Main content

Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir àireamh 981.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 9 May 2018 23:00

Clip

Litir 981: Uilebheist Ratharsair (2)

Bha mi ag innse dhuibh an sgeulachd ‘MacMhuirich Ratharsair’. Bha an t-Uilebheist air cabhsair agus cruach-mhònach a thogail do MhacMhuirich, ach cha robh an sealgair riaraichte. ‘Tha an leanabh agad air èirig fhathast,’ thuirt e.

            ‘Phàigh mi i dà thuras mu-thràth,’ ars an t-Uilebheist, le fearg.

            ‘Cha robh an sin ach an toiseach,’ thuirt MacMhuirich. ‘A-nise, togaidh thu taigh mòr dhomh. Bidh an tughadh air a dhèanamh de dh’itean eòin.’

            ‘Mo mhìle mallachd ort!’ thuirt an t-Uilebheist. Dh’èirich e agus dh’fhalbh e don choille. Anns a’ choille, dh’èigh e, ‘Gach craobh anns a’ choille ach a-mhàin critheann a’ Chrainn-cheusaidh agus Droigheann-dubh a’ Chrùin, thigibh agus dèanaibh taigh na ceilge!’ Thàinig fiodh bho na craobhan sin agus cha b’ fhada gus an robh an taigh air a thogail, ach a-mhàin gun robh e gun tughadh.

            Bha MacMhuirich fhathast anns an taigh aige fhèin, agus mhothaich e gun robh e air fàs dorch. Choimhead e a-mach air an uinneig, agus dè chunnaic e ach ealtainnean – sgaothan de dh’eòin a bh’ air tighinn à gach oisean dhen domhan. Dh’fhàg gach eun ite air mullach an taigh ùir. Taobh a-staigh latha, bha an tughadh deiseil.

            Nuair a thill an t-Uilebheist, thilg MacMhuirich a leanabh a-mach air an uinneig, ag ràdh, ‘thalla às an eilean seo agus thoir do chuilean leat!’

            Dh’fhalbh an t-Uilebheist agus chan fhacas e bhon uair sin ann an Ratharsair. Ach rinn e mallachd air MacMhuirich nach biodh sealbh no fortan aige. Phòs MacMhuirich an ceann ùine agus bha triùir mhac aige. Bha iad fhèin ʼs an athair a-mach air a chèile fad na h-ùine. Cha robh ach aon charaid aig MacMhuirich agus b’ e sin an lethchiallach a bha na sgalaig dha. ʼS e Fionnlagh an t-ainm a bh’ air.

            Latha a bha seo sheòl MacMhuirich, a mhic agus Fionnlagh gu ruige Muideart. Air an t-slighe dhachaigh, stad iad ann an Canaigh. Bha iad ann ro fhada agus dh’iarr Baintighearna Chanaigh orra falbh, ged nach robh gaoth sam bith ann airson seòladh.

            ‘Chan eil sinn a’ dol a dh’iomradh a Ratharsair,’ thuirt na mic rin athair. ‘Nach iarr sibh gun tig a’ ghaoth?’

            Dh’èigh MacMhuirich airson ‘gaoth an ear a thig às na creagan agus nach dèan cron oirnn.’ Agus dh’èirich gaoth shocair às an àird an ear. Ach cha robh i làidir gu leòr agus rinn a ghillean magadh air an athair airson a bhith meata. ‘Ceart gu leòr,’ thuirt MacMhuirich. Dh’èigh e airson ‘gaoth chruaidh às an àird a tuath.’ Cha robh sin fàbharach dhaibh agus rinn na gillean an tuilleadh fanaid air.

            Bha MacMhuirich a-nise feargach. Dh’èigh e airson gaoth cho làidir ʼs gun reubadh i gaoisidean à each, gun spìonadh i fianach à monadh agus gun tàirnneadh i bàirneach à creag. Bha a mhic uile tinn le cur na mara. Cha robh ach MacMhuirich agus Fionnlagh a sheas ris a’ chruadal. Air èiginn, ràinig iad Loch Aineort anns an Eilean Sgitheanach far an do chuir iad am bàta air tìr. Tha dùil gun do ràinig iad Ratharsair ach dè thachair dhaibh an uair sin, chan eil fhios domh.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: riaraichte: satisfied; iomagaineach: anxious; Muideart: Moidart; Canaigh: Canna; ´Úè²¹³Ù³ó: windless calm; gaoth an ear: an east wind.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Bha an t-Uilebheist air cabhsair agus cruach-mhònach a thogail do MacMhuirich: the monster had built a causeway and peat-stack for MacVurich; air èirig fhathast: still under ransom; phàigh mi i dà thuras mu-thràth: I’ve already paid twice; bidh an tughadh air a dhèanamh de dh’itean eòin: the thatch will be made of birds’ feathers; mo mhìle mallachd ort: a thousand curses on you; dèanaibh taigh na ceilge: make the house of deceipt; dè chunnaic e ach ealtainnean – sgaothan de dh’eòin à gach oisean dhen domhan: what did he see but flocks of birds – flocks of birds from every corner of the earth; dh’fhàg gach eun ite air mullach an taigh ùir: every bird left a feather on the roof of the new house; thilg X a leanabh a-mach air an uinneig: X threw the baby out through the window; thalla às an eilean seo agus thoir do chuilean leat: get out of this island and take your pup with you; chan fhacas e bhon uair sin: it was never seen again; rinn e mallachd air: it cursed him; a-mach air a chèile fad na h-ùine: falling out with each other all the time; an lethchiallach a bha na sgalaig dha: the ‘halfwit’ [lethchiallach is not a PC term] who was his servant; dh’iarr Baintighearna Chanaigh orra falbh, ged nach robh gaoth ann: the Lady of Canna asked them to leave, although there was no wind; chan eil sinn a’ dol a dh’iomradh a Ratharsair, thuirt na mic: we’re not going to row to Raasay, said the sons; rinn a ghillean magadh air airson a bhith meata: his sons mocked him for being timid; an tuilleadh fanaid: more mockery; gun spìonadh i fianach à monadh: that it would rip the dry grass from the hill; chan eil fhios domh: I don’t know (alternative to chan eil fhios agam).

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Gach craobh anns a’ choille ach a-mhàin critheann a’ Chrainn-cheusaidh agus Droigheann-dubh a’ Chrùin: every tree in the wood except the aspen of the crucifixion tree and the blackthorn of the crown. Both these species were commonly recognised by the Gaels as ‘cursed’ trees, associated with the crucifixion of Christ.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: gun tàirnneadh i bàirneach à creag: that it would rip a limpet from a rock. The wind has to be strong to do that!

Broadcasts

  • Sun 6 May 2018 22:30
  • Wed 9 May 2018 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast