
Le Là mhagh agus Bìoball
Criosaidh Lawson ag innse mu a turas gu na Eastern Townships ann an Quebec ann an 1991. Tha late Chris Lawson's trip to the Eastern Townships in Quebec in 1991.
Nuair a bha i ag èirigh suas ann an Seiseadar, sa Rubha a Leòdhas bhiodh Criosaidh Lawson a' cluinntinn iomadach sgeulachd mu dhaoine às a' sgìre a chaidh a-null a Chanada aig toiseach na ficheadamh linn. Ach a thuilleadh air a sin bhiodh i a' cluinntinn ainmean dhaoin' eile a dh'fhalbh romhpa agus gun fhios cà it' an deach iad. B' ann nuair a choinnich i ris an duin' aice Bill, a bh' air mòran rannsachaidh a dhèanamh air sloinntearachd, a fhuair i a-mach barrachd mun deidhinn agus a thog i barrachd ùidh unnta. Bha Bill eòlach air an à ite dhan deach iad cuideachd - Eastern Townships an Quebec.
Bha 350 teaglach, a' mhòr chuid à Leodhas agus feadhainn às na Hearadh agus à Uibhist air a dhol a-null eadar 1838 agus 1900, cuid dhan deòin agus cuid dhan aindeoin. Bha a' chuid mhòr dhiubh à Uig, Barabhas agus na Lochan. Fhuair iad talamh an ceann a deas Quebec, air crìochan Maine, 100 mile an ear air Montreal agus 100 mile deas air Quebec City. 'S e talamh a bh' ann anns nach robh duine sam bith air a bhith fuireach roimhe sin agus bha e là n chraobhan, Ann an 1881 bha 3000 eileanach ri fuireach sa sgìre, le Gà idhlig mar chiad chà nan; ann a 1991, nuair a chaidh Criosaidh a-mach bha mu 20 ann. Fhads a bha i ann choinnich Criosaidh ri cuid dhiubh agus chlà r i còmhraidhean leotha a tha prìseil an-diugh - Aonghas agus Eva Moireasdan, Ailig MacÌomhair, Ciorstaidh 's Iain MacChoinnich agus Muriel Mayhew.
Chaochail Criosaidh Lawson san Iuchar 2017.
Last on
Broadcast
- New Year's Day 2018 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal