Episode 200
Aois togail a' chogaidh suas gu 51 agus ionnsaighean bhon adhar air gach taobh. The call-up age is raised to 51 and both sides carry out many aerial attacks.
Bha sanas ann am Pà ipear an Òbain air 18mh den Cheitein 1918 ag innse mu na riaghailtean ùra co-cheangailte ri togail dhaoine dhan Chogadh, mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag aithris an t-seachdain sa. Chuir a' Phà rlamaid an aois airson seo suas anns a' Ghiblean gu 51 air sgà th na bha de shaighdearan gan call san Fhraing ann an Iomairt an Earraich. Anns an t-sanas a bha sa phà ipear, bha liosta fada de na h-obraichean ris nach biodh an riaghailt seo a' buntainn, leithid obair fearainn is seirbheisean feumail eile.
Bha artaigil sa phà ipear cuideachd mu na gearainean a bha aig tuathanaich chaorach mun a' phrìs a bha iad a' faighinn on Riaghaltas airson clòimh.
Bha moran ionnsaighean bhon adhar air gach taobh agus bha na bomairean Gearmailteach ag amas gu h-à raidh air drochaid air Abhainn aig Etaples ach bhuail cuid de na bomaichean aca togalaichean eile sa bhaile. Nam measg bha dà ospadal Canèidianach. Chaidh còrr is 60 a mharbhadh, nam measg triùir nursaichean. Dh'fhuirich a' chuid mhòr de na nursaichean còmhla ri na leòintich an à ite dhol a lorg fasgadh, agus chaidh Bonn a' Mhìlidh son gaisge a thoirt do dhithis dhiubh air sgà th sin.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 240518
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 24 May 2018 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 25 May 2018 11:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal