Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 1

Episode 1 of 10

Griogar MacLeòid is bèiceirean air feadh Alba a’ fuine dhaibhsan tha measail air rud milis. Gregor MacLeod and home bakers from across Scotland share delicious sweet recipes.

Bho dhachaigh ann an Calanais ann an Leòdhas far a bheil e a’ruith taigh leabaidh is bracaist, tha Griogar MacLeòid a’siubhal an tòir air na bèiceirean ‘sna còcairean is fheàrr air Ghaidhealtachd is anns na h-Eileanan. Tha e a’tadhal orra nan cidsinean fhèin agus bi iadsan a’ sealltainn dha dè’s fheàrr leotha fuine. Còcaire proifeiseanta a th’ann, le làn fhios gun ionnsaich thu barrachd bho eòlaiche le ùidh sa ghnothach, na bho leabhar sa bith.

Sa phrògram seo tha Griogar agus a charaidean a’ sealltainn dhuinn dè ni iad dhaibhsan nach gabh an riarachadh ach le rud milis. Marshmallows phinc ann an Baile an Truiseil ... bonnaich bhàna le teòclaid gheal ann an Glaschu – agus nì Griogar fhèin ceicean le còmhdach phinc, làn uachdar is silidh nam broinn, gun guth air treadha nougat, blasta le sirisean geura agus cnòthan pistachio.

From his home in Callanish in Lewis, where he runs his own B&B, Gregor MacLeod takes to the road to meet some of the Highlands and Islands’ best home cooks and bakers. He visits them in their own kitchens and they share with him their favourite recipes. A professional cook himself, he knows that you can learn so much more from a passionate and practised person than from any cookery book.

Gregor and his trusted bakers and cooks show us their recipes for when only something sweet will do. He takes a trip to Ballantrushal in Lewis to taste fluffy pink marshmallows and visits a Glasgow Gael to try her malted white chocolate blondies. And Gregor himself makes pink iced buns with fresh cream and jam, and a crunchy sour cherry and pistachio nougat.

29 minutes

Last on

Tue 13 Jun 2023 19:00

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from Fuine

Na Bonnaich Chòmhdaichte aig Griogair

Na Bonnaich Chòmhdaichte aig Griogair

250 g flùr plein 
250 g flùr làidir arain 
7g beirm
2 spàin-tì salann
2 spàin mhòr siùcar mìn
1 ugh
50g ìm bog
150ml bainne blàth
150ml uisge flodach  

Airson a chòmhdaich
400g siùcar còmhdaich
3-4 spàinean-tì uisge
Dath bìdh dearg 

Airson an lìonadh
150 ml uachdar a bhualadh
Silidh sùbh-làir


Feumar an toiseach an taois a dhèanamh airson na bonnaich.

Cuir an dà sheòrsa flùr tron t-sìoltachan ann am bobhla mòr agus cuir mun cuairt iad. Ann aon taobh dhan bhobhla cuir a-staigh am beirm agus air an taobh eile cuir ann an salann agus an t-siùcar.

Nise, dèan toll ann am meadhan am flùir. Tha aon ugh agus an t-ìm a dol a-staigh dhan toll sin. Cleachd spàin fhiodh airson na tha sa bhobhla uile a thoirt còmhla.

Dòirt ann am bainne agus an t-uisge. Ni e feum mhòr dhan taois ma bhios an stuth fliuch blàth. Cuidichidh seo am beirm a tòiseachadh ag obrachadh.

Cuir mun cuairt na sa bhobhla leis an spàin gus am faighear taois a tha meadhanach fliuch agus bog.

Obraich na taoise air clàr-fuine is min air fad deich mionaidean no cairteal na h-uarach co dhiù gus am bi i mìn, slìoma.

Suath bobhla le beagan ola agus cuir ann an taois. Air uachdar a bhobhla cuir pìos clingfilm agus fàg ann an àite blàth e son uair a thìde neo gus am bi meudachd a’ chnap taoise air dùblachadh.

Nuair a tha an ùine sin seachad cuir a-mach an taois air a bhòrd agus geàrr e ann an dusan pìos a tha cothromach.   Dèan cumadh isbean le gach pìos agus cuir na pìosan air treadha fuine le lìnigeadh orra. Thathar ag iarraidh gum bi na pìosan taoise, na bonnaich, ann an dà loidhne de sia bonnaich agus gum bith iad cha mhòr a suathadh air a chèile.

Tha pìos cling le beagan ola a dol air am muin is thathar gam fàgail a-rithist ann an àite blàth fad trì chairteal na h-uarach neo uair a thìde. Thathar ag iarraidh gum bi iad air at is air dùblachadh a-rithist.

Dhan àmhainn le na bonnaich a-nis aig teas 180C (àmhainn gaoithe) airson 15 mionaidean.

Nuair a tha iad bruich fàg na bonnaich a’ fuarachadh mus tèid an lìonadh.

Geàrr an uair sin sìos a mheadhain iad agus cuir orra silidh sùbh-làir agus uachdar air a bhualadh.

Airson a chòmhdaich pinc measgaich an t-siùcair pùdair, trì no ceithir làn spàinne mòire de dh’uisge agus boinne no dha de dhath-bìdh dearg. Dòirt spàin mhòr dhe seo air muin gach bonnach agus sgaoil a-mach e feuch ach am bi còmhdach snog, rèidh.

Thoiribh an aire – tha e doirbh gun a bhi gan ithe sa bhad!  

Na “Blondies” aig Shona

Na “Blondies” aig Shona

100g teòclaid gheal
125g ìm gun salainn, air a gheàrradh
225g siùcar ruadh bog
3 uighean mòra air am bualadh
1 spàin-tì brìgh faoineige
100g flùr plèan
50g flùr-èirigh
4 spàinean-mhòra pùdar bainne bracha (a leithid Horlick’s)
60g teòclaid air a ghearradh beag
135g buill teòclaid, feadhainn air am pronnadh is feadhain air am fàgail slàn

Cuir an àmhainn air aig teas 170C, no 150C le gaotharan.

Lìnig tiona 20x20 cm le pàipear-bèicearachd.

Leagh an teòclaid gheal agus an t-ìm còmhla.

Fàg e gus am fuaraich e beagan.

An uair sin, cuir an t-siùcar, na h-uighean agus a’ bhrìgh ris an teòclaid gheal agus an t-ìm. Measgaich a h-uile rud còmhla gu math.

Cuir an dà sheòrsa flùr agus pùdar bainne bracha tro shìoltachan dhan bhobhla leis a’ chòrr, agus measgaich a-rithist gus am bi e mìn.

An uair sin, measgaich an teòclaid agus 100g dheth na buill teòclaid leis a’ chòrr agus cuir seo uile dhan tiona.

Bruich a’ chèic san àmhainn airson 35-40 mionaidean, agus fàg san tiona i gus am fuaraich i.

Leagh beagan a bharrachd teòclaid gheal ann am bobhla os cionn pana uisge goileach. Crìochnaich na blondies le bhith frasadh an teòclaid gheal air uachdar na cèic agus sgeadaich le na buill teòclaid a tha air fhàgail. Geàrr agus ith e!

Na Tortan Pinc & Pineapple aig Amanda

Na Tortan Pinc & Pineapple aig Amanda

TAOIS

250g flùr plèan
50g siùcar
175g ìm fuar, air a ghearradh
1 ugh mòr, air a bhualadh

An toiseach, dèan an taois. Cuir am flùr agus an t-siùcar ann am pròiseasar-bìdh agus measgaich. Cuir an t-ìm ris agus measgaich gu math, an uair sin cuir an t-ugh ris agus measgaich a-rithist. Ma tha an taois ro thioram, faodaidh tu beagan uisge a chur ris gus am fàg an taois taobh a bhobhla glan. Paisg an taois ann am clingfilm agus fuaraich ann am fuaradair fad leth-uair a thìde.

Cuir air an àmhainn aig teas 200C.

Smeur ìm ann an 16 tionaichean-tort 5cm. Thoir an taois a-mach às an fhuaradair agus roilig a-mach i, gu tiughad not. Lìon gach tiona leis an taois agus cleachd forc gus bonn gach tort a bhriogadh gu math. Bruich san àmhainn iad airson 15 gu 20 mionaidean, a’ cumail sùil orra agus gam briogadh a-rithist ma dh’fheumar. Fàg iad an uair sin airson fuarachadh.

Ìٱ

8 spàin-tì silidh sùigh-chraoibh
8 spàin-tì silidh pineapple
Tiona pineapple
200ml uachdar
2 spàin-mhòr siùcar pùdarach

Buail an t-uachdar agus an t-siùcar còmhla gu math, gus an cùm e chumadh. Cuir seo ann am baga pioba.

Òѱٴ

200g siùcar pùdarach
Sùgh bhon tiona pineapple
Dath buidhe agus pinc

Dèan dà leth dhen t-siùcar ann an dà bhobhla. Cuir steall uisge dhan chiad bhobhla agus steall sùgh bhon tiona pineapple dhan dàrna bobhla. Measgaich le gu leòr sùgh/uisge gus an tuit e gu slaodach far na spàinne.

Cuir dath buidhe ris a’ chòmhdach pineapple agus dath pinc ris an fhear eile. 

Lìon gach tort le spàin-tì silidh, pìosan pineapple air an fheadhainn phineapple, an uair sin an t-uachdar agus còmhdach-siùcair gus am bi an uachdar air a chòmhdachadh air fad.

Leig leotha tiormachadh agus an uair sin, ith!

An Nougat aig Griogair

An Nougat aig Griogair

150g cnòthan MhicÀdhaimh
150g cnò-phiostais air an gearradh
225g siùcar gràinneach
140g mil shoilleir
2 ½ spàinean mòra glùcos lionna
110ml uisge
100g siristean thioram
Gealagan bho 2 ugh mhòr
1 spàin-tì brìgh faoineige
à𲹰-ù

Cuir air an àmhainn aig teas 100C/80C le gaotharan. Lìnig trèadha le pàipear bèicearachd, cuir na cnòthan uile air an trèadha agus cuir seo san àmhainn airson blàthachadh. Dèan cinnteach nach loisg na cnòthan.

Lìnig tiona ceàrnach 20cm le pàipear-rùs. Cuir an t-siùcar, mil, glùcos agus uisge ann am pana trom agus measgaich gus an leagh an t-siùcar air a shocair. Nuair a tha e uile air a leaghadh, cuir ann tomhas-teasa agus cuir an teas nas àirde gus an goil e. Cùm sùil air an ìre-teothachd.

Nuair a ruigeas an t-siùcar teas 150C, buail an dà ghealag ann am bobhla le inneal-measgachaidh gus an tig iad ri chèile làn adhar.

Nuair a ruigeas an t-siùcar teas 160C, dòirt e gu slaodach dha na gealagan, ga bhualadh fad an t-siubhail. Dèan cinnteach nach tèid an t-siùcar air taobh a’ bhobhla fhèin no an t-inneal-measgachaidh.

Cùm a’ dol ga bhualadh gus am bi e uabhasach tiugh. Bidh coltas gu bheil an t-inneal-measgachaidh a’ dol a bhriseadh, ach cùm a’ dol.  An uair sin cuir ann na cnòthan, siristean agus am brìgh agus cuir a h-uile rud mun cuairt le spàin.

Dòirt seo uile dhan tiona, còmhdaich am mullach le pàipear-rùs, agus brùth sìos gus am bi e rèidh. Cleachd bòrd no truinnsear a thèid a-steach dhan tiona, agus cuir seo air a’ mhullach le tionaichean-bìdh no crogain airson cuideam a chur air. Fàg mar seo e gus am fuaraich an nougat, fad beagan uairean a thìde.

Thoir a-mach às an tiona e, a’ fàgail a’ phàipeir-rùs air, agus geàrr an nougat ann am pìosan.

Credits

Role Contributor
Presenter Gregor Macleod
Production Manager Sajid Quayum

Broadcasts

Reasabaidhean - Sreath 8

Reasabaidhean - Sreath 8

Na reasabaidhean bhon t-sreath ùr.

A' Fuine le...

Series in which Mairi MacRitchie meets some of the country's best bakers.