Episode 2
Ceitidh Anna NicChoinnich agus triùir aoighean a' tadhal air Taisbeanadh Fhlùraichean Chelsea 2018. Katie Ann MacKenzie and three guests visit the RHS Chelsea Flower Show 2018.
Tha Taisbeanadh Fhlùraichean Chelsea air a bhith stèidhichte air là rach an Ospadail Rìoghail ann an Lunnainn airson còrr agus ceud bliadhna a-nis. Gach bliadhna tha dùbhlan air a chur ron luchd-deilbh, gà rraidhean cruthachail a bheir spionnadh, brosnachadh agus sà r-thoileachas do gach cuid britheamh agus luchd-amharc thairis air aon sheachdain aig deireadh a' Chèitein.
Ach cha tèid a chumail am-bliadhna ri linn a' choròna-bhìorais
Fhuair Ceitidh Anna NicCoinnich cothrom a dhol an luib Flùraichean Chelsea ann a 2018 còmhla ri triùir eileanach a th' air a bhith a' fuireach ann an Lunnainn fad bhliadhnaichean agus an-diugh tha iad a' leantainn orra len cuiairt timcheall an taisbeanaidh. Tha Donnchadh MacIllÌosa à Nis ann an Leòdhas air bhith na ghà irnealair ann an ceann a tuath Lunnainn còrr is leth-cheud bliadhna, cuide ris tha Norah NicLèoid, à Sgalpaigh aig a bheil ùidh mhòr ann an obair gà rraidh agus a tha air bhith a' fuireach ann an Lunnainn trì fichead bliadhna. Còmhla riutha cuideachd tha tè aig a bheil èolas farsaing air Chelsea agus an sgìre mun cuairt agus guth air a bheil sinn gu math èolach, Anna NicLeòid, a tha air a dachaigh a dhèanamh ann an Lunnainn fad seachd bliadhna deug.
Last on
Broadcasts
- Thu 7 Jun 2018 22:10Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Jun 2018 09:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Tue 19 May 2020 09:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal