Main content
Sorry, this episode is not currently available

08/06/2018

Bidh Lisa a' faighinn a-mach na tha sibhse air a bhith ris gus na tràighean a ghlanadh anns na coimhearsnachdan agaibh fhèin. With Lisa Wilson.

Tha prògram sònraichte againn dhuibh an-diugh agus Lisa a' coimhead air a' chron a tha plastaig a' dèanamh air an àrainneachd agus cho cudromach 's a tha e a bhith ag ath-chuairteachadh.

Cluinnidh sinn bho Dylan agus Anna a th' air a bhith glanadh nan tràighean anns na coimhearsnachdan aca fhèin ann an Leòdhas agus Barraigh.

Bidh sgoilearan Ulapuil ag innse mun iomairt acasan gus casg a chuir air sràbhan plastaig san sgìre.

Tha sgoilearan Shlèite air a bhith ag ionnsachadh mu chumhachd ath-nuadhachail agus blàthachadh na cruinne.

Cuideachd, innsidh sgoilearan Gheàrrloch dhuinn mu na dh' ionnsaich iadsan aig Là na Mara a bh' aca.

Release date:

57 minutes