Main content
Episode 1002
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 1002.
Last on
Wed 3 Oct 2018
23:00
Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
More episodes
Previous
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 698.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1002
Duration: 05:00
Litir 1002: GÃ idhlig aig Murrayfield (1)
Cò am fear mu dheireadh, aig an robh Gà idhlig, a riochdaich Alba ann an gèam rugbaidh eadar-nà iseanta? Agus cò am fear mu dheireadh, aig an robh Gà idhlig, ach nach robh a’ riochdachadh Alba, a chluich aig Murrayfield ann an gèam eadar-nà iseanta? Leis an fhìrinn innse, chan eil mi buileach cinnteach. Ma tha fuasglaidhean nan ceist sin agaibh fhèin, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.
Ach tha adhbhar agam airson na ceistean sin a chur. Tha mi airson innse dhuibh mu dhithis – aig an robh Gà idhlig, ach a bha an aghaidh a chèile air a’ phà irc – a chluich aig Murrayfield a’ chiad turas a thug Alba a-mach an t-sà r-bhuaidh no grand slam. Sin nuair a nì aon dùthaich an gnothach air a h-uile dùthaich eile san fharpais. Thachair e sa bhliadhna naoi ceud deug, fichead ʼs a còig (1925).Ìý
Bha an seusan sin gu math mòr ann an eachdraidh rugbaidh ann an Alba. Dh’atharraich a’ bhuidheann-stiùiridh a h-ainm bho Scottish Football Union gu Scottish Rugby Union. Tron t-seusan, ghluais iad na geamannan eadar-nà iseanta aca gu stadium ùr – Murrayfield.
Ach ghabh a’ chiad ghèam de dh’Fharpais nan Còig Dùthchannan à ite anns an Fhaoilleach air an t-seann phà irc ann an Inbhir Lìte. Rinn Alba a’ chùis air an Fhraing. Thachair rudeigin annasach letheach-slighe tron ghèam sin. Bha leth-dhubhadh na grèine ann. ʼS dòcha gun robh sin na mhanadh de shoirbheas ...!
Bha sgioba mhath aig na h-Albannaich, gu h-à raidh am measg nan dìonadairean. Bha Seòras Mac a’ Phearsain air leth là idir. Bha, agus Iain Mac a’ Ghobhainn, a bha a’ cluich air an iomaill. Bha Mac a’ Phearsain agus Mac a’ Ghobhainn le chèile a’ cluich airson Oilthigh Oxford. Agus chuir Mac a’ Ghobhainn ceithir scòraichean an aghaidh nam Frangach.
Chuir e ceithir scòraichean a-rithist anns an dà rna gèam an aghaidh na Cuimrigh ann an Swansea. Bhuannaich Alba fichead ʼs a ceithir gu ceithir-deug. Anns an treas gèam ann am Baile Atha Cliath, rinn Alba a’ chùis air Èirinn. An uair sin thà inig na Sasannaich a Mhurrayfield air an aonamh latha fichead dhen Mhà rt airson a’ ghèam mu dheireadh air beulaibh seachdad mìle duine. Agus bha cothrom aig Alba an t-sà r-bhuaidh a thoirt a-mach airson a’ chiad turais riamh.Ìý
Bha an latha tioram is grianach, agus bha an gèam air leth teann. Bhuannaich Alba le trì puingean – ceithir-deug gu h-aon-deug. Ach bha na Sasannaich dhen bheachd gun robh Iain Mac a’ Ghobhainn air a chas a chur thar na loidhne-oisein leis a’ bhall na là imh goirid mus do chuir Alba an scòr mu dheireadh. Ge-tà , cha robh rèitire-bhidio ann airson dà rna beachd a thoirt air a’ chùis an uair sin!
Bha co-dhiù dithis air a’ phà irc air an latha ainmeil sin aig an robh Gà idhlig. Bha Iain Mac Ille na Brataich cliùiteach mar chluicheadair airson sgioba na h-Alba. Rugadh e ann an Glaschu ach bhuineadh athair do dh’Uibhist a Deas. Agus bha Gà idhlig aig Iain.
Anns an sgioba eile, bha fear Ruairidh MacIllInnein – Roderick Ross Forrest MacLennan. Ged a bha e a’ cluich airson Sasainn, rugadh esan cuideachd ann an Glaschu. Agus bha Gà idhlig aige.
An robh an dithis a’ bruidhinn ri chèile air a’ phà irc ann an Gà idhlig? Chan urrainn dhomh a rà dh. Ach bha an dèidh a’ ghèam, a rèir choltais. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: a riochdaich: who represented; rugbaidh: rugby; eadar-nà iseanta: international; adhbhar: reason; a’ bhuidheann-stiùiridh: the governing body; Inbhir Lìte: Inverleith; dìonadairean: (half)backs; Baile Atha Cliath: Dublin; teann: tight; Iain Mac Ille na Brataich: John Bannerman.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: ach nach robh a’ riochdachadh Alba: but who wasn’t representing Scotland; leis an fhìrinn innse, chan eil mi buileach cinnteach: to tell you the truth, I’m not entirely sure; a’ chiad turas a thug Alba a-mach an t-sà r-bhuaidh: the first time Scotland won the grand slam; nuair a nì aon dùthaich an gnothach air a h-uile dùthaich eile: when one country defeats all the other countries; thachair rudeigin annasach letheach-slighe tron ghèam sin: something unusual happened halfway through that game; bha leth-dhubhadh na grèine ann: there was a partial eclipse of the sun; ʼs dòcha gun robh sin na mhanadh de shoirbheas: perhaps that was an omen of success; a’ cluich air an iomaill: playing on the wing; chuir Mac a’ Ghobhainn ceithir scòraichean an aghaidh nam Frangach: Smith scored four tries against the French; an aghaidh na Cuimrigh: against Wales; rinn Alba a’ chùis air Èirinn: Scotland defeated Ireland; air an aonamh latha fichead dhen Mhà rt: on 21 March; airson a’ ghèam mu dheireadh air beulaibh seachdad mìle duine: for the final game in front of seventy thousand people; gun robh Iain Mac a’ Ghobhainn air a chas a chur thar na loidhne-oisein: that Ian Smith had put his foot over the touchline; cha robh rèitire-bhidio ann airson dà rna beachd a thoirt air a’ chùis: there was no video referee to give a second opinion on the matter; chan urrainn dhomh a rà dh: I cannot say.Ìý
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha, agus Iain Mac a’ Ghobhainn: so was Ian Smith.
Broadcasts
- Sun 30 Sep 2018 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 3 Oct 2018 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.