Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 193

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh air an t-seachdain sa 100 bliadhna air ais. The events of World War One, this week 100 years ago.

Air an 30mh den Mhàirt 1918 bha an t-sabaid fhathast a' dol gu cruaidh aig an Somme. Tuath air an abhainn chaidh ionnsaigh Ghearmailteach a thilleadh air ais, agus air an taobh a deas na h-aibhne chaidh aig na Breatannaich air talamh a bhuannachadh air ais. Còmhla ris na Frangaich chaidh aca air stad buileach a chur air na Gearmailtich gus an robh baile Moreuil air ais nan làmhan.

Air an 4mh den Ghiblean thòisich am batal airson Abhainn Avre, an ear air baile Amiens. B' e seo an ionnsaigh Ghearmailteach mu dheireadh a rachadh a dheànamh air Amiens agus chomharraich e deireadh an ionnsaigh Earraich aig an Seanaral Erich Ludendorf. Thug seachd roinnean Gearmailteach ionnsaigh air còig roinnean Breatannach agus Astràlianach tuath air Abhainn Avre, ach sheas na Co-chòmhraigich gu daingeann gu ìre's gum b'fheudar do Ludendorf an ionnsaigh a stad an ath latha. Bha an t-srì airson Amiens seachad.

Aig an taigh nochd dà aithris inntinneach sa Highland News - aon ag ràdh gun robh an lùghdachadh anns na dh'fhaodadh daoine a cheannach de dh'fheòl ag obrachadh le nas lugha dhaoine a' feitheamh ann an loidhne taobh a-muigh bhùithtean bùidsear a' bhaile. Ach aig an aon àm bha aithris eile san aon phàipear mu ghearainean a chuala coinneamh de Chomataidh Smachd a' Bhìdh mu cho truagh sa bha an t-aran ann an Inbhir Nis, mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

10 minutes

Last on

Fri 6 Apr 2018 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 5 Apr 2018 21:00
  • Fri 6 Apr 2018 11:50