Litir do Luchd-ionnsachaidh
Tha Ruairidh MacIllEathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Seo Litir à ireamh 953.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 649
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 953
Duration: 05:00
Litir 953: Ainmean-Ã ite Thiriodh
An-diugh tha sinn a’ dol a Thiriodh. No Tiridhe, mar a chanas cuid. Am measg nam bailtean anns an eilean, tha Baile Mhà rtainn. Bha mi riamh an amharas gum b’ e am Mà rtainn anns an ainm Naomh Mà rtainn à Tours anns an Fhraing. Ach chan eil na sgoilearan cinnteach cò bh’ ann. Tha an t-ainm a’ nochdadh an toiseach anns an riochd Balmartin air mapa Bhlaeu ann an sia ceud deug, caogad ʼs a ceithir (1654). ʼS dòcha gur e ainm-à ite car ùr a th’ ann. Air an là imh eile, leis gu bheil e a’ nochdadh mar Balmartin, seach Balvartin, thathar a’ smaoineachadh gun robh an t-ainm air a chruthachadh fada roimhe sin nuair nach robh sèimheachadh ann de dh’ainmean pearsanta anns an tuiseal ghinideach.
           ʼS dòcha gur e Mà rtainn dìreach ainm pearsanta aig fear de mhuinntir an à ite. Tha taigh anns a’ bhaile air a bheil Taigh Mhà rtainn. Thathar ag rà dh gun robh fear Mà rtainn a’ fuireach ann. An latha a chaochail a bhean, fhuair e fhèin bàs obann le cridhe briste. Roimhe sin, bha e air dà chiste fhaicinn, agus iad a’ fà gail an taigh aige aig an aon à m. Bha an dà -shealladh aige.
           Fhuair mi am fiosrachadh mu Bhaile Mhà rtainn à leabhar air leth a thà inig a-mach na bu trà ithe dhen bhliadhna seo. Bha an t-ùghdar, John Holliday, na dhotair-teaghlaich ann an Tiriodh fad trithead bliadhna. Roimhe sin bha e ag obair leis na Pintupi, treubh de thùsanaich ann am meadhan Astrà ilia. Bha ùidh aig John sa chà nan anns gach à ite, agus tha e a-nise fileanta ann an Gà idhlig. Bruidhnidh e i le blas Thiriodh air a theangaidh.
           ʼS e ainm an leabhair Longships on the Sand, agus tha e mu dheidhinn mar a rinn na Lochlannaich agus muinntir nam meadhan-aoisean tuineachadh san eilean, agus na h-ainmean-à ite a chruthaich iad. ʼS e fìor obair sgoilearach a th’ innte agus chanainn gum bu chòir lethbhreac a bhith anns a h-uile taigh san eilean!
           ʼS e à ite math a th’ ann an Tiriodh airson a bhith ag obair air ainmean-à ite oir tha e air a bhith ann an là mhan an aon teaghlaich airson faisg air trì cheud gu leth bliadhna. Tha na clà ran oighreachd aig Diùc Earra-Ghà idheal a’ dol air ais an ìre mhath cho fada sin. Agus, o chionn ghoirid, chaidh tòrr obair cruinneachaidh de bheul-aithris a dhèanamh ann le Sgoil Eòlais na h-Alba.
           Bu mhath leam puing a thogail à s an leabhar. ʼS e sin am fuaim grian mar a tha e a’ nochdadh ann an ainmean-à ite Lochlannach. Tha ceithir à iteachan ann an Tiriodh air a bheil Grianal mar ainm. Tha John Holliday dhen bheachd gu bheil sin a’ riochdachadh buaidh na Gà idhlig air na h-eileamaidean Lochlannach groenn ‘uaine’ agus ³óó±ô±ô ‘cnoc cruinn’. Tha sin a’ fà gail ceist mu bhaile Ghrianaig siar air Glaschu. Dè tha nas coltaiche – à ite na grèine (mar a tha cuid a’ cumail a-mach) – no groenn-vik ‘bà gh uaine’?
           B’ e seann ainm Bhaile Mhà rtainn Sòrabaidh. Tha sin glèidhte fhathast ann an ainm a’ chladh – Cladh Shòrabaidh – agus ainm na trà ghad – Trà igh Shòrabaidh. Tha Sòrabaidh na ainm Lochlannach, a’ ciallachadh ‘baile air talamh bog’. Tha Longships on the Sand là n fiosrachadh inntinneach mar sin, a bharrachd air eachdraidh shòisealta Thiriodh. Mo bheannachd aig John Holliday airson a chuid saothrach.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Baile Mhà rtainn: Balemartine; an dà -shealladh: second sight; ³Ùù²õ²¹²Ô²¹¾±³¦³ó: aborigines; clà ran oighreachd: estate records; Diùc Earra-Ghà idheal: the Duke of Argyll; Grianaig: Greenock; eachdraidh shòisealta: social history.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha mi riamh an amharas gum b’ e am Mà rtainn anns an ainm Naomh Mà rtainn à Tours: I alway suspected that the Martin in the name was Saint Martin of Tours; ʼs dòcha gur e ainm-à ite car ùr a th’ ann: perhaps it is a relatively modern place name; gun robh an t-ainm air a chruthachadh fada roimhe sin: that the name was created a long time before that; an latha a chaochail a bhean: the day his wife died; fhuair e fhèin bàs obann le cridhe briste: he himself died suddenly of a broken heart; bha e air dà chiste fhaicinn, agus iad a’ fà gail an taigh aige aig an aon à m: he had seen two coffins leaving his house at the same time; à leabhar air leth a thà inig a-mach na bu trà ithe dhen bhliadhna seo: from a great book that came out earlier this year; bha X na dhotair-teaghlaich ann an Tiriodh fad trithead bliadhna: X was a GP in Tiree for thirty years; bruidhnidh e i le blas Thiriodh air a theangaidh: he speaks it with a Tiree ‘blas’ on his tongue; mar a rinn na Lochlannaich agus muinntir nam meadhan-aoisean tuineachadh san eilean: how the Vikings and the people of the middle ages settled on the island; chanainn gum bu chòir lethbhreac a bhith anns a h-uile taigh: I’d say that a copy should be in every house; chaidh tòrr obair cruinneachaidh de bheul-aithris a dhèanamh ann le Sgoil Eòlais na h-Alba: a lot of collecting of oral tradition was done there by the School of Scottish Studies; a’ riochdachadh buaidh na Gà idhlig air na h-eileamaidean Lochlannach: representing the effect of Gaelic on the Norse elements.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: nach robh sèimheachadh ann de dh’ainmean pearsanta anns an tuiseal ghinideach: that there was not lenition of personal names in the genitive case. While today we generally lenite masculine names in the gentive case eg taigh Dhonnchaidh ‘Duncanʼs house’, leabhar Chaluim ‘Malcolmʼs book, this was not always the case as is seen with the saints’ holy dates which, being very old, follow the old grammatical model eg Fèill Mìcheil ‘Michaelmas’ and Fèill Pà draig ‘St Patrickʼs Day.Â
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Mo bheannachd aig X airson a chuid saothrach: my thanks [blessing] to X for his labours.
Broadcasts
- Sun 22 Oct 2017 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 25 Oct 2017 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.