Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1007
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 1007.
Last on
Wed 7 Nov 2018
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 703
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1007
Duration: 05:00
Litir 1007: Na Trì Lèintean Canaich (3)
Tha mi ag innse dhuibh na sgeulachd ‘Na Trì Lèintean Canaich’. Bha nighean an rìgh aig taigh an t-seann duine mhòir. Dh’inns e dhi gun robh a triùir bhrà ithrean a’ fuireach ann an uamh. ‘Tha sreang chaol chainbe agam,’ thuirt e. ‘Gabh grèim oirre. Ma thèid thu air an rathad cheà rr, bheir mise draghadh air an t-sreing.’ ʼS ann air an dòigh sin a lorg an nighean an uamh anns an robh a brà ithrean.
Bha bòrd na broinn, le trì cupannan air – fear mòr, fear beag agus fear meadhanach. Bha iad uile là n fìona. Bha aig an nighinn, mu a meur, fà inne a bh’ air a bhith le a mà thair nach maireann. Chuir i am fainne sa chupa a bu lugha. An uair sin chaidh i am falach fo mheall de dh’itean eòin.
Thà inig a brà ithrean a-steach nan coin ghlasa. Thilg iad dhiubh na cochaill a bh’ orra. Bha iad nan daoine a-rithist. Thog iad an cupannan agus dh’òl iad am fìon. Nuair a dh’òl am fear a b’ òige a’ chuid mu dheireadh dhen fhìon, rinn am fà inne gliong air na fiaclan aige. Thog an gille e. Dh’aithnich e e. ‘Seo fà inne mo mhà thar,’ thuirt e. Rannsaich na gillean an uamh agus lorg iad am piuthar. Bha iad air leth toilichte.
Dh’fhaighnich an nighean dhiubh an robh dòigh ann airson an saoradh bho na geasan a bh’ orra. Bha, thuirt iad. Nan dèanadh i lèine de chanach an t-slèibhe airson gach duine aca, agus nan cumadh i balbh sà mhach gus an robh i fhèin air na lèintean a chur umpa, bhiodh iad saor bho na geasan.
Dh’fhalbh i le trì pocannan gu sliabh agus lìon i iad le canach an t-slèibhe. Chunnaic i marcaiche a’ tighinn dha h-ionnsaigh. ʼS e rìgh a bh’ ann, agus cha robh e pòsta.
Ghabh e gaol air an nighinn ach cha chanadh i facal ris. Bha esan a’ smaoineachadh gun robh i bodhar is balbh. Le comharraidhean là imhe, rinn e soilleir dhi gun robh e airson a pòsadh. Dh’aontaich i agus chaidh i don rìoghachd aige far an do phòs iad. Bha i a-nise na banrigh.
Gach latha, bhiodh i a’ leantainn le a cuid obrach ann an sà mhchair, a’ snìomh agus a’ fighe a’ chanaich. An ceann greis, rugadh leanabh-gille dhi. Airson seachdain rinn a’ bhean-ghlùine caithris air, gun a bhith a’ faighinn norrag. Ach, an dèidh seachdain, bha uiread de sgìths oirre ʼs gun do chuir i an leanabh ann an creathall. Thuit i fhèin na cadal. Thà inig là mh mhòr a-steach air an uinneig agus thug i leatha an leanabh. Ach cha tuirt a’ bhanrigh cà il oir bha i airson a brà ithrean a shaoradh bho na geasan.
Nuair a dhùisg a’ bhean-ghlùine, cha robh fios aice dè dhèanadh i. Bha coileach beag ann. Mharbh i an coileach, chuir i fuil bhuaithe ann an cupan, agus shuath i an fhuil air beul na banrigh. An uair sin chaidh i far an robh an rìgh. ‘Nach olc am boireannach siud,’ thuirt i ris. ‘Dh’ith i a leanabh fhèin.’
‘An do rinn i sin?’ thuirt an rìgh.
‘Rinn,’ fhreagair a’ bhean-ghlùine.
‘Ud, chan eil i ach gòrach,’ ars an rìgh. ‘Leigidh sinn leatha.’ Agus lean a’ bhanrigh gu sà mhach le a cuid snìomh agus fighe. Bheir mi an stòiridh gu ceann an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Na Trì Lèintean Canaich: The Three Bog Cotton Shirts; sreang chaol chainbe: fine hempen string; là n fìona: full of wine; gliong: clink (sound); dh’aithnich: recognised; marcaiche: [horse] rider; bodhar is balbh: deaf and unable to speak; comharraidhean là imhe: hand signs; gòrach: foolish.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: gun robh a triùir bhrà ithrean a’ fuireach ann an uamh: that her three brothers were living in a cave; bha aig an nighinn, mu a meur, fà inne a bh’ air a bhith le a mà thair nach maireann: the girl had, around her finger, a ring that had been owned by her late mother; chaidh i am falach fo mheall de dh’itean eòin: she hid under a pile of bird feathers; thà inig a brà ithrean a-steach nan coin ghlasa: her brothers entered in the form of grey dogs; thilg iad dhiubh na cochaill a bh’ orra: they threw off the coverings that were on them; rannsaich na gillean an uamh agus lorg iad am piuthar: the lads closely searched the cave and they found their sister; an robh dòigh ann airson an saoradh bho na geasan: was there a way to free them from the spells; nan dèanadh i lèine de chanach an t-slèibhe airson gach duine aca: if she made a shirt of bog cotton for each one of them; nan cumadh i balbh sà mhach gus an robh i fhèin air na lèintean a chur umpa: if she kept silent until she herself had put the shirts on [around] them; ghabh e gaol air an nighinn: he fell in love with the girl; a’ snìomh agus a’ fighe: spinning and weaving; rugadh leanabh-gille dhi: she gave birth to a son; rinn a’ bhean-ghlùine caithris air, gun a bhith a’ faighinn norrag: the midwife kept a vigil watch on him, without sleeping; bha uiread de sgìths oirre ʼs gun do chuir i an leanabh ann an creathall: she was so tired that she put the baby in a cradle; mharbh i an coileach, chuir i fuil bhuaithe ann an cupan, agus shuath i an fhuil air beul na banrigh: she killed a cockerel, she put blood from it in a cup, and she rubbed the blood on the queen’s mouth.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bheir mise draghadh air an t-sreing: I’ll pull on the string. Sreang is a feminine noun and, traditionally, such nouns slenderize in the dative (prepositional) singular following an article. Thus an t-sreang (nominative) becomes air an t-sreing (dative). The pronunciation of the vowel also slenderizes.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a’ chuid mu dheireadh dhen ´Ú³óì´Ç²Ô: the last bit of the wine.
Broadcasts
- Sun 4 Nov 2018 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Nov 2018 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.