Episode 62
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Air 26mh den Fhaoilleach 1918 chaidh an SS Andania fodha dà mhìle a tuath 's an ear thuath air Eilean Reachraidh a-mach bho Èirinn a Tuath. Bha an Andania, a chaidh a togail ann an Grianaig, air a slighe bho Liverpool gu New York le dà fhichead luchd-siubhail agus carago de shoithichean airgid is daoimain air bòrd, an uair a chaidh a cuir fodha leis a' bhà t-aigeil Gearmailteach U-46 fo stiùir Leo Hillebrand. Chaidh oidhirpean a dheà namh gus a tarraing gu tìr ach an ceann grunn uairean a thìde chaidh i fodha. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mu bhàs buileach cianail co-cheangailte rithe.
B' e seo an t-seachdain cuideachd san tà inig na ceudan mhìltean de luchd-obrach a-mach air stailc ann am bailtean na Gearmailt. Bha grunn cheudan stailcean air a bhith ann ann an 1917 ach, air an tolladh leis an acras agus seachd, searbh sgìth den chogadh, ghabh 100,000 luchd-obrach gu srà idean Bherlin air 28mh den Fhaoilleach 1918, ag iarraidh gum bu chòir an cogadh a thoirt gu crìoch sa bhad.
Agus cha b' ann a-mhà in ann an dachannan air feadh na rìoghachd a bha biadh air a chaomhnadh - bha gnothaichean a' fàs teann cuideachd do dhaoine a bha ag ithe ann an taighean-òsta, clubaichean is dachaighean leabaidh is braiceast bho seo a-mach.
Bha bà taichean-aigeil na Gearmailt a' dèanamh sgrios uabhasach agus chaidh sin a dhearbhadh air 5mh den Ghearran 1918 an uair a chaidh an soitheach Breatannach SS Tuscania, a bha luma là n saighdearan Ameireaganach, a chuir fodha a-mach bho chladach Èirinn.
Eadar saighdearan is criutha bha còrr is 2,400 air bòrd. Dhiubh sin chaidh còrr is 2,200 a shà bhaladh ach chaillear còrr is dà cheud, le leth-cheud de na cuirp a' tighinn air tìr ann an Eilean Ìle. Cluinnidh sinn mu na seallaidhean a bha feitheamh air muinntir an eilein an là thairne mhà ireach agus mar a chaidh dèiligeadh ris.
Aig dà uair sa mhadainn air 9mh den Ghearran 1918, chuir Bulgà ria, a' Ghearmailt an Ostair san Ungaire, an Tuirc agus Pà rlamaid na Ucrà in an ainmean ri aonta sìth. B'e an rud a b'inntinniche mu dheidhinn an aonta gun robh a' Ghearmailt ag aithneachadh an Ucrà in a bha a' sireadh neo-eisimileachd bho riaghladh na Ruis.
Mar a bhiodh dùil cha do chòrd seo ro mhath ris na Ruiseinich agus an lathairne mhà ireach dh'innis Leon Trotsky, ged a bha an cogadh eadar an Ruis 's a' Ghearmailt seachad, nach cuireadh iad an ainm idir ris an aonta sìth.
Air taobh eile a' chuain, ann an òraid gu math biorach, rinn Ceann-suidhe nan Stà itean Aonaichte, Woodrow Wilson, follaiseach air 11mh den mhìos gun robh teagamhan airesan cuideachd mun aonta. Chuir e air adhart ceithir prionnsabalan ùra, le rabhadh - mura rachadh gabhail riutha 's an leantainn nach biodh roghainn ann ach an t-sabaid a chumail a' dol.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 19 Feb 2018 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 19 Feb 2018 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Feb 2018 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal