Litir à ireamh 964
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 964.
Last on
More episodes
Previous
Next
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 660
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 964
Duration: 05:00
Litir 964: Radio Caledonia (1)
Bha mi ag èisteachd ri prògram o chionn ghoirid air Rèidio 4. Aig an fhìor thoiseach bha guth aithnichte ann – am Morair Haw-Haw ag aithris ‘Germany Calling, Germany Calling’. Bidh sibh eòlach air cò e, tha mi an dùil – Uilleam Joyce – craoladair Natsach anns an Dà rna Cogadh a bha a’ craoladh propaganda gu Breatainn ann am Beurla. Bha blas aige mar gur e fear de na h-uaislean Sasannach a bh’ ann.
           Dh’inns tè-lìbhrigidh a’ phrògraim gun robh barrachd na dìreach Joyce an sàs ann an craoladh dhen t-seòrsa sin. Bha eadhon fear Albannach ann. ʼS ann às a’ Ghà idhealtachd a bha e. Cha chreid mi gun robh mi air sin a chluinntinn roimhe.
Bha an còrr dhen phrògram a-mach air Dòmhnall Grannd, a rugadh ann an Alanais, ann an taobh an ear Rois, ann an naoi ceud deug ʼs a seachd (1907). Chruthaich e Radio Caledonia.
Eucoltach ri Uilleam Joyce, chan eil gin de na clà raidhean a rinn an Granndach ann am bith an-diugh. Ach lorg an tè air Rèidio 4 tar-sgrìobhaidhean de chuid de na prògraman aige. Cha chreid mi nach e MI5 a rinn iad. Bha Dòmhnall a’ cumail a-mach gun robh e na ‘nà iseantach’ Albannach, ach aig a’ chridhe, ʼs e Faisisteach a bh’ ann. Agus bha na seirbheisean-brathaidh Breatannach eòlach air.
           Bha athair Dhòmhnaill na ghròsair ann an Alanais, agus bha Dòmhnall na sgoilear ann an Sgoil Phoblach Alanais agus Acadamaidh Inbhir Pheofharain. Dhearbh e aig aois òg gun robh beachdan claon aige air poilitigs. Chan eil fios le cinnt nach do thachair e ri Uilleam Joyce nuair a bha e òg oir a rèir choltais bhiodh Joyce a’ dol gu coinneamhan faisisteach ann an oighreachd ann an Cataibh far an robh mà thair Dhòmhnaill na glanadair. Co-dhiù, thà inig e dhachaigh le beachdan a bha cho damainte ʼs gun do chuir athair a-mach às an taigh e.
           An dèidh na sgoile, bha e ag obair ann am Bradford agus sa Chaisteal Nuadh ann an Sasainn. An uair sin bha e ann an Lunnainn agus Èirinn mus deach e air ais a dh’Alanais airson greis. Tron chuid as motha de na tritheadan bha e ann an Lunnainn, aig à m nuair a bha na Natsaich is Faisistich ag èirigh air feadh na Roinn Eòrpa.
A rèir choltais bha e measail air Sir Oswald Mosley agus a’ bhuidheann aige – Na Lèintean Dubha. Ann an agallamhan le luchd-tèarainteachd Breatannach an dèidh a’ chogaidh, dh’aidich e gun robh e fhèin is ceannard propaganda nan Natsach, Rolf Hoffmann, a’ sgrìobhadh gu cà ch a chèile aig deireadh nan tritheadan. Bha Dòmhnall a’ gabhail ‘Derrick’ air fhèin aig amannan – agus cuideachd ‘British Fascist’.
           Mar a bha Faisistich eile aig an à m, bha an Granndach a’ cumail a-mach gun robh e ag iarraidh sìth agus gun robh e riatanach cogadh eadar a’ Ghearmailt agus Breatainn a sheachnadh. Ach bha e dhen bheachd gur e Iùdhaich a bha a’ ruith Bhreatainn agus gur e Faisisteachd an dòigh airson sin fhuasgladh.
           Bha Grannd a’ cumail a-mach gun d’ fhuair e cuireadh a dhol a dh’fhuireach anns a’ Ghearmailt le teaghlach Gearmailteach airson ceithir seachdainean. As t-samhradh naoi ceud deug, trithead ʼs a naoi (1939), nuair a bha mòran a’ teicheadh às a’ Ghearmailt, chaidh Dòmhnall Grannd ann. Agus chì sinn dè thachair dha an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: tè-lìbhrigidh: presenter; eadhon: even; Dòmhnall Grannd: Donald Grant; Alanais: Alness; ³Ù²¹°ù-²õ²µ°ùì´Ç²ú³ó²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô: transcripts; seirbheisean-brathaidh: spying services; Na Lèintean Dubha: The Blackshirts; faisisteach: fascist; ±õù»å³ó²¹¾±³¦³ó: Jews.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Aig an fhìor thoiseach bha guth aithnichte ann: at the very beginning there was a familiar voice; craoladair Natsach anns an Dà rna Cogadh a bha a’ craoladh propaganda: a Nazi broadcaster in the Second World War who was broadcasting propaganda; cha chreid mi gun robh mi air sin a chluinntinn roimhe: I don’t think I’d heard that before; chan eil gin de na clà raidhean a rinn an Granndach ann am bith an-diugh: none of the broadcasts that Grant made exist today; cha chreid mi nach e MI5 a rinn iad: I think it was MI5 that made them; bha athair Dhòmhnaill na ghròsair: Donald’s father was a grocer; gun robh beachdan claon aige air poilitigs: that he had perverse views on politics; oighreachd ann an Cataibh far an robh mà thair Dhòmhnaill na glanadair: an estate in East Sutherland where Donald’s mother was a cleaner; tron chuid as motha de na tritheadan: through most of the thirties; dh’aidich e gun robh e fhèin is ceannard propaganda nan Natsach a’ sgrìobhadh gu cà ch a chèile: he admitted that he and the head of Nazi propaganda were writing to each other; gun robh e riatanach cogadh eadar a’ Ghearmailt agus Breatainn a sheachnadh: that it was necessary to avoid a war between Germany and Britain; gur e Faisisteachd an dòigh airson sin fhuasgladh: that Fascism was the way to solve that; gun d’ fhuair e cuireadh a dhol a dh’fhuireach anns a’ Ghearmailt le teaghlach Gearmailteach: that he received an invitation to go to stay in Germany with a German family; nuair a bha mòran a’ teicheadh às a’ Ghearmailt: when many people were fleeing from Germany.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Bha blas aige mar gur e fear de na h-uaislean Sasannach a bh’ ann: he spoke [had an accent] as if he were one of the English gentry. Mar gur e or mar gum b’ e (past tense) are useful structures. Bha e ga ghiùlan fhèin mar gur e Eadailteach a bh’ ann ‘he was behaving as if he were an Italian’.Â
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Aig an fhìor thoiseach: at the very beginning.
Broadcasts
- Sun 7 Jan 2018 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 10 Jan 2018 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.