03/06/2018
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 985.
Last on
More episodes
Previous
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 681
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 985
Duration: 05:09
Litir 985: Grà inne agus am Buidseach Glas (3)
Bha am Buidseach Glas an tòir air Fionn agus Grà inne nuair a rà inig iad an Abhainn Dearg. Air an taobh thall bha Gleann Eilg agus sà bhailteachd. Bha sruth agus leud na h-aibhne ro mhòr eadhon airson Fionn, a bha math air snà mh. Cha robh fios aca dè dhèanadh iad oir cha robh fiodh sam bith ann airson bà ta a thogail. Ach bha leug dhearg aig Grà inne na falt. Nan toireadh Grà inne an leug a-mach, gheibheadh i aon rùn agus bhiodh an draoidheachd air a caitheamh.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ghabh Grà inne grèim air an lèig na là imh agus dh’iarr i oirre bà ta a dhèanamh dhaibh gus am faigheadh i fhèin is Fionn a-null. Nochd bà ta air am beulaibh agus dh’fhalbh Grà inne is Fionn innte. Mun à m a rà inig am Buidseach Glas an abhainn bha an cupall ro fhada a-mach.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Thill Fionn is Grà inne a Ghleann Eilg a dh’fhuireach. Bha iad an dùil leanabh a bhith aca agus bha iad gu math sona. Goirid ro latha a bhreith, chaidh iarraidh air Fionn a dhol a thoirt taic do Chlann Mòrna, a bh’ ann an cunnart. Chan ann le deòin Grà inne a dh’fhalbh e, ach bha e air gealltanas a thoirt do Chlann Mòrna gun toireadh e taic dhaibh nam biodh iad ann an cunnart. Agus cha robh Fionn Mac Cumhail a’ dol a dh’à icheadh a bhòidean.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Cha robh e air falbh ach trì latha. Ach, tron ùine sin, nochd am Buidseach Glas a-rithist agus thug e Grà inne air falbh an aghaidh a toil. Nuair a thill Fionn bha Grà inne air falbh. Chuir Fionn a chorrag fo a dheud-fios agus fhuair e a-mach gun deach cruth-atharrachadh a dhèanamh air Grà inne. Bha i a-nise a’ ruith nan coilltean ann an Gleann Afraig ann an cruth èilde – fiadh boireann. Agus cha robh i ruadh no donn. Bha i bà n.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chaidh dusan bliadhna seachad agus, latha a bha seo, bha iad a’ sealg faisg air doire nuair a dh’fhà s Bran, cù Fhinn, fiadhaich. Cha leigeadh e le cù no duine, ach a-mhà in Fionn, a dhol a-steach am measg nan craobh.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nuair a chaidh Fionn ann, lorg e gille mu dhusan bliadhn’ a dh’aois. Cha robh cà nan sam bith aige ach cà nan nam fiadh. Ann am meadhan a bhathais, bha dos de ghaoisidean fèidh far an robh a mhà thair air imlich. Thuig Fionn gum b’ e seo a mhac – agus chuir e an t-ainm Oisean air, a’ ciallachadh ‘fiadh beag’.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Ged a dh’ionnsaich Oisean cà nan nan daoine – cà nan nan Gà idheal, gu dearbh – cha do dhìochuimhnich e gun do thogadh e am measg nam fiadh. Turas a bha seo, bha e air Eilean Fladaigh agus bha a chompanaich ag ithe sitheann. Cha robh Oisean deònach an fheòil ithe. ‘Nach ith thu an fheòil?’ thuirt iad.
‘An itheadh sibhse calpa ur mà thar?’ dh’fhaighnich Oisean dhiubh.
Nuair a chaochail Grà inne, leig am Buidseach Glas le Oisean dhol gu Tìr an Dorchadais airson dust a mhà thar a thoirt dhachaigh. Bha i a-nise ann an cruth caillich. Thog na Fianna à ite-tiodhlacaidh dhi air mullach beinne faisg air Gleann Eilg, air taobh an Eilein Sgitheanaich dhen chaolas. ʼS e Beinn na Caillich a chanas sinn ris a’ bheinn sin chun an latha an-diugh. Tha i ainmichte airson Grà inne.Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Buidseach Glas: Grey Magician; leanabh: baby; doire: copse; Eilean Fladaigh: The Isle of Fladday; à ¾±³Ù±ð-³Ù¾±´Ç»å³ó±ô²¹³¦²¹¾±»å³ó: burial place.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Air an taobh thall bha Gleann Eilg agus sà bhailteachd: on the far side was Glenelg and safety; bha sruth agus leud na h-aibhne ro mhòr eadhon airson Fionn, a bha math air snà mh: the current and width of the river was too great even for Fionn, who was a good swimmer; bha leug dhearg aig Grà inne na falt: Grà inne had a red jewel in her hair; gheibheadh i aon rùn agus bhiodh an draoidheachd air a caitheamh: she would get one wish and the magic would be used up; dh’iarr i oirre bà ta a dhèanamh dhaibh: she asked it to make them a boat; bha an cupall ro fhada a-mach: the couple were too far out; chan ann le deòin Grà inne a dh’fhalbh e: it wasn’t with Grà inne’s assent that he went; bha e air gealltanas a thoirt do: he had promised; an aghaidh a toil: against her will; chuir Fionn a chorrag fo a dheud-fios: Fionn put his finger under his tooth of knowledge; gun deach cruth-atharrachadh a dhèanamh air X: that X was transformed; a’ ruith nan coilltean ann an Gleann Afraig ann an cruth èilde: running the forests in Glen Affric in the form of a hind; chan fhac’ iad eilid bhà n: they didn’t see a white hind; ann am meadhan a bhathais, bha dos de ghaoisidean fèidh far an robh a mhà thair air imlich: in the middle of his forehead, he had a tuft of deer hair where his mother had licked; chuir e an t-ainm Oisean air: he called him Oisean; cha do dhìochuimhnich e gun do thogadh e am measg nam fiadh: he didn’t forget that he was raised among the deer; bha a chompanaich ag ithe sitheann: his companions were eating venison; an itheadh sibhse calpa ur mà thar?: would you eat your mother’s shank?; airson dust a mhà thar a thoirt dhachaigh: to take his mother’s remains home.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Thill Fionn is Grà inne a Ghleann Eilg a dh’fhuireach: Fionn and Grà inne returned to Glenelg to live. This is another way of saying ‘thill iad a dh’fhuireach ann an Gleann Eilg’. Here’s another example: chaidh mi a Ghlaschu a dh’fhuireach nuair a bha mi òg ‘I went to Glasgow to live when I was young.’
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: cha robh Fionn Mac Cumhail a’ dol a dh’à icheadh a bhòidean: Fionn Mac Cumhail wasn’t going to deny his pledges.
Broadcasts
- Sun 3 Jun 2018 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 6 Jun 2018 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.