Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1016
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 1016.
Last on
Wed 9 Jan 2019
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 712
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1016
Duration: 05:00
Litir 1016: Tì agus Raibeart Fortune
Tha cuimhne agam fhathast air a’ chiad turas a fhuair mi cupa cofaidh air a’ Chomraich. Bha mi a’ tadhal air seann bhoireannach a bha cà irdeach dhomh agus thuirt i rium, ‘An gabh thu copan teatha, a Ruairidh?’ Mus d’ fhuair mi cothrom freagairt a thoirt seachad, dh’atharraich i a beachd. ‘No dè mu dheidhinn cofaidh? Am b’ fheà rr leat cofaidh?’
Bha sin anns na seachdadan agus, roimhe sin, chan eil cuimhne agam air cofaidh fhaicinn air a’ Chomraich, gun luaidh air òl, co-dhiù am measg nan seann Ghà idheal. Bhiodh mo sheanmhair a’ gabhail ³Ùì – no teatha – fad an latha o mhoch gu dubh. Uaireannan cha chuireadh i na duilleagan ann am poit. Bhiodh i gan cur ann an cupa, ʼs chuireadh i uisge goileach orra. Agus an ceann dà mhionaid bhiodh ‘teatha nan ceà rd’ aice, mar a chanadh i fhèin.
Tha e doirbh a bhith a’ smaoineachadh air Alba à s aonais ³Ùì. Tha i cho bitheanta. Ach bha uair ann nuair nach robh an ³Ùì, air a bheil sinn eòlach an-diugh, anns an Roinn Eòrpa idir. A-nise, tha feadhainn ga fà s ann an Alba fhèin.
Bha mi ann an Lios Mòr an-uiridh agus, far an robh sinn a’ fuireach, bhathar a’ fà s ³Ùì air a’ chroit. Tì dhonn agus ³Ùì bhà n. Cha d’ fhuair mi blas dhiubh, ach chan eil adhbhar agam a bhith a’ smaoineachadh nach biodh iad math, blasta. Tha feadhainn ga fà s gu coimeirsealta ann an Alba, leithid ann an Siorrachd Pheairt.
Bha grunn Albannach an sà s ann a bhith a’ brosnachadh gnìomhachas fà s na ³Ùì o chionn fhada. Mar eisimpleir – Raibeart Fortune. Ann am meadhan an naoidheamh linn deug, bha esan ann an Sìonaidh, far an do ghoid e lusan ³Ùì airson Companaidh Bhreatannach nan Innseachan an Ear.
Bha sin an aghaidh an lagh agus bha an obair aig Fortune gu math cunnartach. Chaidh e timcheall ann an riochd marsantach Sìneach, ag innse do dhaoine gun robh e à s an fhìor cheann a tuath, agus chaidh e fad air falbh bho na puirt-mhara far an robh cead aig Eòrpaich a bhith. Uaireannan, bhiodh e air falbh airson trì mìosan agus chaidh e gu à iteachan far nach robh Eòrpach air a bhith ann roimhe.Â
Cheannaich e lusan ³Ùì agus fhuair e iad gu Hong Kong. Às a sin, chaidh iad chun nan Innseachan. Ach cha b’ urrainn do Fortune sùil a chumail orra an uair sin, agus chaill e mòran dhiubh air bòrd nan long. Uile-gu-lèir, thathar a’ dèanamh dheth gun do ghoid e trì mìle deug lus agus deich mìle sìol.
An toiseach, ʼs e ³Ùì uaine a bha Fortune a’ cruinneachadh. Ach bha fèill mhòr air ³Ùì dhubh, agus rinn e oidhirp mhòr gus lusan agus sìol a chruinneachadh dhen ³Ùì dhuibh ann am Fujian. Anns a’ Ghearran ochd ceud deug, caogad ʼs a h-aon (1851) dh’fhà g e Shanghai airson a dhol do na h-Innseachan. A bharrachd air lusan is sìol, thug e leis sguad de thuathanaich Shìneach aig an robh na sgilean is eòlas airson ³Ùì dhubh fhà s. Bha beatha ùr gu bhith aca anns an Hiomalaithea anns na h-Innseachan. Agus bha gnìomhachas mòr ùr gu bhith aig na h-Innseachan – gnìomhachas a mhaireas chun an latha an-diugh.
Co-dhiù, tha an t-à m agam falbh airson cupa ³Ùì fhaighinn – no saoil an gabh mi cofaidh?

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: na seachdadan: the [19]70s; mo sheanmhair: my grandmother; teatha nan ceà rd: travellers’ tea, historically known as ‘tinkers’ tea’; Lios Mòr: Lismore; gu coimeirsealta: commercially.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: tha cuimhne agam fhathast air a’ chiad turas a fhuair mi cupa cofaidh air a’ Chomraich: I [can] still remember the first time I got a cup of coffee in Applecross; a’ tadhal air seann bhoireannach a bha cà irdeach dhomh: visiting an old woman who was related to me; dh’atharraich i a beachd: she changed her opinion; am b’ fheà rr leat?: would you prefer?; chan eil cuimhne agam air cofaidh fhaicinn, gun luaidh air òl: I can’t remember seeing coffee, not to mention drinking it; chuireadh i uisge goileach orra: she would put boiling water on them; tha feadhainn ga fà s: some people grow it; chan eil adhbhar agam a bhith a’ smaoineachadh nach biodh iad math, blasta: I have no reason to think they wouldn’t be good and flavoursome; ann a bhith a’ brosnachadh gnìomhachas fà s na ³Ùì o chionn fhada: in encouraging the tea-growing industry a long time ago; far an do ghoid e lusan ³Ùì airson Companaidh Bhreatannach nan Innseachan an Ear: where he stole tea plants for the British East India Company; chaidh e timcheall ann an riochd marsantach Sìneach: he went around disguised as a Chinese merchant; gun robh e à s an fhìor cheann a tuath: that he was from the far north; bho na puirt-mhara far an robh cead aig Eòrpaich a bhith: from the sea ports where Europeans were permitted to be; chaidh iad chun nan Innseachan: they went to India; uile-gu-lèir, thathar a’ dèanamh dheth gun do ghoid e trì mìle deug lus: in total, it’ s reckoned he stole thirteen thousand plants; thug e leis sguad de thuathanaich Shìneach aig an robh na sgilean is eòlas airson ³Ùì dhubh fhà s: he took with him a team of Chinese farmers who had the skills and knowledge to grow black tea.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: An gabh thu copan teatha?: will you take a cup of tea? Interestingly not everybody uses the same Gaelic for ‘cup’ or ‘tea’; there are dialectal differences. ‘Cup’ can be copan, cupan or cupa [pl. copannan, cupannan, cupaichean] and ‘tea’ can be ³Ùì or teatha. All terms are mutually intelligible, of course. You can remain dialectally neutral and ask somebody, ‘an gabh sibh srùbag?’ If they say, ‘g²¹²ú³ó²¹¾±»å³ó’, then you can enquire, ‘dè b’ fheà rr leibh?’ and, if it is tea, they will use either teatha or ³Ùì.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: o mhoch gu dubh: all day long [‘from early to dark’].
Broadcasts
- Sun 6 Jan 2019 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 9 Jan 2019 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.