Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Donnchadh MacLeòid le seirbheis a' cuimhneachadh call na h-Iolaire 1919

An t-Urr Donnchadh MacLeòid le seirbheis a' cuimhneachadh call na h-Iolaire 1919.
Service with Rev Duncan MacLeod marking the 100th anniversary of the Iolaire disaster.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 09: 9-10 air fonn Evan agus ‘s e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-Liath ann an Inbhir Nis.
Salm 107 air fonn Loch Broom air a sheinn le Cairìstiona Cheanadach
Salm 46: 10-11 air fonn Steòrnabhagh agus ‘s e Seumas MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Leughadh: Lùcas 13: 1-9
Ceann-teagaisg: Lùcas 13: 1-9

Rugadh an t-Urr Donnchadh MacLeòid ann an Càrlabhagh ann an 1954. Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil Chàrlabhaigh, an Sgoil MhicNeacail agus an Oilthigh Obar Dheathain mus deach e a-steach airson na ministrealachd.
Na òige ann an Càrlabhagh, 's e glè bheag de Bheurla a bh' aige. Ri chuimhne fhèin, 's e na ciad fhacail Bheurla a thuirt e nuair a bha e anns an sgoil, "Please Miss, may I leave the room?"
Bha, agus tha, ùidh mhòr aig Donnchadh anns a' chànan agus anns a' chultar agus 's e obair neach-teagaisg Gàidhlig a' chiad obair a bh' aige às dèidh ceumnachadh à Oilthigh Obar Dheathain. Bha e a' teagasg airson ùine an Uibhist ann an sgoiltean Dhalabroig agus Phaibeil. Chaidh Donnchadh air ais dhan cholaiste ann an 1980 - an turas seo gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire airson dreuchd ministeir a thoirt a-mach.
Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1983 ann am Bun Ilidh agus bha e an sin gu 1996 nuair a chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Pheairt, far an robh e airson mu chòig bliadhna deug. Ann an 2011 chaidh Mgr MacLeòid a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Dhòrnaich. Bha Mgr MacLeoid cuideachd airson deich bliadhna na fhear-deasachaidh air Colbh Ghàidhlig iris mhìosail na h-eaglaise, The Monthly Record.
Tha ùidh mhòr mhòr aig Mgr MacLeòid ann am ball-coise agus gu sònraichte ann an sgioba ball-coise Partick Thistle. Tha e pòsta aig Mòrag à Sgalpaigh agus tha triùir a theaghlach aca.

30 minutes

An t-Urr Donnchadh MacLeòid

An t-Urr Donnchadh MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 30 Dec 2018 09:00
  • Sun 30 Dec 2018 15:00

Featured in...