Episode 167
Batal Broodseinde agus gnothaichean bìdh aig an taigh sna naidheachdan. The Battle of Broodseinde is fought and food supplies at home are in the news.
Nochd artaigail beag inntinneach ann am pà ipear an Òbain Disathairne 29mh den t-Sultain 1917 ag innse mu na bhathas a' cruinneachadh de dh'uighean airson an cur air adhart chu na saighdearan a bh' air an leò, agus, san aon iris dhen phà ipear-naidheachd, bha rabhadh bho Choimiseanair Bìdh Taobh Siar na h-Alba, Gideon Murray, a bha draghail gum faodadh lùghadachadh ann am prìs an à rain soithichean Breatannach a chur ann an tuilleadh cunnart bho bhà taichean-aigeil na Gearmailt. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a chaidh dèiligeadh ris.
B' e Batal Broodseinde, am batal a bu shoirbheachaile san Treas Blà r aig Ypres, agus le taic bho Arm Astrà lia 's New Zealand chaidh aig na Breatannaich air smachd a ghabhail air Druim Broodseinde air a' chiad latha. Ach a-rithist cha b' ann gun chall a bha e le faisg air 6,500 Astrà lianaich, mu 900 à New Zealand agus 300 Breatannach air an leòn no air am marbhadh. Bha na h-à ireamhan aig na Gearmailtich cho à rd ri 10,000 agus chaill iad 5,000 prìosanach cuideachd. Chan eil e na iongnadh mar sin gun deach an 4mh den Dà mhair 1917 a chlà radh mar 'Latha Dubh' ann an eachdraidh cogaidh oifigeil na Gearmailt.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 051017
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 5 Oct 2017 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 6 Oct 2017 11:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal