Episode 169
Na Gearmailtich a' cur air adhart Operation Albion agus Mata Hari dha cuir gu bà s. The Germans begin Operation Albion and Mata Hari is executed for treason.
Air an 13mh den Dà mhair 1917, bha na Gearmailtich a' cur air adhart Operation Albion - plana airson eileanan aig beul Camus Riga far cladach Estonia an Iar, aig an à m na phà irt de Phoblachd na Ruis, a ghabhail thairis. Lean sabaid mhòr agus muir 's air tìr agus mu dheireadh fhuair na Gearmailtich sealbh air Eilean Moon.
Aig briseadh an latha air an 15mh den Dà mhair chaidh an dannsair Gertrud Margarete Zelle, ainmeil mar Mata Hari, a chur gu bàs aig Vincennes air iomall Pharis, an dèidh dhith a bhith air a faighinn ciontach mar neach-brathaidh. Bha i ainmeil chionns gum biodh i a' dannsa air an à rd-ùrlair cha mhòr gun stiall aodaich oirre. Bha i dà fhichead 's a h-aon nuair a chaidh a cuir gu bàs 's chun an latha an-diugh chan eil e idir soilleir ciamar no cò dhà a bha i na neach-brathaidh. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mun cheangal a bh' aice ri Alba.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 191017
Duration: 10:00
Broadcast
- Thu 19 Oct 2017 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal