Episode 186
A' chiad aonta-sìth dha ruighinn aig Brest-Litovsk ach teagamh mu dheidhinn sna Stà itean. Peace signed at Brest-Litovsk between Central Powers and Ukraine but doubted in the US.
Aig dà uair sa mhadainn air 9mh den Ghearran 1918, chuir Bulgà ria, a' Ghearmailt an Ostair san Ungaire, an Tuirc agus Pà rlamaid na Ucrà in an ainmean ri aonta sìth. B'e an rud a b'inntinniche mu dheidhinn an aonta gun robh a' Ghearmailt ag aithneachadh an Ucrà in a bha a' sireadh neo-eisimileachd bho riaghladh na Ruis.
Mar a bhiodh dùil, agus mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill, cha do chòrd seo ro mhath ris na Ruiseinich agus an lathairne mhà ireach dh'innis Leon Trotsky, ged a bha an cogadh eadar an Ruis 's a' Ghearmailt seachad, nach cuireadh iad an ainm idir ris an aonta sìth.
Air taobh eile a' chuain, ann an òraid gu math biorach, rinn Ceann-suidhe nan Stà itean Aonaichte, Woodrow Wilson, follaiseach air an 11mh gun robh teagamhan airesan cuideachd mun aonta. Chuir e air adhart ceithir prionnsabalan ùra, le rabhadh - mura rachadh gabhail riutha 's an leantainn nach biodh roghainn ann ach an t-sabaid a chumail a' dol.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 150218
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 15 Feb 2018 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 16 Feb 2018 11:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal