15/04/2018
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 978.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 674
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 978
Duration: 05:00
Litir 978: Na Ceiltich (9)
Tha an sreath phrògraman agam air na Ceiltich a’ teannadh ris an deireadh. An t-seachdain seo tha mi airson sùil a thoirt air Eilean Mhanainn. Saoilidh mi – ma tha duine ag iarraidh saoghal nan Gà idheal a thuigsinn gu cruinneil – gum bu chòir dha dhol a cheithir à iteachan – Alba, Èirinn, Alba Nuadh ... agus Eilean Mhanainn.
           Tha sgeulachd ann gun robh Fionn Mac Cumhail a’ reubadh na talmhainn ann an Èirinn. Feumaidh gun robh e ann an droch shunnd! Chladhaich e toll agus sin far a bheil Loch Neagh an-diugh. Agus an cnap talmhainn a thilg e don mhuir - uill ʼs e sin Eilean Mhanainn.
           Chan eil Eilean Mhanainn mar phà irt dhen Rìoghachd Aonaichte. Tha pà rlamaid aca fhèin, agus cha bhi iad a’ cur riochdairean gu Taigh nan Cumantan ann an Lunnainn. Tha iad, ge-tà , co-cheangailte ri crùn Bhreatainn, agus ʼs i Banrigh na Rìoghachd Aonaichte a’ bhanrigh acasan.
           Thathar a’ smaoineachadh gun robh Gà idhlig air a bruidhinn ann an Eilean Mhanainn cho trà th ris a’ chòigeamh linn an dèidh Chrìosd. Ach bha na Sasannaich agus na Lochlannaich a’ gabhail gnothach ris an eilean cuideachd. Ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a sia (1266), ghabh Alba grèim air fo Chùmhnant Pheairt. Thug an cùmhnant sin na tìrean Lochlannach (ach Arcaibh is Sealtainn) do dh’Alba. Aig deireadh a’ cheathramh linn deug, thà inig Eilean Mhanainn fo smachd nan rìghrean Sasannach. Agus dh’fhàs na ceanglaichean eadar na Manainnich agus na Gà idheil ann an Alba is Èirinn na bu laige.
           Nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gaelg – a’ Ghà idhlig Mhanainneach – ann an seachd ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1767), an aon bhliadhna anns an do nochd an Tiomnadh Nuadh nar cà nan fhèin. Thà inig am Bìoball slà n a-mach ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a còig (1775), ge-tà , ginealach mus do nochd am Bìoball Gà idhlig slà n ann an Alba.
           Ach bha an siostam sgrìobhaidh anns a’ Ghà idhlig Mhanainnich gu math eadar-dhealaichte bho na bh’ aig na h-Albannaich ʼs na h-Èireannaich. Cha do ghabh luchd eadar-theangachaidh a’ Bhìobaill for air na siostaman anns na dùthchannan Gà idhealach eile. Mar sin, tha e nas fhasa do Ghà idheal Albannach an cà nan Manainneach a thuigsinn nuair a tha i air a labhairt, seach mar a nochdas i ann an riochd sgrìobhte. Mar eisimpleir, tha iad a’ sgrìobhadh ‘is thu fhèin?’ mar AS OO HENE. Air an là imh eile, ʼs dòcha gu bheil an siostam aca nas fhasa do luchd na Beurla.
Gu tric bidh am fuaim ‘t’ anns a’ Ghà idhlig Mhanainnich a’ gabhail à ite an fhuaim ‘g’ ann an Gà idhlig – mar eisimpleir, fastyr mie airson feasgar math agus thie tashtee airson taigh-tasgaidh.
           Nuair a bha mi ann an Doolish, prìomh bhaile Eilean Mhanainn, o chionn bhliadhnaichean chaidh mo thoirt timcheall taigh na pà rlamaid. ʼS e House of Keys a chanas iad ann am Beurla ris an taigh ìosal. Chaidh innse dhomh nach eil an t-ainm co-cheangailte idir ri iuchraichean. Tha e a’ tighinn bho Yn Kiare as Feed – a’ ciallachadh ‘An Ceithir air Fhichead’ – oir ʼs e sin à ireamh nam ball anns an taigh sin.
           Tha a’ Ghà idhlig Mhanainneach beò fhathast agus air a teagasg ann an cuid de sgoiltean agus bu chòir dhuinne mar Ghà idheil Albannach a bhith a’ cuimhneachadh gu bheil dà chà nan piutharail againn – Gà idhlig na h-Èireann agus Gà idhlig Eilean Mhanainn. Slà n leibh – no slane lhiu – an-drà sta.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Lochlannaich: Vikings; Cùmhnant Pheairt: The Treaty of Perth; ginealach: a generation; siostam sgrìobhaidh: writing system (orthography); Doolish: Douglas; iuchraichean: keys.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: an sreath phrògraman agam air na Ceiltich: the series of programmes on the Celts; saoilidh mi – ma tha duine ag iarraidh saoghal nan Gà idheal a thuigsinn gu cruinneil: I reckon – if a person wants to understand the world of the Gaels globally; a’ reubadh na talmhainn: ripping up the ground; ann an droch shunnd: in a bad mood; chladhaich e toll agus sin far a bheil X an-diugh: he dug a hole and thatʼs where X is today; cha bhi iad a’ cur riochdairean gu Taigh nan Cumantan: they don’t send representatives to the House of Commons; co-cheangailte ri crùn Bhreatainn: connected to the British crown; cho trà th ris a’ chòigeamh linn: as early as the fifth century; thug an cùmhnant sin na tìrean Lochlannach (ach Arcaibh is Sealtainn) do dh’Alba: that treaty gave the Scandinavian lands (except Orkney and Shetland) to Scotland ; na bu laige: weaker; nochd an Tiomnadh Nuadh: the New Testament appeared; thà inig am Bìoball slà n a-mach: the full Bible came out; cha do ghabh luchd eadar-theangachaidh a’ Bhìobaill for air na siostaman anns na dùthchannan Gà idhealach eile: the translators of the Bible took no heed of the systems in the other Gaelic countries; nas fhasa do Ghà idheal Albannach an cà nan Manainneach a thuigsinn nuair a tha i air a labhairt, seach mar a nochdas i ann an riochd sgrìobhte: easier for a Scottish Gael to understand when it is spoken, rather than as it appears in its written form; chaidh mo thoirt timcheall taigh na pà rlamaid: I was taken around the house of parliament; bu chòir dhuinne mar Ghà idheil Albannach a bhith a’ cuimhneachadh gu bheil dà chà nan piutharail againn: we as Scottish Gaels should remember we have two sister languages.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Eilean Mhanainn: the Manx version of the name is Ellan Vannin – the mutated consonant sounds shown in Gaelic and Irish with an ‘h’ as an indicator of lenition are in Manx Gaelic shown as distinct letters, based on English orthography. As I say in the text, if a Gael wants to understand the totality of the Gaelic world experience and the languageʼ heritage, he or she should visit four places during their lifetime – Scotland, Ireland, Nova Scotia and the Isle of Man. Put it on your list!
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a’ teannadh ris an deireadh: approaching the end.
Broadcasts
- Sun 15 Apr 2018 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 18 Apr 2018 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.