Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.

Air an 3mh den t-Sultain 1917 dh'fhàg còig de na bomairean ùra Gearmailteach, an Gotha GV, raon-laighe Gontrode sa Bheilg aig leth-uair an dèidh a naoi a dh'oidhche. Ràinig iad costa deas Shasainn mu aon uair deug agus goirid às dèidh sin bha iad air an slighe suas abhainn Medway a dh'ionnsaigh baile-puirt Chatham, le soillse na gealaich is solais nam bailtean gan treòrachadh. 'S e rud ùr a bha anns na h-ionnsaighean-oidhche do mhuinntir na sgìre agus cha robh iad ullaichte air an son.
Chaidh còrr is dà fhichead bom a leigeil às uile-gu-lèir. Bhuail fear dhiubh mullach an Drill Hall aig ionad an Nèibhidh ann an Chatham agus b' e sin am fear a bu mhotha a rinn de chall. Cluinnidh sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thachair.

Am measg naidheachdan mu chall, tha naidheachd aig Gilleasbuig mu na leòintich. Bho mheadhan 1916, chaidh tòiseachadh a' toirt phrìosanaich-cogaidh a bha air an droch leòn , no a bha aois àraidh, às na campaichean san robh iad agus an gluasad dhan Eilbheis far am faigheadh iad cùram dotair. Bha seo fo sgiath Crois Dhearg na dùthcha sin 's bha saighdearan ann às gach dùthaich a bha an sàs anns a' Chogadh. Air an aonamh là deug den t-Sultain 1917 chaidh a' chiad bhuidheann de na prìosanaich Breatannach a bha san Eilbheis fon a' phrògram a leigeil dhachaigh a Shasainn.

Tha litrichean cuideachd bho fhear à Ìle, a bha san ospadal a Sasainn, gu phiuthar agus bho fhear à Leodhas a bh' air a bhith air bòrd soitheach a chaidh air a' chladach an ceann a tuath Afraga.

Agus thòisich Blàr Rathad Menin, pàirt de Threas Blàr Ypres, air an 20mh den t-Sultain 1917. Bha comanndair Dara Arm Bhreatainn, an Seanalair Herbert Plumer, air plana a dhealbh airson faighinn seachad air siostam-dìon na Gearmailt, agus chaidh fheuchainn an toiseach sa bhlàr seo. Chun a seo, cha robh na Gearmailtich a' dèanamh oidhirp mhòr sam bith air a' chiad loidhne aca a dhìon ach, nuair a bhristeadh na Breatannaich troimhe dhan dara loidhne, bha aonadan ghunnaichean-luath romhpa an sin a bha cur stad orra. Bha na Gearmailtich an uairsin a' tighinn air adhart luath on chùl - is mar as trice a' buannachd air ais an talamh a chaill iad. Cluinnidh sinn mar a dh'atharraich Seanalair Plumer cùisean leis a' phlana ùir.

30 minutes

Last on

Sun 1 Oct 2017 13:00

Broadcasts

  • Mon 25 Sep 2017 12:00
  • Mon 25 Sep 2017 22:00
  • Sun 1 Oct 2017 13:00