17/09/2017
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain 'sa. Seo litir à ireamh 946.
Last on
An Litir Bheag 644
The Little Letter 644
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 948
Duration: 05:00
Litir 948: Iain Lom (2)
An t-seachdain sa chaidh bha mi a’ bruidhinn mu Iain Lom, bà rd na Ceapaich. Bha mi ag innse dhuibh gur e Iain Manntach a bha cuid a’ gabhail air. Ach dè bha e a’ gabhail air fhèin? Uill, tha sin a’ tighinn am follais anns an òran aige ‘Murt na Ceapaich’. Tha Iain ag iarraidh air Sir Seumas Dòmhnallach, ceann-cinnidh Dòmhnallaich Shlèite, dìoghaltas a ghabhail air an t-seachdnar a mhuirt oighre òg Dòmhnallaich na Ceapaich agus a bhrà thair.
Seo an rann mu dheireadh: Chan eil tuill’ aig Iain Mabach, Ri rà dh ribh chum ur dùsg’, Rinn mi glan is glè shoilleir, M’ inntinn fhèin dhuibh a rùsg’, Is mur d’fhoghainn leibh ʼchaismeachd ud, Chlann Dòmhnaill tha treun, Gheibh sibh spìd is mòr-mhasladh, Ged nach tabhair mi ʼm beum.
Sin e. Bha e a’ gabhail air fhèin ‘Iain Mabach’ – a’ ciallachadh an aon rud ri Iain Manntach. Mu dheireadh chaidh dìoghaltas a dhèanamh agus, a rèir aithris, ʼs e Iain fhèin a gheà rr na cinn far cuirp an t-seachdnair. Ghlan e na cinn aig Tobar nan Ceann taobh Loch Omhaich – far a bheil carragh an-diugh a’ cuimhneachadh a’ ghnothaich.
Bha Iain gu là idir an aghaidh an aonaidh le Sasainn ann an seachd ceud deug ʼs a seachd (1707). Anns an òran aige ‘Òran an Aghaidh an Aonaidh’, tha e a’ cà ineadh nan uaislean a thug taic don aonadh, gu seachd à raidh ceann-cinnidh Cloinn ʼic Coinnich, Iarla Bhrathainn. Seo rann bhon òran:
Iarla Bhrathainn à Sìophort, Cha bhi sìothshaimh ri d’ bheò dhut, Gum bi ortsa cruaidh fhaghaid, Thall a-staigh dhen Roinn Eòrpa; Ach nam faighinn mo roghainn, ʼS dearbh gu leaghainn an t-òr dhut, A-staigh air faochaig do chlaiginn, Gus an cas e do bhòtainn. Bha beachdan là idir aig Iain agus cha robh e leisg ann a bhith a’ dearbhadh a chuid grà in!
Bha mi ag innse dhuibh gun robh Iain air a thiodhlacadh ann an Cladh Cille Choirill. Ann an naoi ceud deug, caogad ʼs a h-aon (1951), thachair Calum I MacGill-Eain, am fear-cruinneachaidh beul-aithris, ri fear Iain Beag Dòmhnallach, bà rd à Loch Abar. Bha Iain dìreach a’ tighinn a-mach à aifreann ann an Eaglais Cille Choirill air latha fuar, sneachdach. Bhruidhinn Calum ris ann an Gà idhlig agus dh’fhosgail sin doras iongantach do Chalum. Chruinnich e còrr is còig ceud pìos de bheul-aithris bho Iain, agus bha feadhainn dhiubh co-cheangailte ri Iain Lom.
Air latha tiodhlacaidh Iain Luim, bha bà rd à Gleanna Comhann an là thair. B’ esan Dòmhnallach eile, Aonghas Alasdair Ruaidh. Bhruidhinn fear às a’ Cheapach ris – fear Gilleasbu’ na Ceapaich – an dèidh an tiodhlacaidh. Seo na thuirt Aonghas ris mar aithris air beatha Iain Luim:
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý B’ fhuath leat Mà iri, ²ú’ fhuath leat Uilleam, B’ fhuath leat Sìol Dhiarmaid uile; A h-uile neach nach biodh rìoghail. Dh’innseadh tu dhaibh e gun iarraidh, Gaol an leòmhainn ʼs fuath an tuirc, Anns an uaigh sa bheil do chorp, Dhia thoirt maitheanas dhut, Bha thu dìoghaltach anns an olc.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Cha chanadh tu gur e òran molaidh a tha sin! Ach ʼs dòcha gun robh e a’ tighinn ris an stoidhle sgrìobhaidh aig Iain fhèin.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Dòmhnallaich Shlèite: the MacDonalds of Sleat; Loch Omhaich: Loch Oich; Iarla Bhrathainn: The Earl of Brahan; ³§Ã¬´Ç±è³ó´Ç°ù³Ù: Seaforth; Gleanna Comhann: Glencoe.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: dìoghaltas a ghabhail: to get revenge; chan eil tuill’ aig Iain Mabach ri rà dh ribh chum ur dùsg’: Stammering John has no more to say to you to keep you awake; rinn mi glan is glè shoilleir, m’ inntinn fhèin dhuibh a rùsg’: I clearly opened my mind to you; mur d’fhoghainn leibh ʼchaismeachd ud: if that alarm warning was not enough for you; gheibh sibh spìd is mòr-mhasladh ged nach tabhair mi ʼm beum: you’ll suffer contempt and disgrace though it’s not me that will utter the taunt; a gheà rr na cinn far cuirp an t-seachdnair: who cut the heads from the bodies of the seven men; a’ cà ineadh nan uaislean a thug taic don aonadh: criticizing the nobles who supported the union; cha bhi sìothshaimh ri d’ bheò dhut: you’ll never have peace as long as you live; gum bi ortsa cruaidh fhaghaid: may there be a hard hunt in pursuit of you; nam faighinn mo roghainn, ʼs [gu] dearbh gu[n] leaghainn an t-òr dhut: if I had a choice, certainly I’d melt gold for you; a-staigh air faochaig do chlaiginn, gus an cas e do bhòtainn: [I’d inject it] into the shell of your skull until it reached your boot(s); a’ tighinn a-mach à aifreann: coming out of mass; dh’innseadh tu dhaibh e gun iarraidh: you would tell them without them asking; gaol an leòmhainn ʼs fuath an tuirc: the love of the lion and the hatred of the boar; bha thu dìoghaltach anns an olc: you were wickedly vengeful; gun robh e a’ tighinn ris an stoidhle sgrìobhaidh aig X: that it was suitable for [and similar to] X’s writing style.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: B’ fhuath leat Mà iri, ²ú’ fhuath leat Uilleam, B’ fhuath leat Sìol Dhiarmaid uile: you hated Mary, you hated William [protestant joint monarchs of Scotland and England], you hated the whole of the descendants of Diarmad [meaning Clan Campbell]. Fuath means ‘hatred, aversion’. In the present tense we might say is fuath leam ‘I hate’ but in the past tense we lenite fuath under the influence of bu and because the ‘f’ is silenced by lenition, bu is reduced to ²ú’ eg ²ú’ fhuath leam ‘I hated’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: cha robh e leisg ann a bhith a’ dearbhadh a chuid grà in: he wasn’t slow [lazy] in proving his hatred.
Broadcasts
- Sun 17 Sep 2017 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 20 Sep 2017 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.