Episode 197
Blà r Scherpenberg dha chuir agus bàs a' phoidleat Gearmailteach, Baron von Richthofen. The Battle of Scherpenberg is fought and the German pilot, Baron von Richthofen dies.
Bha fios ann am pà ipear-naidheachd an Òbain aig toiseach a' Chèitein 1918 mu naidheachd-bà is fear de churaidhean na Gearmailt, Baron von Richthofen, à feachd-adhair na Gearmailt, a bhiodh na chall mòr dhaibh le cho soirbheachail 's a bha e air a bhith.
Air 29mh den Ghiblean 1918 thug Blà r Scherpenberg, ris an canar cuideachd Blà r Lys no an ceathramh blà r Ypres, ionnsaigh Ghearmailteach an Earraich gu crìch. Anns an aithisg aige dh'innis Sir Dùghlas Haig mar a thachair air an latha dheireannaich seo, mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Agus cluinnidh sinn cuideachd iomradh air òraid mu Achd Ùr an t-Seirbheis Armailteach. B' e Sir Dòmhnall MacIllEathain, mac greusaiche a rugadh an Cill mo Luthaig ann an Tiriodh a rinn an òraid. Bha Sir Dòmhnall na bhall pà rlamaid Libearalach 's bha e a' bruidhinn aig Tribunal Thaigh nan Cumantan air mar a bha e an aghaidh fir na bu shine na 47 a bhith air an gairm.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 030518
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 3 May 2018 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 4 May 2018 11:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal