Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 991

Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir àireamh 991.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 18 Jul 2018 23:00

Clip

Litir 991: Pàdraig na Beinne (2)

Bha mi ag innse dhuibh an sgeulachd Pàdraig na Beinne. Bha Pàdraig air bò a thoirt don mhargaidh ach thill e dhachaigh gun sgàth na phòcaid. Bha geall luach ceud not aige le caraid nach fhaigheadh e trod sam bith bho a bhean. Dh’fhan a charaid taobh a-muigh taigh Phàdraig, a’ cumail cluas ri claisneachd. ‘Tha mi air tilleadh, a bhean,’ thuirt Pàdraig.

            ‘Tha mi toilichte d’ fhaicinn,’ thuirt a bhean. ‘Ciamar a chaidh dhut anns a’ bhaile mhòr?’

            ‘Cha deach ro mhath,’ dh’aidich an duine aice. ‘Cha robh duine deònach a’ bhò a cheannach. Cha do rinn mi ach a toirt seachad air each.’

            ‘Air each?’ ars ise. ‘Nach tu fhèin an duine glic, a Phàdraig. Cha leig sinn a leas a bhith a’ coiseachd don eaglais tuilleadh.’

            ‘Ach chan eil an t-each againn,’ thuirt Pàdraig. ‘Thug mi seachad e agus fhuair mi muc na àite.’

            ‘O, rinn thu dìreach mar a dhèanainn fhìn,’ thuirt a bhean. ‘Faodaidh mis’ a-nise muicfheòil a chur air beulaibh dhaoine nuair a thig iad air chèilidh oirnn.’

            ‘Ge-tà,’ thuirt Pàdraig, ‘chan eil a’ mhuc agam a-nise. Fhuair mi gobhar na h-àite.’

            ‘Beannaich mise!’ ghlaodh a’ bhean aige. ‘Tha gobhar nas fheàrr na muc. Gheibh sinn bainne is càise a-nise.’

            ‘Stad ort,’ thuirt Pàdraig. ‘Chan eil a’ ghobhar agam idir. Thug mi seachad i agus fhuair mi caora na h-àite.’

            ‘Och, a Phàdraig,’ thuirt a bhean, ‘bha thu dìreach airson mo thoileachadh. Cha bhiomaid ach a’ dìreadh na beinne gach latha airson a’ ghobhar a thoirt dhachaigh air ròpa. ʼS i a’ chaora fhèin as fheàrr oir bheir i dhuinn clòimh is bainne.’

            ‘ ʼS e sin nam biodh i againn,’ fhreagair an duine aice. ‘Thug mi seachad i agus thug mi leam gèadh na h-àite.’

            ‘Nach tu a bha glic,’ thuirt a bhean. ‘Chan eil feòil nas blasta na feòil geòidh air a ròstadh.’

            ‘Socair ort, a-nise,’ arsa Pàdraig. ‘Dh’fhalbh an gèadh agus chan eil e agam a-nis. Thachair duine còir rium aig an robh coileach, agus thug mi dha an gèadh air.’

            ‘O, is math sin,’ thuirt a bhean. ‘Sin dìreach an rud a bha mi fhìn air a dhèanamh. Cha leig sinn a leas a ràdh tuilleadh nach eil cloc againn. Cha bhi latha ann nach dùisg an coileach sinn tràth sa mhadainn, agus cha bhi sinn fadalach airson nì sam bith.’

            ‘Ach nach mis’ a tha luideach,’ arsa Pàdraig. ‘Bheil fios agad dè rinn mi? Reic mi an coileach air tastan oir bha an t-acras orm.’

            ‘Agus nach mise, a ghràidh, a tha taingeil gun do rinn thu sin,’ thuirt a bhean. ‘Chan eil dad a tha thu a’ dèanamh ach mar a dhèanainn fhìn e. Dè feum a th’ ann an coileach no cloc an seo? Faodaidh sinn a-nise fuireach anns an leabaidh cho fada ʼs a thogras sinn. Is mise, gu dearbh fhèin, a tha taingeil gu bheil thu air tilleadh dhachaigh slàn, sàbhailte agus gun do rinn thu a h-uile rud gu dòigheil.’

            An sin, thionndaidh Pàdraig chun an dorais mhòir agus dh’fhosgail e e. Dh’èigh e ris an fhear a bha a-muigh, ‘Dè do bheachd a-nise? An do bhuannaich mi an geall?’

            B’ fheudar do a charaid aideachadh gun do rinn e sin gun teagamh, agus phàigh e an geall dha.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: dh’aidich: admitted; ³¾³Ü¾±³¦´Ú³ó±ðò¾±±ô: pork; beannaich mise: bless me; gobhar: goat; ³¦Ã ¾±²õ±ð: cheese; stad ort: stop there; ²µÃ¨²¹»å³ó: goose; socair ort: take it easy.

Abairtean na Litreach

dhachaigh gun sgàth na phòcaid: Peter had taken a cow to market but he returned without anything to show for it; bha geall luach ceud not aige: he had a hundred-pound bet; nach fhaigheadh e trod sam bith bho a bhean: that he wouldn’t be scolded by his wife; a’ cumail cluas ri claisneachd: eavesdropping; ciamar a chaidh dhut?: how did you get on?; cha deach ro mhath: not too well; nach tu fhèin an duine glic: aren’t you a wise man; thug mi seachad e agus fhuair mi muc na àite: I gave it away and I got it a pig in its place; rinn thu dìreach mar a dhèanainn fhìn: you did just as I would do; cha bhiomaid ach a’ dìreadh na beinne gach latha: I would only climb the mountain every day; airson a’ ghobhar a thoirt dhachaigh air ròpa: to bring the goat home on a rope; bheir i dhuinn clòimh is bainne: she will give us wool and milk; nas blasta na feòil geòidh air a ròstadh: tastier than roasted goose meat; thug mi dha an gèadh air: I gave him the goose in exchange for it; cha bhi latha ann nach dùisg an coileach sinn tràth sa mhadainn: there will be no day when the cockerel doesn’t waken us early in the morning; nach mis’ a tha luideach: amn’t I stupid; reic mi an coileach air tastan oir bha an t-acras orm: I sold the cockerel for a shilling because I was hungry; dè feum a th’ ann an coileach no cloc?: what use is a cockerel or clock?; fuireach anns an leabaidh cho fada ʼs a thogras sinn: stay in bed for as long as we want; phàigh e an geall dha: he paid him the wager.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Cha leig sinn a leas a bhith a’ coiseachd don eaglais tuilleadh: we don’t need to walk to the church any more. This is a really good expression and you should try to use it in your everyday speech. An tig mi còmhla riut ‘will I come with you?’ Cha leig thu (a) leas ‘you don’t need to’. Note that dialectally it is also cha ruig thu (a) leas.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Cha do rinn mi ach a toirt seachad air each: I just swapped it for a horse.

Broadcasts

  • Sun 15 Jul 2018 22:30
  • Wed 18 Jul 2018 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast