Episode 64
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in WW1, taking place 100 years ago.
Chaidh grunn de cheumannan poilitigeach a ghabhail air an 13mh den Mhà irt 1918 mar a chluinneas sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.
Dh'aontaich Còmhdhail nan Sobhiet san Ruis, le mòr-chuid de chòrr is 400, ri cùmhnant-sìth Brest-Litovsk eadar iad fhèin is a' Ghearmailt.
Ann an Taigh nan Cumantan ann an Lunnainn, thug Mgr Balfour taic do phlanaichean Iapan son a dhol an sàs san t-sabaid anns an Ruis eadar Arm nan Boilseabhach Dhearg agus Arm nan Ruiseanach Gheala a bha nan aghaidh a bha sabaid airson cumhachd san Ruis. Bha Iapan air taobh an Airm Ghil agus iad an dùil gun toireadh seo smachd dhaibh air Siberia, is gun dìonadh sin iad o ionnsaighean on Ruis san à m ri teachd.
Thòisich 'Iomairt an Earraich', an 'Spring Offensive' - no an Kaiserschlacht (Blà r a' Cheusair) mar a bha aig na Gearmailtich fhèin air - air an 21mh den Mhà irt 1918.
Bha a' Ghearmailt air co-dhùnadh gur e an aon chothrom a bh' aice air an Cogadh a bhuannachd nan dèanadh i a' chùis air Arm Bhreatainn mus tigeadh Ameireaga a-steach dhan a' Chogadh, agus mar sin gu robh oidhirp shònraichte a dhìth aig an à m seo. Bha faisg air leth-mhuillean a bharrachd de shaighdearan aice a-nise an dèidh aonta-sìth a dhèanamh ris an Ruis aig toiseach a' Mhà irt. Uile-gu-lèir, chaidh trì fichead Division Gearmailteach a chleachdadh ann an Iomairt an Earraich. Cluinnidh sinn mar a chaidh e.
Bha Iomairt an Earraich, a thòisich air an 21mh den Mhà irt 1918, a' leantainn le na Gearmailtich a-nise comasach air Paris a ruighinn le na gunnaichean mòr aca, rud a rinn iad son a' chiad uair air an treas là fichead.
Bha feachdan Bhreatainn gan sìor phutadh air ais cuideachd. Stèidhich iad loidhne-dìon ùr gu deas agus an iar air baile St Quentin air an treas là fichead, ach cha b' fhada gun tà inig seo fo ìmpidh throm o na Gearmailtich, agus bha an call-beatha à rd.
Thòisich Blà r Bapaume, mu dheich air fhichead mìle tuath air St Quentin, air an 24mh is mhair e dà latha. Chaidh Bapaume fhèin agus baile Peronne, mu chòig mìle deug gu deas, a ghabhail thairis leis a' Ghearmailt. Chaidh 30,000 saighdear Breatannach a thoirt nam prìosanaich air an latha seo a rèir a' chunntais oifigeil Ghearmailteach.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 2 Apr 2018 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 2 Apr 2018 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Apr 2018 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal