Episode 73
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Ann an ceann-a-tuath na Roinn Eòrpa, fhuair Breatainn sealbh air Chamova, baile beag faisg air Archangel, air a' 14mh den t-Sultain 1918, ach b’ eudar dhith tòiseachadh air tarraing a-mach à Baku, ann an Asarbajan an là-an-diugh, air an aon latha. An ath latha chuir Riaghaltas na h-Ostair tagradh oifigeil gu Ceann-Suidhe Ameireaga, Woodrow Wilson, a’ sireadh co-labhairt-sìth “neo-oifigeil” eadar an dà dhùthaich, ach dhiùlt Wilson gabhail ris a seo air an ath latha.
Bha Breatainn agus an Fhraing a’ cumail a’ dèanamh adhartas san Fhraing ann an grunn àitichean na làithean s’ agus, gu h-àraidh bha iad a-nise a’ bagairt air pàirtean de loidhne-dìon Hindenburg na Gearmailt, mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Ann an Serbia, ràinig na feachdan Frangach is Serbianach an Abhainn Vardar air an 21mh den t-Sultain, is iad a’ dlùthachadh air baile Negotin. Thòisich Arm Bhulgàiria a’ cur às dha na stòir agus na h-uidheaman-cogaidh aca is iad ag ullachadh son tarraing air ais às an sgìre.
Ann am Palestine, ràinig Arm Bhreatainn Shechem agus Samaria, a’ putadh Arm na Tuirce air ais anns an da àite, agus a’ cur mòran phriosanach agus ghunnaichean an greim.
Cuideachd rinn an Fhraing a-rithist adhartas deas air St Quentin, a’ gabhail sealbh air baile Benay. Bhuannaich Breatainn fearann an ear air Epehy air an aon latha, ged a chaidh aig na Gearmailtich air stad a chur orra airson greis an seo.
Ghabh na h-Ameirigeanaich sealbh air Very agus Epionville air an 26mh a’ glacadh 8,000 prìosanach. Thòisich Bàr Canal du Nord agus Cambrai air an 27mh, le na Canèidianaich aig cridhe nan ionnsaighean an sin agus rinn Bulgàiria tagradh oifigeil airson sìth ris na Co-chòmhragaich.
Thòisich ‘Ionnsaigh na Flannrais’ - no ‘Còigeamh Blàr Ypres’ – air an 28mh den t-Sultain 1918, le Breatainn, a’ Bheilg is an Fhraing a’ strì gus na Gearmailtich a phutadh a-mach às an talamh a bha fo smachd aca timcheall Ypres. Bha seo na phàirt den iomairt fharsaing ris an canar ‘The Hundred Days Offensive’, sreath de bhlàir, a bha air tòiseachadh goirid ron a seo agus a bha ag amas air a’ Ghearmailt a phutadh a-mach às an Fhraing agus a’ Bheilg uile-gu-lèir. Thug an iomairt ceum eile air adhart air an ath là nuair a thòisich Blàr Canàl St. Quentin.
Cluinnidh snn cuideachd bho Dhòmhnall MacNeacail, Dòmhnall Iseabail à Camus Croise san Eilean Sgitheanach, a chaidh a leòn na laithean sa.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Mon 8 Oct 2018 12:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Mon 8 Oct 2018 22:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Oct 2018 13:00鶹Լ Radio nan Gàidheal