Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1014
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 1014.
Last on
Boxing Day 2018
22:30
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 710
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1014
Duration: 05:00
Litir 1014: Alasdair MacIlleMhìcheil agus Coimisean Napier (2)
Nuair a bha mi ann an Uibhist turas, chuala mi beul-aithris gun robh uaireigin na h-eileanan ris an canar Heisgeir ceangailte ri Uibhist a Tuath. A-nise, tha caolas mòr ann eadar taobh an iar Uibhist a Tuath agus Heisgeir.
Tha cunntas mu na h-eileanan sin aig Alasdair MacIlleMhìcheil ann an aithisg Choimisean Napier. Chuir e trì ainmean Gà idhlig orra – Heisgeir, Teisgeir agus Aoisgeir. Agus sgrìobh e gur e an treas ainm sin am fear as ciallaiche. Aoisgeir – isthmus rock. Tha am facal aoidh aithnichte airson tairbeart no »åò¾±°ù±ô¾±²Ô²Ô.
Sgrìobh MacIlleMhìcheil gun robh aoidh ann uaireigin a bha a’ ceangal Heisgeir ri Uibhist a Tuath. Mean air mhean, dh’fhalbh an talamh gu bhith nam fadhlaichean. Dh’fhalbh na fadhlaichean agus an uair sin bha caolas eu-domhainn ann (le grunnd gainmhich). Agus bha comas aig daoine ri linn MhicIlleMhìcheil an fheadhainn mu dheireadh a choisich a-null ʼs a-nall ainmeachadh – agus feadhainn a chaidh a bhà thadh air an turas a-null cuideachd.
Bidh cuid de sgoilearan ainmean-à ite a’ cur teagamh anns an argamaid aig MacIlleMhìcheil, ach cha robh an Liosach deiseil aige sin. Sgrìobh e cuideachd gur e aoidh bunait ainm eilein a tha cho ainmeil ri gin ann an Alba – ÃŒ no ÃŒ Chaluim Chille. Bha e dhen bheachd gur e Aoidh Chaluim Chille a bh’ air an eilean mar ainm aig aon à m. Bha e a’ cumail a-mach gun robh e follaiseach do dhuine sam bith a bheireadh sùil air gun robh ÃŒ uaireigin ceangailte ri Muile, agus aoidh eatarra.Â
Bhiodh e doirbh a dhol às à icheadh sin gu tur. Tha mi air seòladh dà thuras tro Chaolas Ì agus tha e gu math eu-domhainn, le oitirean is sruthan a bhios a’ gluasad fad na h-ùine oir tha an grunnd air a dhèanamh de ghainmheach.
Agus tha ceangal ann eadar Ì agus Heisgeir. Sgrìobh MacIlleMhìcheil gur e fìor ainm eilean mòr Heisgeir (gu fìrinneach tha trì eileanan ann a tha ceangailte ri chèile le fadhlaichean) Heisgeir nan Cailleach ‘Heisgeir of the Nuns’. Bha uaireigin coimhearsnachd de chailleachan-dubha – a bha co-cheangailte ri Eilean Ì – a’ fuireach ann. Gu siar air an eilean, thar caolas, tha eilean eile, far a bheil taigh-solais. Ged as e Siolaigh a th’ air an-diugh, ʼs e Heisgeir nam Manach ‘Heisgeir of the Monks’ a bh’ air uaireigin. ʼS e sin as coireach gur e Na h-Eileanan Monach no Monach Isles a th’ air an à ite seo mar ainm cuideachd.
Tha MacIlleMhìcheil ag innse seann naidheachd mu Heisgeir. Air latha samhraidh o chionn fhada, chaidh grunn de mhuinntir an eilein gu ruige Siolaigh airson caoraich a rùsgadh. Chuir na fir na boireannaich air tìr ann an Siolaigh. Dh’fhalbh na fir an uair sin gu sgeir airson ròin a shealg. Ge-tà , cha do cheangail iad an eathar mar bu chòir agus dh’fhalbh i leis a’ ghaoith ʼs leis an t-sruth.
Cha robh bà ta aig na boireannaich airson na fir a shà bhaladh agus bha a’ mhuir a’ lìonadh. Bha na boireannaich ann an Siolaigh ag èigheachd agus chuala boireannach eile air Heisgeir fhèin iad. Rinn an tè sin spà irn airson eathar a tharraing sìos an cladach. Chuir i air bhog sa chaolas i. Ach cha robh i luath gu leòr. Chaidh na fir a sguabadh far na sgeire le tuinn mhòra a’ Chuain Siar. Bha am mnathan gan coimhead ach cha b’ urrainn dhaibh dad a dhèanamh airson an sà bhaladh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: caolas: channel, strait; Alasdair MacIlleMhìcheil: Alexander Carmichael; Liosach: native of Lismore; ÃŒ no ÃŒ Chaluim Chille: Iona; cailleachan-dubha: nuns; Siolaigh: Shillay; ²õ±èà ¾±°ù²Ô: struggle.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: chuala mi beul-aithris gun robh uaireigin na h-eileanan ris an canar Heisgeir ceangailte ri Uibhist a Tuath: I heard oral tradition that at one time the islands called Heisgeir were connected to North Uist; mean air mhean, dh’fhalbh an talamh gu bhith nam fadhlaichean: gradually, the land changed to be sea-fords; dh’fhalbh na fadhlaichean: the sea-fords disappeared; bha caolas eu-domhainn ann (le grunnd gainmhich): there was a shallow strait there (with a sandy bottom); bha comas aig daoine ri linn X an fheadhainn mu dheireadh a choisich a-null ʼs a-nall ainmeachadh: people had the ability in X’s time to name the last ones to walk there and back; a chaidh a bhà thadh: who were drowned; gur e aoidh bunait ainm eilein a tha cho ainmeil ri gin ann an Alba: that aoidh is the basis of the name of an island that is as famous as any in Scotland; gun robh e follaiseach do dhuine sam bith a bheireadh sùil air: that it was obvious to anybody that would look at it; gun robh Ì uaireigin ceangailte ri Muile: that Iona was at one time connected to Mull; bhiodh e doirbh a dhol às à icheadh sin gu tur: it would be difficult to entirely deny that; eu-domhainn, le oitirean is sruthan a bhios a’ gluasad fad na h-ùine: shallow, with sandbanks and channels that are constantly shifting; air latha samhraidh o chionn fhada: on a summer’s day a long time ago; airson caoraich a rùsgadh: to shear sheep; gu sgeir airson ròin a shealg: to a skerry to hunt seals; cha do cheangail iad an eathar mar bu chòir: they didn’t tie up their boat as they should; bha a’ mhuir a’ lìonadh: the tide was rising [‘the sea was filling’]; chaidh na fir a sguabadh far na sgeire le tuinn mhòra a’ Chuain Siar: the men were swept from the skerry by great Atlantic waves; airson an sà bhaladh: to save them.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Tha am facal aoidh aithnichte airson tairbeart no »åò¾±°ù±ô¾±²Ô²Ô: the word aoidh is known for an isthmus. Aoidh is sometimes given as ù¾±»å³ó. It is considered to be a loan-word, originating in the Old Norse ±ð¾±Ã° ‘isthmus, neck of land’. Tairbeart and »åò¾±°ù±ô¾±²Ô²Ô are words of Gaelic origin which can also stand for an isthmus.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: thar caolas: across a channel/strait.
Broadcasts
- Sun 23 Dec 2018 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Boxing Day 2018 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.