilleadh dhan chidsin airson na sgonaichean a dheasachadh mus suidh iad sìos aig a’ bhòrd gan ithe.

Linda is joined by Alexia and Scarlett to make delicious cheese and oat scones. Before they start cooking, they have to ensure they have all the ingredients. If not, they make a list and go shopping.

They also learn more about where oats come from, and then they return to the kitchen to make the scones before sitting down at the table to eat them.

Sgonaichean le Càise agus Coirce

Sgonaichean le Càise agus Coirce

Sgonaichean le Càise agus Coirce

STUTHAN
200g flùr-èirigh, agus beagan a bharrachd
50g ìm, aig teothachd an rùm
25g coirce
75g càise air a sgrìobadh 
150ml bainne

Teasaich an àmhainn gu 220°C/Fan 200°C/450°F/Gas 7

Cuir am flùr ann am bobhla mòr agus suath a-steach an t-ìm. Cuir an coirce agus an càise dhan bhobhla, agus an uairsin am bainne, agus  measgaich. Ma tha am measgachadh tioram cuir beagan bainne a bharrachd ann airson is gum bi an taois bog. 

Crath beagan flùir air clàr-fuine agus roilig a-mach an taois gus nach bi i càil nas tana na 2cm. Geàrr a-mach cumaidhean cruinn le gearradair cruinn 4cm. Cruinnich an taois a tha air fhagail agus roilig a-mach a-rithist i agus geàrr leis a’ ghearradair. 

Cuir na sgonaichean air treidhe nach steig agus crath beagan flùr, neo càise orra agus cuir dhan àmhainn airson 12-15 mionaidean, gus am bi iad air èirigh agus òr-dhonn. 

Leig leis na sgonaichean fuarachadh mas ithear iad.

Cheese and Oat Scones

INGREDIENTS
200g self-raising flour, plus a little more for dusting
50g butter, at room temperature
25g porridge oats
75g grated cheddar, plus extra for topping (optional)
150ml milk

METHOD
Heat oven to 220°C/Fan 200°C/450°F/Gas 7

Place the flour in a large bowl, then rub in the butter. Stir in the oats and cheese, then the milk – if it feels like it might be dry, add a little more milk, then bring together to make a soft dough.

Lightly dust the surface with a little flour. Roll out the dough no thinner than 2cm. Using a 4cm plain cutter, firmly stamp out the rounds – try not to twist the cutter as this makes the scones rise unevenly. Re-roll the trimmings and stamp out more.

Transfer to a non-stick baking sheet, dust with a little more flour or grated cheese, then bake for 12-15 mins until well risen and golden. 

Let the scones cool before eating.

Role Contributor
Presenter Linda MacLeod
Producer Donald Macleod
Production Manager Mairi Mackinnon