Litir do Luchd-ionnsachaidh.
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 983.
Last on
More episodes
Previous
Next
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 679
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 983
Duration: 05:00
Litir 983: Grà inne agus am Buidseach Glas (1)
B’ e Oisean mac Fhinn Mhic Cumhail. Tha ainm a’ ciallachadh ‘fiadh beag’ anns an t-seann Ghà idhlig, agus bha rudeigin dhen fhiadh ann. Tha mi a’ dol a dh’innseadh dhuibh stòiridh mu Oisean nuair a bha e òg, agus mar a bha e cho dlùth ris na fèidh. Ach tha e a’ tòiseachadh mus do rugadh e, air taobh an iar na Gà idhealtachd ann an sgìre Ghleann Eilg. Latha a bha seo, bha Fionn cuide ri caraidean ann an Gleann Eilg nuair a nochd boireannach. Bha cleòc dearg oirre. B’ ise Cailleach Ruadh nan Sìthichean. Bha i na seanmhair do Ghrà inne, bean Fhinn.
‘Chaidh Grà inne a thoirt am bruid,’ thuirt a’ chailleach.
‘Dè tha sibh ag rà dh?’ dh’fhaighnich Fionn.
‘Thà inig am Buidseach Glas agus thug e Grà inne air falbh leis,’ dhearbh a’ chailleach. ‘Tha i a-nise ann an Tìr an Dorchadais.Feumaidh tusa – am fear as gaisgeile a th’ ann – a sà bhaladh.’
‘Ceart gu leòr,’ arsa Fionn. ‘Falbhaidh mi an ceartuair.’
Air dha a ghealltanas a thoirt, thug a’ chailleach trì rudan prìseil dha – bioran à craobh-ghiuthais, èiteag ghleansach agus clach bheag gharbh dhubh. ‘Tha draoidheachd anns na trì rudan seo,’ thuirt i. ‘Bidh fios agad mar a nì thu feum dhiubh nuair a thig an t-à m.’
Thà inig osag on à ird an iar, agus bha a’ chailleach air a sguabadh air falbh. Dh’fhàs i na bu lugha. An toiseach bha i mar ghobhlan-gaoithe, an uair sin mar sheillean, an uair sin mar dhamhan-allaidh beag air snà th, agus mu dheireadh mar an spot dubh nad fhradharc a thèid à fianais nuair a nì thu priobadh.
Dh’fhalbh Fionn gu Tìr an Dorchadais, gun ach a chlaidheamh – Mac-an-Luinn – a thoirt leis. Fad là ithean a choisich e, agus bha dìreach dà ghrà n de choirce aige. Shuidh e aig bonn craoibhe airson an ithe nuair a chuala e grà gail os a chionn. Bha fitheach mòr na shuidhe air geug. ‘Gròg, gròg,’ ars am fitheach. ‘An toir thu grà n corca dhomh, Fhinn. Tha an t-acras mòr orm.’
‘Tha an t-acras air an dithis againn, a charaid,’ thuirt Fionn. ‘Agus tha thu fhèin a cheart cho airidh air biadh ʼs a tha mise.’ Agus thug e grà n corca don fhitheach.
‘Mo bheannachd agad,’ thuirt am fitheach. ‘Nuair a bhios feum agad orm, bidh mi ann dhut.’
Lean Fionn air a shlighe agus rà inig e cladach. Bha an t-acras air fhathast agus nuair a chunnaic e ròn glas air a’ chladach, thug e a chlaidheamh a-mach. Ach thuirt an ròn ris, ‘Na marbh mi, Fhinn. Ma mharbhas tu mi, gheibh mo chuid cloinne bàs cuideachd – agus cha do rinn duine againn cron ort.’
Acrach ʼs ged a bha e, chuir Fionn a chlaidheamh air ais na thruaill. Dh’fhalbh an ròn agus thill e taobh a-staigh dà mhionaid le bradan mòr na bheul. Thug e am bradan do Fhionn. Ghabh an gaisgeach a shà th dhen bhradan.
Thà inig Fionn gu creachann – à ite garbh là n chreagan is chlachan anns nach robh lus sam bith a’ fà s. Bhreab e clach gun fhiosta dha gun robh i na dachaigh do luchag. Rinn an luchag bìogan. ‘Carson a mhill thu an taigh agam?’ dh’fhaighnich i. ‘Cha do rinn mi cron sam bith ort.’ Mus d’fhuair Fionn cothrom bruidhinn, thà inig iolaire mhòr a-nuas agus thog i an luchag na spuirean. Agus innsidh mi dhuibh tuilleadh an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chà nain na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Sun 20 May 2018 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 23 May 2018 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.