Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 172

Thàinig Treas Blàr Ypres gu ceann agus thug na Breatannaich ionnsaigh air baile Tekrit. The Third Battle of Ypres comes to an end and the British take Tekrit.

Rinn Arm Bhreatainn adhartas math ann am Mesopotamia an t-seachdain seo ann a 1917 is an t-Arm Turcach a' tarraing air ais gu Tekrit, seann bhaile ri taobh Abhainn Tigris, aig toiseach na mìos. Bha amharas aig a' Chomanndair Bhreatannach, Sir Frederick Maude, gu robh na Turcaich an dùil tarraing air ais nas fhaide, a' toirt leotha nan goireasan a bh' aca air a stòradh ann an Tekrit, agus thug e òrdugh do chomanndair an Ochdamh Brigade, an Seanalair Cobbe, ionnsaigh a thoirt air a' bhaile. Tha fiosrachadh aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn mu na thachair.

Air an 6mh den t-Samhain 1917 thàinig Treas Blàr Ypres, no Blàr Passchendaele, gu ceann nuair a ghabh Corps Canèidianach Arm Bhreatainn sealbh air a' bhaile, ged a bha an t-sabaid dol a leantainn san sgìre mun cuairt airson ùine fhathast. Bha am blàr air tòiseachadh san Iuchair agus bha call-beatha mòr na lùib.

10 minutes

Last on

Fri 10 Nov 2017 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 9 Nov 2017 21:00
  • Fri 10 Nov 2017 11:50