Main content
Sorry, this episode is not currently available

1 of 3

Luchd-leughaidh a' cuimhneachadh air na bha am pàipear a' ciallachadh dhaibh. Readers reflect on the importance and sheer popularity of the Stornoway Gazette in its heyday.

'S ann air a' chòigeamh latha den Fhaoilleach 1917 a nochd a' chiad iris den phàipear-naidheachd ionadail, Gasaet Steòrnabhaigh. B' e Uilleam Grannd, fear-naidheachd à Inbhirnis a bha air a bhith ag obair aig a' Highland News a thòisich e, agus às dèidh a bhàis ann a 1932, ghabh a mhac James Shaw Grant os làimh obair an neach-deasachaidh, obair a lean e a' dèanamh gu tràth sna 60an.

Anns a' phrògram seo tha luchd-leughaidh a' cuimhneachadh air na bha am pàipear ionadail a' ciallachadh dhaibh agus a' meòrachadh air mar a bha
Gasaet Steòrnabhaigh gu mòr an urra ri sgrìobhadairean eadar-dhealaichte airson a bhith a' cumail fiosrachaidh ris an luchd-leughaidh air gach nì, beag no mòr, a bha a' gabhail àite anns na coimhearsnachdan aca fhèin eadar Rubha Robhanais agus Ceann Bharraigh. Bha gu leòr le colbhan sònraichte aca dhaibh pèin, a bha air leth tarraingeach anns an dòigh anns an robh iad air an sgrìobhadh mar a tha Ceitidh Anna NicChoinnich a' faighinn a-mach. B'e cuid de na colbhan a bhiodh a' nochdadh - Gàidheil Ghlaschu, Bodach às a' Rubha aig Uilleam Carrocher agus cluinnidh sinn na bh' aig Seòras Moireasdan à Tolostadh bho Thuath ri ràdh anns na Brevities.

Cuideachd, cluinnidh sinn an t-àite a bh' aig sanasan anns a' Ghasaet aig aon uair agus coinnichidh sin ri Catrìona NicDhòmhnaill às na Hearadh a bhiodh a' sgrìobhadh dà cholbh 'Letter from the Croft' agus 'Comment from the Edge'.

30 minutes

Last on

Sun 31 Dec 2017 09:30

More episodes

Previous

You are at the first episode

Next

See all episodes from Gasaet Steòrnabhaigh aig 100

Broadcasts

  • Boxing Day 2017 12:00
  • Wed 27 Dec 2017 22:00
  • Sun 31 Dec 2017 09:30