Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coconut and Blackberry Cake

Prògram 3 de 12

Tha Linda NicLeòid agus a caraidean a’ dèanamh cèic le cnò-chòco agus smeuragan. Linda and friends make a tasty coconut and blackberry cake.

Tha Linda NicLeòid a’ bèicearachd cuide ri a caraidean. An-diugh tha Beth agus Isaac cuide ri Linda agus iad a’ fuine cèic le cnò-chòco agus smeuragan. Ach mus tòisich iad, feumaidh iad dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile cail tha a dhìth orra a-staigh. Mur a bheil, bidh iad a’ dèanamh liosta agus a’ dol dhan bhùth airson a h-uile càil fhaighinn.

Bidh Linda agus a caraidean cuideachd a’ faighinn a-mach cò às a tha smeuragan a’ tighinn. Tha iad an uairsin a’ tilleadh dhan chidsin airson a’ cheic a dhèanamh mus suidh iad sìos aig a’ bhòrd ga ithe!

Linda Macleod and friends cook a number of tasty dishes. She is joined by Beth and Isaac to bake a delicious coconut and blackberry cake. However, before they start, they must be sure they have all the ingredients. If not, they make a list and go shopping. Linda and her friends also find out more about how blackberries are grown, and then it's back into the kitchen to bake the cake before sitting down at the table to taste it.

Air a chraoladh

DiC 14 Lùna 2024 17:00

Cèic Cnò-chòco agus Smeuragan

Cèic Cnò-chòco agus Smeuragan

Cèic Cnò-chòco agus Smeuragan

STUTHAN
250g flùr-èirigh
25g coirce 
280g siùcar bog donn
200g ìm fuar, air a ghearradh na phìosan
75g cnò-chòco
2 ugh air am bualadh
350g smeuragan ùr no reòthte   

Ro-theasaich an àmhainn gu 180C/350F/gas 4 

Cuir am flùr, an coirce agus an t-siùcar ann am bobhla mòr. 

Suath an t-ìm dhan mheasgachadh fhlùir le bàrr do chorragan, gus am bi cnapan beaga uidhir ri peasairean agad. 

Cuir an cnò-chòco ris a’ mheasgachadh, lìon cupa tì leis a’ mheasgachadh air fad agus cuir e gu aon taobh.

Measgaich na h-uighean dhan mheasgachadh sa bhobhla agus sgap seo ann am bonn tiona-fuine (31 x 17 cm) no tiona ceàrnagach (21cm) a tha air a lìnigeadh.

Dèan seo còmhnard le cùl spàin agus sgap na smeuragan air. 

Sgap am measgachadh anns a’ chupa tì thairis air a seo agus bruich san àmhainn airson eadar uair agus uair is cairteal gus am bi a’ chèic òr-dhonn agus bruich (bu chòir sgian bhiorach no bior tighinn às gun mheasgachadh air).

Leig leis a’ chèic fuarachadh mas toir thu às an tiona e airson a ghearradh na cheàrnagan.  

Coconut and Blackberry Squares

INGREDIENTS
250g self-raising flour
25g oats
280g soft brown sugar
200g cold butter, cut into pieces
75g desiccated coconut
2 medium eggs, beaten
350g frozen or fresh blackberries

Heat oven to 180C/160C fan/gas 4.

Tip the flour, oats and sugar into a large bowl. Rub the butter into the flour mixture using your fingertips until only small pea-size pieces remain.

Stir through the coconut, then fill a teacup with the mixture and set this aside.

Stir the eggs into the bowl of mixture, then spread over the bottom of a lined baking tin (31 x 17cm), or a 21cm square tin.

Smooth the surface with the back of a spoon, then scatter over the blackberries.

Scatter over the reserved teacup mixture and bake for 1 hr-1 hr 15 mins until golden and cooked through (if you poke a skewer in, it should come out with moist crumbs but no wet mixture). 

Leave to cool, then remove from the tin and cut into squares.

Role Contributor
Presenter Linda MacLeod
Producer Donald Macleod
Production Manager Mairi Mackinnon